ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1102: Naomh Meircheard (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh mu Naomh Meircheard? Is esan an naomh sònraichte ann an Gleann Moireasdan. Ann am Beurla, tha daoine eòlach air mar St. Merchard no St. Irchard. Bha cleachdadh aig ar sinnsearan ‘mo’ a chur air beulaibh ainm naoimh. Dh’atharraich Mo Eircheard gu Meircheard. Bhiodh muinntir Ghleann Moireasdan ga fhuaimneachadh mar ‘Meirchead’.

Rugadh is thogadh e faisg air Obar Dheathain ann an sgìre Chinn Chàrdainn – sgìre ris an canar ann am Beurla Kincardine O’Neil. Bha e na Chrìosdaidh on a bha e òg. Latha a bha seo, a rèir beul-aithris, bha Meircheard ann an Srath Ghlais le dithis eile. Bha an triùir aca a’ sgaoileadh an t-soisgeil.

Chaidh aire a thoirt gu bò bhàn. Latha an dèidh latha, bhiodh a’ bhò na seasamh faisg air craobh, a’ coimhead oirre. Cha bhiodh i a’ cur a beòil sìos airson ithe. Cha robh i ach a’ toirt sùil air a’ chraoibh fad an latha. A dh’aindeoin sin, bhiodh a’ bhò a’ dol dhachaigh gach feasgar, agus coltas oirre gun robh i air a leòr de dh’fheur ithe.

Dè rinn Meircheard, ach gun do chladhaich e anns an ùir aig bonn na craoibhe. Lorg e trì clagan. Bha iad uile gleansach, ùr-nodha a’ coimhead, mar gun robh iad air an dèanamh an latha sin fhèin.

Chùm Meircheard fear de na clagan dha fhèin. Thug e na dhà eile do a chompanaich. Dh’iarr e orra falbh, gach duine air an rathad aige fhèin. ‘Nuair a sheirmeas an clag leis fhèin an treas turas, a chàirdean,’ thuirt e, ‘togaibh eaglais an sin.’

Dh’fhalbh a’ chiad duine chun na h-àirde an ear. Sheirm an clag trì tursan. An turas mu dheireadh, bha e ann an Gleann a’ Chonfhadhaich, deas air a’ Mhanachainn. Tha seann eaglais is cladh an sin fhathast.

Dh’fhalbh an dàrna fear chun na h-àirde an iar. Nuair a sheirm an clag aigesan treas turas, bha e anns an Àth Leathann san Eilean Sgitheanach.

Agus Meircheard fhèin, dh’fhalbh esan chun na h-àirde a deas, suas Srath Ghlais an toiseach. An uair sin, chaidh e tarsainn a’ mhonaidh a dh’ionnsaigh Ghleann Moireasdan. Bha e air mullach an sin nuair a sheirm an clag aige a’ chiad turas. Chuir muinntir an àite an t-ainm air a’ bheinn ud Suidhe Meircheard. Anns an latha an-diugh, ʼs e dìreach An Suidhe a th’ air na mapaichean, no mar a chanas na Gàidheil timcheall Loch Nis, An Suidh.

Lean Meircheard air gu deas, agus ràinig e Gleann Moireasdan. Stad e aig fuaran faisg air Baile an Tom Buidhe agus sheirm an clag a-rithist. ʼS e Fuaran Meircheard a th’ air an fhuaran sin. Gu mì-fhortanach, chan eil e air na mapaichean. Cha deach am pears-eaglais fada nuair a sheirm an clag a-rithist. Sin far an do stad ar laoch. Thog e eaglais ann, agus canaidh daoine Clachan Meircheard ris an àite, ged nach eil dad ann a-nise ach seann chladh.

Dh’fhuirich Meircheard ann an Gleann Moireasdan fad ùine mhòr. ʼS e searmonaiche math a bh’ ann, agus bha gràdh aig muinntir an àite air. Agus mar a chì sinn an-ath-sheachdain, bha an clag aige ainmeil. Thairis air na linntean, bho àm gu àm, bhiodh e a’ seirm leis fhèin.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Naomh Meircheard: St. Merchard; Srath Ghlais: Strathglass; togaibh: build; Gleann a’ Chonfhadhaich:Glen Convinth; fuaran: spring [well]; pears-eaglais: churchman, cleric; cladh: cemetery.

Abairtean na Litreach: Bha cleachdadh aig ar sinnsearan ‘mo’ a chur air beulaibh ainm naoimh: our ancestors had the practice of putting ‘mo’ before a saint’s name; faisg air Obar Dheathain ann an sgìre Chinn Chàrdainn: near Aberdeen in the area of Kincardine [O’Neil]; bha e na Chrìosdaidh on a bha e òg: he was a Christian from a young age; bha an triùir aca a’ sgaoileadh an t-soisgeil: the three of them were spreading the gospel; bhiodh a’ bhò na seasamh faisg air craobh, a’ coimhead oirre: the cow would stand near a tree, looking at it; cha bhiodh i a’ cur a beòil sìos airson ithe: she wouldn’t put her head down to eat; dè rinn X, ach gun do chladhaich e anns an ùir aig bonn na craoibhe: what did X do, except dig in the soil at the base of the tree; gleansach, ùr-nodha a’ coimhead: shiny and brand-new in appearance; chùm X fear de na clagan dha fhèin: X kept one of the bells for himself; gach duine air an rathad aige fhèin: each man on his own route; sheirm an clag trì tursan: the bell rang three times; deas air a’ Mhanachainn: south of Beauly; nuair a sheirm an clag aigesan treas turas, bha e anns an Àth Leathann: when his bell rang the third time, he was in Broadford; chun na h-àirde a deas: to the south; tarsainn a’ mhonaidh a dh’ionnsaigh:across the hills towards; ʼs e searmonaiche math a bh’ ann:he was a good preacher; bha gràdh aig muinntir an àite air: the local people loved him.

Puing-chànain na Litreach: Baile an Tom Buidhe: Balintombuie . This is the name of a small settlement in Glenmoriston. You might expect it to be Baile an Tuim Bhuidhe which would be ‘correct’ grammatically, with an Tuim Bhuidhe being the genitive form of noun and adjective (it is adjacent to a hill called an Tom Buidhe), but the toponym is Baile an Tom Buidhe in the records and in the speech of the last fluent native speakers of Glenmoriston Gaelic. The adjective sometimes has the effect of annulling the genitive singular inflection of masculine nouns, and this is likely to be an example.

Gnàthas-cainnt na Litreach: gun robh i air a leòr de dh’fheur ithe: that she had eaten her fill of grass.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 798

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean