ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

838: A' Chraobh Fhearna

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

A bheil cuimhne agaibh air na briathran aig Seumas Mac an t-Saoir an t-seachdain sa chaidh? Bha iad mu dheidhinn Shomhairle MhicIain, agus cha b’ e moladh a bha am bàrd Gàidhlig a’ dèanamh air:

Tha ’chuid as motha dhìot de chritheann, Ìnean sgithich ’s làmhan feàrna, Tha do cheann gu lèir de leamhan, Gu h-àraidh do theanga ’s do chàirein.

Bha Mac an t-Saoir a’ ceangal MhicIain ris na craobhan mallaichte – an critheann, an fheàrna agus an leamhan. Ach carson a bha an fheàrna am measg nan craobh sin?

Chan eil mi buileach cinnteach. Ma tha a’ chraobh-fheàrna air a h-ainmeachadh anns a’ Bhìoball, chan aithne dhomh e. Agus ma tha e co-cheangailte ris mar a bhios an fheàrna a’ fàs ann an àiteachan fliucha, uill, èistibh ri Leabhar nan Salm, caibideil 1: ‘Is beannaichte an duine sin … bidh e mar chraobh suidhichte làimh ri sruthan uisge, a bheir a-mach a toradh na h-aimsir

’S dòcha nach eilear a’ bruidhinn mun chraoibh-fheàrna an sin, ceart gu leòr, oir thathar ag ràdh nach caill i a duilleach. Saoilidh mi gu bheil droch chliù na craoibh-fheàrna a’ dol air ais don linn ro-Chrìosdail. ’S dòcha gun robh e ceangailte ri snodhach na feàrna oir tha e coltach ri fuil nuair a tha e ag aoidion a-mach.

Agus tha dà rud mun fheàrna a tha ga comharrachadh mar eadar-dhealaichte bho chraobhan eile anns na dùthchannan Ceilteach. Anns a’ chiad dol a-mach, nuair a thathar a’ sgoltadh loga de dh’fheàrna, bithear ga chur bun-os-cionn. Eucoltach ri craobhan eile, tha e nas fhasa a sgoltadh mar sin. Canaidh sinn – gach fiodh bhon bhàrr ach an fheàrn bhon bhun.

Bidh logaichean dhen chraoibh seo a’ maireachdainn nas fhaide ann an uisge na tha iad nuair a tha iad tioram. A-mach às an uisge, bidh iad a’ grodadh gu luath. Ach, anns an uisge, bidh iad a’ maireachdainn ùine mhòr. Air sàillibh sin, ’s e a’ chraobh-fheàrna a chaidh a chleachdadh gu tric airson nam mòr-stoban ann an crannagan. ’S e sin na logaichean a bh’ air an cleachdadh airson crannag – dachaigh ann an loch – a shuidheachadh anns an t-seann aimsir.

Tha rudan matha eile mun fheàrna cuideachd. Gabhaidh feadagan a dhèanamh de na geugan aice. Agus bhiodh na Gàidheil a’ cur duilleagan dhith nam brògan nam biodh na casan aca goirt.

Seo agaibh seann aibidil chraobhach nan Gàidheal – ailm, beith, coll, dair, eadha, feàrn, gort, iogh, luis, muin, nuin, onn, beith bhog, ruis, sùil, teine, ùr. De na craobhan as bitheanta a dh’fhàsas air a’ Ghàidhealtachd, ’s e dìreach a’ bheith agus an fheàrn nach do dh’atharraich an ainmean bhon uair sin.

Agus tha trì faclan eile agam dhuibh co-cheangailte ri craobhan-feàrna. An toiseach – fàrdadh. ’S e sin rùsg na craoibhe a thathar a’ cleachdadh airson clò a dhathadh dubh. Fàrdadh. Faob no faoban – ’s e sin cnap, beag no mòr, a dh’fhàsas air stocan is geugan, agus air a’ chraoibh-fheàrna am measg eile. Faob. Agus carraig. Tha Dwelly ag innse dhuinn gu bheil e a’ ciallachadh cnap fiodha agus cuideachd ball fiodha leis am biodh daoine a’ cluich spòrs. Agus seo na sgrìobh an sagart Mgr Ailein mu carraig: ‘a lumpy wooden excrescence on an alder tree used by children for a ball for shinty.’ Abair fuaim nuair a thugadh sgleog le caman air carraig!

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Seumas Mac an t-Saoir: James MacIntyre; Somhairle MacIain: Samuel Johnson; leamhan: elm; mallaichte: cursed; snodhach: sap; a’ maireachdainn: lasting; a’ bheith: the birch; fàrdadh: the bark of the alder; faob, faoban:roundish excrescence on branch or trunk of tree; carraig: a lumpy wooden excrescence on an alder tree used by children for a ball for shinty.

Abairtean na Litreach: tha ’chuid as motha dhìot de chritheann: most of you is of aspen; ìnean sgithich ’s làmhan feàrna: hawthorn nails and alder hands; gu h-àraidh do theanga ’s do chàirein: especially your tongue and gums; chan eil mi buileach cinnteach: I’m not entirely sure; air a h-ainmeachadh anns a’ Bhìoball: named in the Bible; is beannaichte an duine sin: blessed is that man; bidh e mar chraobh suidhichte làimh ri sruthan uisge: he is like a tree situated next to streams of water; nach caill i a duilleach: that it doesn’t lose its foliage; coltach ri fuil nuair a tha e ag aoidion a-mach: like blood when it leaks out; nuair a thathar a’ sgoltadh loga: when a log is being split; bithear ga chur bun-os-cionn: it is put upside down; air sàillibh sin: because of that; airson nam mòr-stoban ann an crannagan: for the primary piles in crannogs; gabhaidh feadagan a dhèanamh de na geugan aice:whistles can be made from the branches; rùsg na craoibhe a thathar a’ cleachdadh airson clò a dhathadh dubh: the bark of the tree which is used in dyeing cloth black; a’ cur duilleagan dhith nam brògan: putting leaves of it in their shoes; seann aibidil chraobhach nan Gàidheal: the old tree-alphabet of the Gaels; ball fiodha leis am biodh daoine a’ cluich spòrs:a wooden ball with which people would play sport; abair fuaim nuair a thugadh sgleog le caman air carraig: what a noise when a wooden ball was hit with a shinty stick.

Puing-chànain na Litreach: a bheir a-mach a toradh na h-aimsir: which yields its fruit in her time (in the right season). Also airson crannag a shuidheachadh anns an t-seann aimsir ‘to create the foundations of a crannag in olden times. Although we often use aimsir to refer to ‘weather’, its primary meaning is ‘time, era’ and it is in that sense it appears in this week’s Litir.

Seanfhacal na Litreach: gach fiodh bhon bhàrr ach an fheàrn bhon bhun: every wood from the top but the alder from the bottom. Alder logs split better turned upside down.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 534

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean