ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

331: An t-Urramach Tormod MacLeòid

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mu na Cuimrich a dh’fhàg a’ Chuimrigh is a chaidh a dh’fhuireach ann an Argentina, agus an uair sin a dh’fhàg Argentina agus a chaidh a dh’fhuireach ann an Saskatchewan. Uill, bha buidheann de Ghàidheil ann a rinn an dearbh sheòrsa rud, ach chaidh iad mòran na b’ fhaide. Chanadh iad na Normanites riutha oir b’ e an ceannard fear air an robh Norman McLeod – an t-Urramach Tormod MacLeòid. Anns an Litir seo, agus anns an feadhainn a leanas oirre, tha mi airson innse dhuibh mu na daoine sin.

Rugadh Tormod MacLeòid ann an Asainte ann an seachd ceud deug is ochdad (1780). Bha a phàrantan ri croitearachd is iasgach ach bha Tormod na sgoilear math agus aig aois fichead ’s a seachd, chaidh e a dh’Oilthigh Obair Dheathain. Dh’ionnsaich e Seann Ghreugais, Matamataig, Eòlas-nàdair, Feallsanachd Nàdarrach agus Feallsanachd Mhoralta. Nuair a cheumnaich e ann an ochd ceud deug ’s a dhà-dheug (1812), bhuannaich e am bonn òir airson Feallsanachd Mhoralta.

Chaidh e dhachaigh a dh’Asainte agus phòs e a leannan, Màiri NicLeòid. An uair sin, airson dreuchd fhaighinn mar mhinistear, b’ fheudar dha dhol a Dhùn Èideann airson cùrsa a dhèanamh ann an Diadhachd. Ach airson ùine mhòr bha Tormod air a bhith a’ fàs na bu theagmhaiche mun Eaglais mar a bha i agus gu seachd àraidh mu na ministearan innte. Bha iad ro dhìleas do na h-uachdarain agus do dh’ùghdarrasan na stàite. Bha cus ùidh aca, na bheachd, ann an gnothaichean saoghalta, seach gnothaichean spioradail. Rinn Tormod co-dhùnadh mòr. Leig e seachad a’ mhinistrealachd. “B fheàrr leam,” sgrìobh e, “a bhith ceangailte le sèine ri tràill nan Innsean an Iar, agus cogais shaor agam, seach a bhith ceangailte ri pearsaichean-eaglais na h-Alba mar a tha iad an-dràsta…”

Ged a bha an Eaglais a-nise dùinte dha, bha cothrom aige na dh’ionnsaich e ann am foghlam a chur gu feum mar fhear-teagaisg. Fhuair e obair mar thidsear sgoile ann an Ulapul. ’S iad an fheadhainn a dh’fhastaich e buidheann air an robh The Society for Promoting Christian Knowledge. A bharrachd air a bhith a’ teagasg tron t-seachdain, bhathar an dùil gun leughadh e na Sgriobtaran do mhuinntir an àite air an t-Sàbaid. Cha robh am ministear, an t-Ollamh Ross, ann an Ulapul gu tric air an t-Sàbaid oir bha an sgìre aige ro mhòr.

Agus nuair a bha e a’ searmonachadh ann an Ulapul, ged is e duine foghlamaichte a bh’ ann, cha do chòrd na thuirt e bhon chùbaid ri Tormod idir. Bha Tormod dhen bheachd gu robh na searmonan aige farsaing ach eu-domhain. Sguir e dhol don Eaglais nuair a bha an t-Oll. Ross anns a’ chùbaid. Cha robh e diùid ann a bhith ag innse do dhaoine carson nach robh e a’ frithealadh na h-eaglais air an t-Sàbaid.

Bha am ministear mì-thoilichte mu dheidhinn dol-a-mach Thormoid. Sàbaid a bha seo, bha e a’ searmonachadh ann an Ulapul agus dh’fhàs e feargach. Thuirt e ris a’ choitheanal, nan robh duine aca a’ toirt taic don tidsear, agus na beachdan a bha e a’ cur an cèill, gum faodadh iad falbh sa bhad. Ach chaidh e na b’ fhaide na sin. Dh’òrdaich e do mhuinntir a’ bhaile an cuid cloinne a thoirt a-mach à sgoil Thormoid. Thug a’ chuid a bu mhotha dhiubh an taic do Thormod, ge-tà.

Dh’iarr am ministear air an tidsear nochdadh mu choinneamh seisean na h-Eaglais. Agus chì sinn dè thachair ann an ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: cheumnaich: graduated; bonn òir: gold medal; Diadhachd: Theology; sèine: chain; tràill: slave; pearsaichean-eaglais: clergy; Ulapul: Ullapool; diùid: shy.

Abairtean na Litreach: a dh’fhàg Argentina agus a chaidh a dh’fhuireach ann an Saskatchewan: who left Argentina and went to live in Saskatchewan; chaidh iad mòran na b’ fhaide: they went much further; chanadh iad X riutha: they called [would call] them X; agus anns an feadhainn a leanas oirre:and in the ones which follow it [on her]; Seann Ghreugais, Matamataig, Eòlas-nàdair, Feallsanachd Nàdarrach agus Feallsanachd Mhoralta: Ancient Greek, Mathematics, Natural History, Natural Philosophy and Moral Philosophy; phòs e a leannan: he married his sweetheart; b’ fheudar dha dhol a Dhùn Èideann: he had to go to Edinburgh; bha Tormod air a bhith a’ fàs na bu theagmhaiche: Norman had been growing more dubious; ro dhìleas do na h-uachdarain: to loyal to the landlords; bha cus ùidh aca ann an gnothaichean saoghalta: they were too interested in wordly matters; seach gnothaichean spioradail: rather than spiritual matters; an fheadhainn a dh’fhastaich e: the ones who hired him; bha an sgìre aige ro mhòr: his parish was too large; ged is e duine foghlamaichte a bh’ ann: although he was an educated man; gu robh na searmonan aige farsaing ach eu-domhain: that his sermons were broad but shallow; nuair a bha an t-Oll. Ross anns a’ chùbaid: when Dr. Ross was in the pulpit; dh’fhàs e feargach: he grew angry; nan robh duine aca a’ toirt taic don tidsear: if any of them supported the teacher; gum faodadh iad falbh sa bhad: that they could leave immediately; an cuid cloinne a thoirt a-mach à sgoil Thormoid: to remove their children from Norman’s school; nochdadh mu choinneamh seisean na h-Eaglais: to appear in front of the Kirk session.

Puing-chànain na Litreach: Sàbaid a bha seo: this particular Sunday/Sabbath. Do you notice that I have not used the common phrase Là/Latha na Sàbaid (Sabbath Day) here, but simply the noun Sàbaid(Sabbath). This is a common usage and not only for religious purposes; eg we might say bidh am prògram sin air an teilidh a h-uile Sàbaid(that programme is on the telly every Sunday). Sàbaid is a feminine noun (hence na Sàbaid ); for “Sunday afternoon” we might say feasgar na Sàbaid. Note the alternative Didòmhnaich for Sunday.

Gnàthas-cainnt na Litreach: bhathar an dùil gun leughadh e na Sgriobtaran do mhuinntir an àite air an t-Sàbaid it was expected that he would read the Scriptures to the local people on the Sabbath. Bhathar/bhathas an dùil: it was expected. Thathar/thathas an dùil: it is expected.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 27

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean