menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

History Eachdraidh

Search Lorg

Uilleam Ruighe ’n Uidhe (Litir 881)

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air crane? Chan eil mi a’ ciallachadh inneal-togail. Tha seòrsa eile de crane air m’ aire – an t-eun mòr iongantach. Tha luchd-saidheans eòlach air mar Grus grus.

Tha na h-ainmean a leanas ann am faclair Dwelly:corra, corra-ghritheach, corra-mhonaidh, corra-bhàn, corra na h-easgann, tòn-dubh, corra thòn-dubh, bonnan-buidhe, corra-iasg agus corra-ghlas. Cha mhòr nach eil an aon uiread de dh’ainmean air ’s a th’ air an naosg!

Mar sin, dè tha mi a’ dol a ghabhail air an eun seo? Uill, thug mi sùil ann am faclair a tha air leth feumail. Tha mi an dùil gum bi sibh eòlach air: The Essential Gaelic Dictionary le Boyd Robasdan agus Iain MacDhòmhnaill. ’S e corra-mhonaidh a th’ acasan airson crane. Bidh cuid teagmhach mu cho freagarrach ’s a tha an t-ainm sin airson eun a tha gu math tric ri lorg air talamh ìosal, ach co-dhiù …

Mura faca sibh corra-mhonaidh riamh, ’s e eun iongantach mòr a th’ ann. O chionn beagan sheachdainean bha mi ann an Slimbridge ann an ceann a deas Shasainn, faisg air a’ chrìch leis a’ Chuimrigh. Chunnaic mi feadhainn an sin.

Tha an t-eun glas, còrr is meatair a dh’àirde le amhaich fhada, casan fada agus gob fada. Tha itean dubha air a tòin, agus tha dubh air a ceann agus air a h-amhaich, le pìos dearg os cionn a sùilean.

Tha i rud beag coltach ris a’ chorra-ghrithich – no heron – ach nas motha. Eucoltach ris an eun sin, tha a h-itean-tòine ag aomadh. Agus, eucoltach ris a’ chorra-ghrithich, cha bhi a’ chorra-mhonaidh a’ fuireach anns an aon àite a’ lorg cobhartach. Bidh i a’ coiseachd timcheall nuair a tha i a’ sealg.

Tha ùidh mhòr aig eòlaichean-nàdair anns a’ chorra-mhonaidh oir chaidh i à bith ann am Breatainn mar eun-neadachaidh. Bhiodh i a’ tadhal air an dùthaich bho àm gu àm ach cha robh fios aig daoine an robh i bitheanta gu nàdarrach aig aon àm.

Chaidh eòlaichean ann an Oilthigh Mhanchester gu ainmean-àite airson fianais air sin. Tuigidh bith-eòlaichean gu bheil fianais uaireannan ann an ainmean-àite a thaobh ainmhidhean is lusan anns an ùine a dh’fhalbh. Agus thug an fheadhainn ann am Manchester sùil air ainmean-àite air feadh Bhreatainn.

Anns an t-Seann Bheurla, ’s e cran, cron, corn no cranuc a bh’ air a’ chorra-mhonaidh. Anns an t-Seann Lochlannais, ’s e trani a chanadh daoine. Agus ann an Còrnais,’s e garan a bh’ oirre. Anns na trì cànanan sin, lorgadh dà cheud, seachdad ’s a h-aon ainmean anns an robh a’ chorra-mhonaidh air a h-ainmeachadh. Ann an coimeas ri sin, lorg iad nas lugha na dà cheud ainm-àite anns an robh am fitheach air ainmeachadh – agus tha fhios gun robh mòran dhiubh sin ann an Gàidhlig, air a’ Ghàidhealtachd.

Tha àiteachan anns a bheil a’ chorra-mhonaidh air a h-ainmeachadh air feadh Shasainn. Mus deach na boglaichean a dhrèanadh airson àiteachas, tha dùil gun robh an t-eun pailt gu leòr ann an sgìrean le talamh fliuch – oir ’s toigh le corrachan-monaidh a bhith beò ann an àrainnean mar sin. Air an làimh eile, nam biodh i uabhasach cumanta, ’s dòcha nach biodh i air a h-ainmeachadh idir oir bhiodh daoine ga faicinn sa h-uile àite. Agus an robh a’ chorra-mhonaidh ann an Alba? Bheir sinn sùil air an fhianais airson sin an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach : inneal-togail: lifting crane; iongantach: amazing; luchd-saidheans: scientists; fitheach: raven.

Abairtean na Litreach : Tha mi an dùil gum bi sibh eòlach air: I expect you’ll be familiar with it; bidh cuid teagmhach mu cho freagarrach ’s a tha an t-ainm sin:some people will be doubtful about how suitable that name is; tha gu math tric ri lorg air talamh ìosal, ach co-dhiù …: which is often found on low ground, however …; mura faca sibh corra-mhonaidh riamh: if you’ve never seen a crane; faisg air a’ chrìch leis a’ Chuimrigh: close to the border with Wales; còrr is meatair a dh’àirde: more than a metre high; tha itean dubha air a tòin:there are black feathers on its backside; rud beag coltach ris a’ chorra-ghrithich: rather like the heron; tha a h-itean-tòine ag aomadh: its tail feathers droop; a’ fuireach anns an aon àite a’ lorg cobhartach: staying in the one place looking for prey; chaidh i à bith ann am Breatainn mar eun-neadachaidh: it became extinct in Britain as a breeding (nesting) bird; tuigidh bith-eòlaichean gu bheil fianais uaireannan: biologists understand that there is sometimes evidence; lorgadh dà cheud, seachdad ’s a h-aon ainmean anns an robh a’ chorra-mhonaidh air a h-ainmeachadh: 271 names were found in which the crane is named; mus deach na boglaichean a dhrèanadh airson àiteachas: before the boglands were drained for agriculture; pailt gu leòr ann an sgìrean le talamh fliuch: fairly common in areas with wet ground; ’s toigh le corrachan-monaidh a bhith beò ann an àrainnean mar sin: cranes like to live in habitats like that; bheir sinn sùil air an fhianais airson sin: well have a look at the evidence for that.

Puing-chànain na Litreach : Tha na h-ainmean a leanas ann am faclair Dwelly: the names that follow are in Dwelly’s dictionary. The relative future is useful in phrases like this. I might have said ‘tha na h-ainmean a tha/bhios a’ leantainn [air seo]…’ but it would not have been as natural.

Gnàthas-cainnt na Litreach : Cha mhòr nach eil an aon uiread de dh’ainmean air ’s a th’ air an naosg : it has almost as many names as the snipe (which has around 14 different names in Gaelic).

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 557

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word