ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

436: Johann von Lamont

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

A bharrachd air a bhith na shàr-reuladair, bha Johann von Lamont, a rugadh ann an Gàidhealtachd Siorrachd Obar Dheathain, aithnichte mar eòlaiche air iùil-tharraing agus dealan. Chruthaich e uidheamachd a ghabhadh cleachdadh airson neart na h-iùil-tharraing air uachdar na talmhainn a thomhas. Rinn e fhèin obair mhòr ann a bhith a’ tomhas a leithid ann am Babhàiria. Às dèidh sin, fhuair e cùmhnantan bho riaghaltasan grunn dùthchannan Eòrpach eile airson an aon rud a dhèanamh dhaibhsan.

Sgrìobh e mu bhuaidh na gealaich air gluasad snàthad iùil-tharraingeach, agus mhothaich e gun robh neart na h-iùil-tharraing air uachdar na talmhainn a’ gluasad ann an cuairtean deicheadach. Bha sin gu math faisg air cuairt spotan na grèine a chaidh a lorg le Heinrich Schwabe. Agus sgrìobh von Lamont tràchdas air a’ cheangal eadar comharraidhean dealain na Talmhainn agus iùil-tharraing na planaid. Bha e gu math ainmeil ann an saoghal saidheans – air feadh an t-saoghail.

Ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a trì (1873) chaidh Iarla Crawford, a bha na reuladair neo-dhreuchdail, gu ruige Munich airson bruidhinn ri von Lamont, agus comhairle fhaighinn bhuaithe mu uidheamachd. Thòisich an t-Iarla an còmhradh ann an Gearmailtis agus chuir e iongnadh air nuair a fhreagair am fear eile ann am Beurla, le blas Albannach.

Fhuair von Lamont ballrachd anns a’ Chomann Rìoghail ann an Lunnainn – an t-urram a thomhais e fhèin thar a h-uile fear eile. Airson còrr is leth-cheud bliadhna, bha e a’ fuireach leis fhèin ann am baile beag Bogenhausen faisg air Munich. Chaochail e ann an sin ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a naoi (1879). Bha airgead mòr aige sa bhanca. Leis nach do phòs e, agus nach robh clann aige, thug e cha mhòr an t-airgead air fad do dh’Oilthigh Mhunich mar thaic-airgid do dh’oileanaich.

Nuair a nochd iomradh air beatha is bàs von Lamont anns na pàipearan-naidheachd sa Ghearmailt, mhothaich Bana-phrionnsa na Gearmailt dhaibh. B’ ise nighean Banrigh Bhictoria. Sgrìobh i gu a màthair, ag iarraidh oirre faighinn a-mach an robh càirdean aig von Lamont fhathast beò ann am Bràigh Mhàrr – oir tha Baile Mhoireil gu math faisg air.

Thachair e gun robh fear à Bràigh Mhàrr ag obair don Bhanrigh ann am Windsor. Dh’iarr Bhictoria air an fhear seo rannsachadh a dhèanamh air a’ chùis nuair a rachadh iad a Bhaile Mhoireil. Rinn e sin agus fhuair e a-mach gun robh nighean agus grunn oghaichean aig leth-phiuthar von Lamont fhathast beò. Tha feadhainn a bhuineas don teaghlach sin anns an sgìre chun an latha seo fhèin.

Chaidh von Lamont – a thòisich a bheatha ann an Coire Mhuillidh faisg air Inbhir Èidh mar Iain MacIlleDhuibh no John Lamont – a chomharrachadh ann an dùthaich a bhreith le carragh-cuimhne. Ach bha sin fada às dèidh a bhàis. Chaidh an carragh a chur suas ann an Inbhir Èidh – dìreach mìle bhon àite san do rugadh e – ann an naoi ceud deug, trithead ’s a ceithir (1934).

Ach chan e sin an t-aon àite anns a bheil e air a chuimhneachadh. Tha toll air uachdar na gealaich air a bheil an t-ainm “Lamont”. Tha sin air Muir a’ Chiùineis no Mare Tranquilitatis – faisg air far an tàinig Apollo 11 gu tìr air a’ ghealaich – a’ chiad turas riamh a chuir duine cas oirre.

Sin agaibh, ma-thà, cunntas air beatha Johann von Lamont. Ma tha fiosrachadh sònraichte eile aig duine agaibh air a bheatha no air an fheadhainn leis an robh e, bhithinn uabhasach toilichte cluinntinn bhuaibh. Ach an-dràsta, mar sin leibh.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: tràchdas: treatise, thesis; neo-dhreuchdail: amateur; blas: accent; Baile Mhoireil: Balmoral; Coire Mhuillidh: Corriemulzie; Inbhir Èidh: Invereye.

Abairtean na Litreach: a bharrachd air a bhith na shàr-reuladair: in addition to being a superb astronomer; a rugadh ann an Gàidhealtachd Siorrachd Obar Dheathain: who was born in the Aberdeenshire Gàidhealtachd; chruthaich e uidheamachd: he created equipment; a ghabhadh cleachdadh airson neart na h-iùil-tharraing air uachdar na talmhainn a thomhas: which could be used to measure the strength of magnetism on the Earth’s surface; ann a bhith a’ tomhas a leithid ann am Babhàiria: in measuring such in Bavaria; cùmhnantan bho riaghaltasan grunn dùthchannan Eòrpach: contracts from several European countries; airson an aon rud a dhèanamh dhaibhsan: to do the same thing for them; buaidh na gealaich air gluasad snàthad iùil-tharraingeach: the moon’s influence on the movement of a magnetic needle; spotan na grèine: sunspots; eadar comharraidhean dealain na Talmhainn agus iùil-tharraing na planaid: between the Earth’s electrical characteristics and the planet’s magnetism; comhairle fhaighinn bhuaithe: to get advice from him; an t-urram a thomhais e fhèin thar a h-uile fear eile: the honour he himself valued above all others; leis nach do phòs e: because he didn’t marry; cha mhòr an t-airgead air fad: almost all the money; mar thaic-airgid do dh’oileanaich: as financial assistance to students; thachair e gun robh: it happened that; nighean agus grunn oghaichean aig leth-phiuthar X: the daughter and several grandchildren of X’s half-sister; ann an dùthaich a bhreith le carragh-cuimhne: in the land of his birth with a memorial stone; toll air uachdar na gealaich: a crater on the surface of the moon; Muir a’ Chiùineis: The Sea of Tranquility.

Puing-chànain na Litreach: gun robh neart na h-iùil-tharraing air uachdar na talmhainn a’ gluasad ann an cuairtean deicheadach: that the strength of magnetism on the Earth’s surface was moving in ten-yearly cycles. Deicheadach is the adjectival form of deichead, a decade. Don’t confuse it with deicheach, the adjectival form of deich, ten. Deicheach means “decimal”. Another way of saying the above would be ann an cuairtean a mhaireadh deich bliadhna.

Gnàthas-cainnt na Litreach: mhothaich Bana-phrionnsa na Gearmailt dhaibh: the [Crown] Princess of Germany noticed them.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 132

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean