ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1108: An t-Albannach a dh’fheuch ris a’ Bhanrigh a mhurt (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Tha mi air a bhith a’ feuchainn ri faighinn a-mach an robh ceangal ann eadar Ruairidh MacIlleathain agus a’ Ghàidhealtachd. Tuigidh sibh nach eil mi a-mach orm fhìn! Tha mo smuaintean air an fhear mu dheireadh a dh’fheuch ris a’ Bhanrigh Bhictoria a mhurt – Ruairidh Eideard MacIlleathain. Tha na seann chunntasan ag innse dhuinn gur ann à Alba a bha e, ach chan eil iad ag innse càite. Bha e fhèin agus a phàrantan a’ fuireach ann an Sasainn. ’S dòcha gun robh e de shliochd muinntir na h-Alba. Cò aige tha fios.

Co-dhiù, air an dàrna latha dhen Mhàrt ochd ceud deug, ochdad ’s a dhà (1882), loisg Ruairidh air a’ Bhanrigh le gunna-làimhe ann am Windsor. Bha a’ Bhanrigh dìreach air Windsor a ruigsinn air trèana, agus bha sluagh a’ feitheamh rithe aig an stèisean-rèile. Nam measg, bha Ruairidh. Bha a’ Bhanrigh, agus buill eile dhen teaghlach rìoghail, air coiseachd thar ùrlar an stèisein. Bha iad air a dhol a-steach a charbad a bha a’ feitheamh. Loisg Ruairidh a ghunna. Cha do rinn am peilear cron, agus chaidh am ball-airm a thoirt bhuaithe. Bha aithrisean ann aig an àm gur iad sgoilearan à Colaiste Eton a ghabh grèim air MacIlleathain. Bha e an uair sin air a chur an grèim le poileas.

Eadar ochd ceud deug is ceathrad (1840) agus ochd ceud deug, ochdad ’s a dhà (1882), chaidh oidhirp a dhèanamh air beatha na Banrigh ochd tursan. B’ e an oidhirp mu dheireadh an tè aig Ruairidh Eideard MacIlleathain. Ach dè bha a’ gluasad an duine? Carson a bha e ag iarraidh a’ Bhanrigh a mharbhadh?

Uill, bha MacIlleathain fhèin a’ cumail a-mach nach robh e ag amas air a’ Bhanrigh, ach air cuibhlichean a’ charbaid aice. Dha rèir fhèin, bhreab an gunna na làimh agus ’s e sin a bu choireach gun deach am peilear a-steach a dhoras a’ charbaid. Bha e dìreach airson aire a thoirt don t-suidheachadh anns an robh e, agus e beò ann am bochdainn. Bha Bhictoria fhèin dhen bheachd, ge-tà, gun robh an Leathanach air a bhith ag amas air a murt ann an dha-rìreabh.

Bha gu leòr de dhaoine a’ dèanamh dheth gun robh e às a rian. Bha e air a bhith a’ bruidhinn ri Dia, a dh’inns dha gum biodh e uaireigin air rìgh-chathair Bhreatainn. Thug Dia an àireamh ceithir mar àireamh dìomhair dha agus an dath gorm mar dath dìomhair dha. Tha cunntas eile ann gun do sgrìobh e dàn don Bhanrigh. Fhuair e freagairt bho thè a bhiodh a’ dèiligeadh ri litrichean don Bhanrigh, agus chuir sin cais’ air. Feumaidh nach d’ fhuair toradh a sgrìobhaidh am moladh a bha e ag iarraidh.

Chuir Ruairidh seachad còrr is bliadhna ann an dachaigh dhaibhsan a tha a’ fulang le tinneas-inntinn. Bhiodh a bhràithrean agus a phiuthar a’ cur airgead thuige, ach bha e gu math bochd. Dh’fhuirich e mar iomrallaiche ann an ceann a deas Shasainn, a’ falbh bho bhaile gu baile.

Aig a’ cheann thall, mar a chì sinn, thug Ruairidh air na h-ùghdarrasan-lagha ann an Sasainn ’s a’ Chuimrigh an lagh atharrachadh. Tuilleadh bhuam an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Ruairidh Eideard MacIlleathain: Roderick Edward Maclean; gunna-làimhe: handgun; dàn: poem; toradh a sgrìobhaidh:the product of his writing; iomrallaiche: wanderer, vagabond; tuilleam bhuam: more from me .

Abairtean na Litreach: Tha mi air a bhith a’ feuchainn ri faighinn a-mach: I’ve been trying to find out; tuigidh sibh nach eil mi a-mach orm fhìn: you’ll understand that I’m not talking about myself; ’s dòcha gun robh e de shliochd muinntir na h-Alba: perhaps he belonged to the descendants of Scots; bha a’ Bhanrigh, agus buill eile dhen teaghlach rìoghail, air coiseachd thar ùrlar an stèisein: the Queen, and other members of the royal family, had walked across the station platform; chaidh am ball-airm a thoirt bhuaithe:the weapon was taken from him; bhreab an gunna na làimh:the gun kicked in his hand; gun robh e às a rian: that he was insane; gum biodh e uaireigin air rìgh-chathair Bhreatainn: that he would one day sit on the British throne; thug Dia an àireamh ceithir mar àireamh dìomhair dha: God gave him the number four as a secret number; bho thè a bhiodh a’ dèiligeadh ri litrichean don Bhanrigh: from a woman who would be dealing with letters to the Queen; chuir sin cais’ air: that made him angry; ann an dachaigh dhaibhsan a tha a’ fulang le tinneas-inntinn: in a home for those who are suffering mental illness; bhiodh a bhràithrean agus a phiuthar a’ cur airgead thuige: his brothers and sister would send him money; aig a’ cheann thall, mar a chì sinn: in the end, as we shall see; thug Ruairidh air na h-ùghdarrasan-lagha ann an Sasainn ’s a’ Chuimrigh an lagh atharrachadh: Roderick forced the legal authorities in England and Wales to change the law.

Puing-chànain na Litreach: gun robh an Leathanach air a bhith ag amas air a murt: that Maclean had been aiming to murder her . Sometimes we use a clan name without the prefix ‘Mac’ to mention somebody in an informal way. A Leathanach is a Maclean, a Leòdach is a MacLeod. A similar model obtains even more commonly with non-Mac surnames eg Caimbeulach (someone with the surname Campbell), Camshronach (somebody with the surname Cameron) and Moireasdanach (somebody with the surname Morrison).

Gnàthas-cainnt na Litreach: Cò aige tha fios?: who knows?

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 804

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean