ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1060: An Gàidheal – Tòimhseachain

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Halò a-rithist, a chàirdean. An toil leibh tòimhseachain? Fhuair mi lorg air feadhainn an latha eile ann an seann phàipear-naidheachd a chaidh fhoillseachadh anns an naoidheamh linn deug – An Gàidheal. Gabhaidh e leughadh air an eadar-lìon.

An toiseach, dà thòimhseachan a tha a’ cleas leis an fhacal ‘fada’. Seo agaibh a’ chiad fhear: Carson a tha leabaidh an t-slaodair ro ghoirid air a shon? A bheil sibh a’ tuigsinn slaodair? Cuideigin a tha leisg is slaodach. Carson a tha leabaidh an t-slaodair ro ghoirid air a shon? A chionn ʼs gu bheil e ro fhada innte. Bùm bùm, mar a thuirt am fear eile. Because he is too long in it. A chionn ʼs gu bheil e ro fhada innte.

Seo agaibh tòimhseachan eile anns an aon iris dhen Ghàidheal: Cò an sluagh as leisge, agus carson? Cò an sluagh as leisge, agus carson? ʼS e am fuasgladh – An fheadhainn as àirde, oir bidh iad nas fhaide anns a’ leabaidh na càch!

Bha na seann Ghàidheil riamh measail air tòimhseachain, agus bhiodh e math a leithid a chumail a dol anns an latha a th’ ann. Seo agaibh fear eile: Carson a tha muc anns an t-seòmar coltach ri taigh na theine? Carson a tha muc anns an t-seòmar coltach ri taigh na theine? Mar as luaithe a chuireas tu às i, ʼs ann as fheàrr. The quicker you put it out, the better. Mar as luaithe a chuireas tu às i, ʼs ann as fheàrr.

Agus fear eile. Bha m’ athair nach maireann na fhiaclair. Mar sin, tha am fear seo a’ còrdadh rium. Carson a tha fiacail a chaidh a tharraing coltach ri nì a chaidh air dìochuimhne? Carson a tha fiacail a chaidh a tharraing coltach ri nì a chaidh air dìochuimhne? ʼS e am fuasgladh – dh’fhalbh e às a’ cheann!

Agus aon fhear eile. ʼS dòcha nach bi seo cho furasta dhuibh, ach smaoinichibh air cumadh a’ bhuntàta. Carson a tha deòir coltach ri buntàta? Carson a tha deòir coltach ri buntàta? Tha iad a’ fàs às an t-sùil. Tha iad a’ fàs às an t-sùil. Nì sin an gnothach airson tòimhseachain an-dràsta, nach dèan?

Tha mi airson abairt no dhà innse dhuibh, a nochdas anns an aon iris dhen Ghàidheal. Tha tòrr fìrinn anns na h-abairtean seo, agus tha iad brìghmhor. Seo agaibh tè: Is fheàrr teine beag a gharas, na teine mòr a loisgeas. A small fire that warms a person is better than a big fire that burns them. Is fheàrr teine beag a gharas, na teine mòr a loisgeas.

Seo feadhainn eile:Is fheàrr fuine thana na bhith gun aran idir. It’s better to have a thin baking than to be without bread. Is fheàrr fuine thana na bhith gun aran idir.

Is duilich bùrn glan a thoirt à tobar salach. It’s hard to draw clean water from a dirty well. Is duilich bùrn glan a thoirt à tobar salach.

Is beag a th’ eadar do ghal ʼs do ghàire. Little separates tears from laughter. Is beag a th’ eadar do ghal ʼs do ghàire.

Agus seo agaibh smuain a tha a cheart cho fìor an-diugh ʼs a bha i riamh: Is beò duine an dèidh a shàrach’, ach cha bheò e an dèidh a nàrach’ .

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: tòimhseachain: riddles; measail air: keen on; fuasgladh: solution; brìghmhor: pithy.

Abairtean na Litreach: : a tha a’ cleas leis an fhacal X: that play with the word X; carson a tha leabaidh an t-slaodair ro ghoirid air a shon?: why is the lazy man’s bed too short for him?; cò an sluagh as leisge, agus carson?: who are the laziest people, and why? ; an fheadhainn as àirde, oir bidh iad nas fhaide anns a’ leabaidh na càch: the tallest people, because they are longer in bed than anybody else; bhiodh e math a leithid a chumail a dol anns an latha a th’ ann: it would be good to keep the like going in today’s world; carson a tha muc anns an t-seòmar coltach ri taigh na theine?: why is a pig in the room like a house on fire?; bha m’ athair nach maireann na fhiaclair: my late father was a dentist; carson a tha fiacail a chaidh a tharraing coltach ri nì a chaidh air dìochuimhne?: why is a tooth that has been extracted like something that has been forgotten ; dh’fhalbh e às a’ cheann: it [has] left the head; ʼs dòcha nach bi seo cho furasta dhuibh: perhaps this won’t be so easy for you; smaoinichibh air cumadh a’ bhuntàta: think of the form of a potato ; carson a tha deòir coltach ri buntàta?; why area tears like a potato [potatoes]?; tha iad a’ fàs às an t-sùil: they grow from the eye; nì sin an gnothach:that’ll do; tha mi airson abairt no dhà innse dhuibh: I want to tell you a couple of phrases; a nochdas anns an aon iris: that appear in the same edition.

Puing-chànain na Litreach: : Is fheàrr fuine thana na bhith gun aran idir: it’s better to have a thin baking than to be without bread. Starting a statement with ‘Is fheàrr’ is a neat way of making a pithy statement – why not try and create a few or your own, starting with ‘Is fheàrr’? Is fheàrr beagan Gàidhlig na bhith gun Gàidhlig idir!

Seanfhacal na Litreach: : Is beò duine an dèidh a shàrach’, ach cha bheò e an dèidh a nàrach’: a man survives harrassment but does not survive shaming.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 756

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean