417: Eilean Mhanainn (1)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Eilean Mhanainn (1)
Nuair a bha mi ann an Eilean Mhanainn na bu tràithe dhen bhliadhna sa, ’s iomadh duine a thuirt rium, “Cuin a tha na h-eileanan agaibh – eileanan taobh siar na h-Alba – a’ dol a thighinn for smachd a-rithist?” Bha ball na pàrlamaid aca am measg na thuirt sin rium. Chan eil mi eadhon cinnteach an robh e fhèin is càch ri fealla-dhà. Tha mòran anns an eilean – co-dhiù an fheadhainn aig a bheil ùidh ann an eachdraidh is dualchas – a’ toirt spèis do na seann cheanglaichean eadar an dà rìoghachd.
Ged a tha ceanglaichean do dh’Èirinn cuideachd – agus do Shasainn ’s a’ Chuimrigh – thàinig e a-steach orm gur ann le Alba a tha na seann cheanglaichean as làidire. Chan e a-mhàin na cànanan a tha gar toirt dlùth ri chèile, ach cuideachd na ceanglaichean a chaidh a thogail ri linn nan Lochlannach.
Thathar a’ smaoineachadh gun do nochd a’ Ghàidhlig – no Gaelg – ann an Eilean Mhanainn anns a’ chòigeamh linn no mar sin. Bha an cànan is cultar làidir gu leòr airson seasamh an aghaidh buaidh nan Lochlannach – a ràinig an t-eilean aig toiseach an naoidheamh linn. Thàinig Gàidheal is Gall còmhla agus thathar a’ smaoineachadh gun robh na h-uaislean dà-chànanach airson ùine mhòr. Cha robh ach Gàidhlig, ge-tà, aig na daoine bochda.
Thug na Lochlannaich buaidh mhòr air siostam poilitigeach an eilein, ach cha tug iad uiread buaidh air a’ chànan. Tha nas lugha fhaclan-iasaid Lochlannach ann an Gàidhlig Eilean Mhanainn na tha sa Ghàidhlig againn fhèin. Tha grunn ainmean-àite Lochlannach ann, ge-tà. Tha ainm baile Laxey, mar eisimpleir, a’ tighinn bhon aon fhreumh ri Lacasaigh ann an Leòdhas – a’ ciallachadh “abhainn a’ bhradain”.
Tha baile gu tuath air Laxey air a bheil Ramsey – àite eile le ainm Lochlannach. Thathar a’ smaoineachadh gu bheil e co-cheangailte ris an lus ris an canar creamh ann an Gàidhlig na h-Alba – wild garlic. Nise, ann am Beurla, ’s e aon ainm air an lus seo – ramsons – agus bha ainm car coltach ri sin aig na seann Lochlannaich.
Uill, cha bhiodh sin ro choltach mar mhìneachadh air Ramsey – ach a-mhàin airson aon rud. Tha allt ann am meadhan a’ bhaile – a tha a-nise a’ sruthadh fon talamh – air a bheil ann an Gàidhlig an eilein – Strooan ny Craue – sin sruthan no allt a’ chreamha. ’S dòcha gun do dh’eadar-theangaich na Lochlannaich ainm an uillt don chànan aca fhèin agus gur ann à sin a thàinig an t-ainm Ramsey.
Tha an t-uabhas de dh’ainmean cinnidh ann an Eilean Mhanainn a’ tighinn bhon Ghàidhlig, ged nach eil sin follaiseach do dh’Albannach anns a’ chiad dol a-mach. Dh’atharraich Mac anns na h-ainmean gu tric gu dìreach C – no san latha an-diugh C, K agus Q. Mar eisimpleir, thàinig Kermode bho MacDhiarmaid, Quarry bho MacGuaire agus Kissack bho MacÌosaig.
Anns an aonamh linn deug, bha Eilean Mhanainn aig ceann rìoghachd air an robh Rìoghachd Mhanainn is nan Eilean. B’ iad na h-eileanan sin – an fheadhainn far chosta siar na h-Alba. Ged a bha ceudan de dh’eileanan ann, bhathar a’ tomhas – airson adhbharan rianachd – gun robh trithead ’s a dhà ann, le Eilean Mhanainn aig cridhe poilitigeach na rìoghachd.
B’ e pàrlamaid nan eilean Tinvaal – no Tynwald – facal a tha a’ ciallachadh “pàrlamaid” ann an Lochlannais. ’S ann às a sin a thàinig an t-ainm-àite Beurla a th’ air Inbhir Pheofharain – Dingwall. Tha Tinvaal fhathast a’ dol – agus tha na Manainnich ag ràdh le moit gur e a th’ innte a’ phàrlamaid as fhaide a mhair – gun bhriseadh sam bith – air an t-saoghal.
Faclan na Litreach: grunn: several; Eilean Mhanainn: I sle of Man; freumh: root; dh’eadar-theangaich: translated; moit: pride.
Abairtean na Litreach: ’s iomadh duine a thuirt rium: many people said to me; a’ dol a thighinn for [fo ar] smachd a-rithist: going to come under our control again; chan eil mi eadhon cinnteach an robh e fhèin is càch ri fealla-dhà: I’m not entirely sure if he and the others were joking; a’ toirt spèis do na seann cheanglaichean: respect the old links; thàinig e a-steach orm: it occurred to me; chan e a-mhàin na cànanan a tha gar toirt dlùth ri chèile: it is not only the languages which bring us close together; ri linn nan Lochlannach: in the days of the Norse (Vikings); thathar a’ smaoineachadh: it is thought; gun robh na h-uaislean dà-chànanach: the upper echelons were bilingual; cha tug iad uiread buaidh air a’ chànan: they didn’t have the same effect on the language; bha ainm car coltach ri sin aig X: X had a similar name to that; cha bhiodh sin ro choltach: that wouldn’t be too likely; ach a-mhàin airson aon rud: except for one thing; a’ sruthadh fon talamh: running underground; allt a’ chreamha: the stream of the wild garlic; an t-uabhas de dh’ainmean cinnidh: many surnames; ged nach eil sin follaiseach do dh’Albannach: although that’s not obvious to a Scot; aig ceann rìoghachd: at the head of a kingdom; an fheadhainn far chosta siar na h-Alba: the ones off the west coast of Scotland; bhathar a’ tomhas – airson adhbharan rianachd: it was reckoned – for administrative purposes; cridhe poilitigeach: political heart; gur e a th’ innte a’ phàrlamaid as fhaide a mhair: that it is the longest lasting parliament.
Puing-chànain na Litreach: Tha nas lugha fhaclan-iasaid Lochlannach ann an Gàidhlig Eilean Mhanainn na tha sa Ghàidhlig againn fhèin: there are less Norse loan words in Manx Gaelic than in our own Gaelic. There are two ways of dealing with a noun following nas lugha – either by using the preposition de, with the noun in the dative eg tha nas lugha de choin ann a-nis (there are less dogs now) or, as in the example in the Litir, tha nas lugha de dh’fhaclan-iasaid Lochlannach.... Alternatively the noun goes into the genitive plural and there is no requirement for a preposition eg tha nas lugha chon ann a-nis.
Gnàthas-cainnt na Litreach: na bu tràithe dhen bhliadhna sa [seo] : earlier this year.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 113
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn