139: Tòimhseachan (1)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Tòimhseachan (1)
Halo, a-rithist, a chàirdean. Tha mi an dòchas gu bheil sibh uile gu snog, gu bheil sibh gu dòigheil, gu bheil sibh gu sunndach, gu bheil sibh ann an deagh shunnd. Sin ceithir dòighean eadar-dhealaichte airson a ràdh ri cuideigin gu bheil sibh an dòchas gu bheil e gu math.
Dè na dòighean eile as aithne dhuibh airson sin? ’S dòcha gum biodh sin na chuspair math airson a’ chlas Ghàidhlig agaibh an ath-thrup. Sin ma tha sibh fortanach gu leòr ’s gu bheil clas is tidsear agaibh, oir tha fios agam gu bheil feadhainn a bhios ag èisteachd ri Litir do Luchd Ionnsachaidh a’ fuireach fad air falbh bho thidsear sam bith. Mo dhùrachd dhuibh uile.
Tha mi fhìn ann an deagh shunnd co-dhiù agus, air sàilleamh sin, bu mhath leam tòimhseachan a thoirt dhuibh. Tha mi an dòchas gu bheil a leithid a’ còrdadh ribh! Èistibh ris an rann seo. Tha ceist ann aig an deireadh:
Is math a dhannsadh Uisdean Friseal,
Uisdean Friseal, Uisdean Friseal,
Is math a dhannsadh Uisdean Friseal,
Leis an fhichead maighdinn;
Còignear roimhe ’s às a dhèidh
Còignear roimhe ’s às a dhèidh
Còignear roimhe ’s às a dhèidh
Còignear air gach làimh dheth.
Cia mheud maighdeann a bha a’ dannsadh leis?
Feumaidh gur e duine tarraingeach a bh’ ann an Uisdean agus na h-uimhir de mhaighdeannan a’ dannsadh leis aig an aon àm! Duine fortanach. Uill, ’s dòcha…
Èistibh ris a-rithist. Dè eile a dh’fhaodadh a bhith anns na “maighdeannan” mura h-e boireannaich a th’ annta…?
Is math a dhannsadh Uisdean Friseal,
Uisdean Friseal, Uisdean Friseal,
Is math a dhannsadh Uisdean Friseal,
Leis an fhichead maighdinn;
Còignear roimhe ’s às a dhèidh
Còignear roimhe ’s às a dhèidh
Còignear roimhe ’s às a dhèidh
Còignear air gach làimh dheth.
Cia mheud maighdeann a bha a’ dannsadh leis?
’S dòcha gun do dh’ionnsaich sibh gu bheil “còignear” a’ seasamh airson còig daoine – còignear bhoireannach, mar eisimpleir, neo còignear Leòdhasach. Ach chan eil sin an-còmhnaidh fìor. Ann an cuid de cheàrnaidhean, cluinnear faclan mar chòignear co-cheangailte ri beathaichean no eadhon ri rudan nach eil beò. Agus ann an tòimhseachain, uill, tha sinn saor airson car a thoirt à daoine le beagan meallaidh, nach eil?
Anns an rann shuas, bha Uisdean Friseal a’ dannsadh leis fhèin, na aonar. Cha robh sgeul air maighdeann sam bith. Tha “còignear” a’ ciallachadh an seo nan corragan is òrdagan aige, air a chois is air a làimh. Còignear roimhe is còignear às a dhèidh – a’ ciallachadh air a bheulaibh is air a chùlaibh. Coignear air gach làimh dheth. Uill, tha sin fìor, nach eil? Chan eil càil eile agam ri ràdh mun ghnothach ach aon rud, Ma ’s e Uisdean Friseal a th’ oirbh mar ainm, nach gabh sibh mo leisgeul!
Nise, airson crìoch a chur air gnothaichean an-diugh, seo agaibh tòimhseachan eile a dh’fheumas sibh smaoineachadh mu dheidhinn anns an t-seachdain a tha romhainn. Bheir mi am fuasgladh dhuibh anns an ath-Litir:
Arsa cailleach –
Nam bitheadh agam na bheil agam,
Uiread eile, ’s a leth uiread,
Dà ghèadh agus bloigh gheòidh,
Dhèanadh sin fichead.
Cia mheud a bha aice?
Chan eil sin furasta, gu dearbh, agus chanainn gur iad an fheadhainn agaibh a tha math air matamataig a nì a’ chùis. Tuigidh sibh gur ann air na geòidh a th’ aig a’ chaillich a tha sin a-mach. Seo e a-rithist:
Arsa cailleach –
Nam bitheadh agam na bheil agam,
Uiread eile, ’s a leth uiread,
Dà ghèadh agus bloigh gheòidh,
Dhèanadh sin fichead.
Cia mheud a bha aice?
Gus an ath-sheachdain, bhuamsa Ruairidh MacIlleathain, beannachd leibh.
Faclan na Litreach: tòiseachan: riddle; tarraingeach: attractive; arsa (cailleach): (an old woman) said.
Abairtean na Litreach: airson a’ chlas Ghàidhlig agaibh an ath-thrup: for your Gaelic class the next time; gu bheil feadhainn a’ fuireach fad air falbh bho thidsear sam bith: that some live far away from any teacher; tha mi an dòchas gu bheil a leithid a’ còrdadh ribh:I hope that you enjoy such things; is math a dhannsadh Uisdean Friseal: Hugh Fraser could dance well; leis an fhichead maighdinn:with the twenty maidens; còignear roimhe ’s às a dhèidh: five before him, five behind him; còignear air gach làimh dheth:five on each side (hand) of him (but it can also mean five on each of his hands); agus na h-uimhir de mhaighdeannan a’ dannsadh leis:and lots of maidens dancing with him; dè eile a dh’fhaodadh a bhith anns na “maighdeannan” mura h-e boireannaich a th’ annta?:what else could the “maidens” be if they are not women?; tha sinn saor airson car a thoirt à daoine le beagan meallaidh, nach eil?: we are free to trick people with a bit of deceit, are we not?; nam bitheadh agam na bheil agam: if I had what I (already) have; uiread eile ’s a leth uiread: as much again and half as much; dà ghèadh agus bloigh gheòidh: two geese and half a goose; dhèanadh sin fichead: that would make twenty.
Puing-ghràmair na Litreach: Ach chan eil sin an-còmhnaidh fìor: but that is not always true. Are you familiar with different ways of expressing “always” in Gaelic? An-còmhnaidh is a common adverb which does the job; another is daonnan eg tha e daonnan ann a sin(he is always there). Both of these are used particularly if referring to occurrences in the present tense. If looking back in time, a-riamhis the most appropriate adverb eg bha gaol aige oirre a-riamh (he always loved her). If looking into the future one might use a-chaoidh eg bidh gaol agam ort a-chaoidh (I will always love you); alternatively, one might use gu bràth or gu sìorraidh eg bidh gaol is gràin ann gu bràth/gu sìorraidh (love and hate will always exist).
Gnàthas-cainnt na Litreach: Tha mi-fhìn ann an deagh shunnd: I’m in good spirits/good humour myself. If you were in a bad mood you might say, “tha mi ann an droch shunnd.”
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn