931: A bheil am facal ‘siùcar’ anns a’ Bhìoball? (1)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
A bheil am facal ‘siùcar’ anns a’ Bhìoball? (1)
Dè cho sean ʼs a tha am facal ‘siùcar’ ann an Gàidhlig? Tha mi a’ ciallachadh le sin – cuin a thòisich na Gàidheil air bruidhinn air ‘siùcar’ agus cò às a thàinig am facal? Tha MacBheathain ag innse dhuinn anns an fhaclair aige – Etymological Dictionary of the Gaelic Language – gur ann às a’ Bheurla Mheadhanaich sugre a thàinig e; agus gur dòcha gun tàinig sin bhon Fhraingis sucre. Bidh sibh eòlach air an fhacal ann an grunn chànanan Eòrpach – siùcra ann an Gàidhlig na h-Èireann, siwgr ann an Cuimris, zucker ann an Gearmailtis agus sakhar ann an Ruiseanais. Tha iad uile càirdeach do chèile.
Ach dè tha a’ nochdadh anns a’ Bhìoball Ghàidhlig? Uill, gu h-iongantach ʼs dòcha, chan eil am facal siùcar anns a’ Bhìoball ann. No, ma thà, cha d’ fhuair mise lorg air. Ma tha sibh fhèin eòlach air an fhacal siùcar anns a’ Bhìoball, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh.
A bheil e, ge-tà, cho iongantach nach eil e ann? An robh muinntir na Roinn Eòrpa eòlach air siùcar ri linn sgrìobhadh a’ Bhìobaill? Chanainn nach robh.
A rèir choltais, ʼs ann ann an eileanan a’ Chuain Sèimh a thòisich mac-an-duine air cuilc an t-siùcair fhàs. Sin sugar cane – cuilc an t-siùcair. Chaidh an t-eòlas sin chun nan Innseachan. Fhuair na Persianaich fios mu a deidhinn às na h-Innseachan, ach chùm iad dìomhair e. Reic iad an siùcar, ach cha do dh’inns iad mun lus às an tàinig e.
Mhair an dìomhaireachd gus an robh cogadh ann eadar na h-Arabaich ʼs na Persianaich anns an t-seachdamh linn an dèidh Chrìosda. Sgaoil cuilc an t-siùcair gu iomadh dùthaich bhlàth an uair sin eadar ceann a tuath Afraga agus ceann a deas na Spàinnte. Agus sgaoil am facal leis. Sharkara ann an Sansgrait, shakar ann am Persianais, sukkar ann an Arabais, succarum ann an Laideann, sucre ann am Fraingis.
Thathar dhen bheachd gun do ràinig am biadh milis seo Sasainn anns an aonamh linn deug, nuair a bha ridirean nan cogaidhean-croise a’ tilleadh dhachaigh bhon ear-mheadhanach.
Bhiodh siùcar bhon chuilc air Alba is Èirinn a ruigsinn goirid an dèidh sin. Cha bhiodh e na iongnadh ged a thigeadh am facal ùr às a’ Bheurla a bhathar a’ bruidhinn ann an Sasainn aig an àm. Ach cuin a thuirt Gàidheal am facal ‘siùcar’ airson a’ chiad turais? Chan eil fhios a’m. Agus bu chòir dhomh a ràdh, ged a tha muinntir ceann a tuath na Roinn Eòrpa a’ fàs biotais siùcair an-diugh, cha do thòisich sin gu timcheall Bliadhna Theàrlaich anns an ochdamh linn deug.
Ged nach eil am facal siùcar anns a’ Bhìoball, tha cuid dhen bheachd gu bheilear ag ainmeachadh cuilc an t-siùcair ann no sweet cane. Mar eisimpleir, ann an Leabhar Ieremiah Caibideil 6, Rann 20 tha seo ann (tha an Tighearna a’ bruidhinn): C’uim an tig tùis o Sheba thugam-sa, agus a’ chuilc chùbhraidh o dhùthaich fad-às? Chan eil bhur tabhartas-loisgte taitneach, ni mò tha tlachd agamsa nur n-ìobairtibh.
Tùis o Sheba – incense from Sheba. Bha Seba ainmeil airson malairt nan spìosraidhean. Agus a’ chuilc chùbhraidh o dhùthaich fad-às. Thathar ag eadar-theangachadh sin mar sweet cane from a distant land ann am Beurla. An e sin cuilc an t-siucair? Tuilleadh air a’ chuspair seo an-ath-sheachdain!
Faclan na Litreach: MacBheathain: (Alexander) MacBain; biotais siùcair:sugar beet; Bliadhna Theàrlaich: 1745-6; caibideil:chapter; rann: verse; an Tighearna: the Lord.
Abairtean na Litreach: cò às a thàinig am facal?: where did the word come from?; gur ann às a’ Bheurla Mheadhanaich X a thàinig e: that it’s from the Middle English X that it came; càirdeach do chèile: related to each other; gu h-iongantach ʼs dòcha:surprisingly perhaps; bu mhath leam cluinntinn bhuaibh:I would like to hear from you; chanainn nach robh: I would say not; ʼs ann ann an eileanan a’ Chuain Sèimh a thòisich mac-an-duine air cuilc an t-siùcair fhàs: it’s in the islands of the Pacific Ocean that humans started to grow sugar cane; chun nan Innseachan: to India; chùm iad dìomhair e: they kept it secret; gus an robh cogadh ann eadar na h-Arabaich ʼs na Persianaich: until there was a war between the Arabs and the Persians; an t-seachdamh linn an dèidh Chrìosda: the seventh century AD; nuair a bha ridirean nan cogaidhean-croise a’ tilleadh dhachaigh bhon ear-mheadhanach: when knights of the crusades were returning home from the middle east; cha bhiodh e na iongnadh ged a thigeadh am facal ùr às a’ Bheurla: it wouldn’t be a surprise if the new word came from English; gu bheilear ag ainmeachadh cuilc an t-siùcair: that sugar cane is named; c’uim an tig tùis o Sheba thugam-sa?: to what purpose does incense from Sheba come to me? [this is from the old translation of the Bible and the language is somewhat archaic]; chan eil bhur tabhartas-loisgte taitneach: your burnt offering is not attractive; ni mò tha tlachd agamsa nur n-ìobairtibh: nor do I gain pleasure from your sacrifices; ainmeil airson malairt nan spìosraidhean: famous for the trading of spices; tuilleadh air a’ chuspair seo: more on this topic [this is informal usage and does not include a verb].
Puing-chànain na Litreach: chan eil am facal siùcar anns a’ Bhìoball ann : the word siùcar is not in the Bible . The terminal ann is not necessary in this sentence but it acts as an emphatic to underline the point being made.
Gnàthas-cainnt na Litreach: ri linn sgrìobhadh a’ Bhìobaill: at the time of the writing of the Bible.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn