FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1246: An Neach-iùil Stròmach

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Neach-iùil Stròmach

Gaelic Gàidhlig

Ann an Litir seachd ceud ʼs a dhà (702), rinn mi iomradh air Eilean Stròma, far costa Ghallaibh. Chan eil duine a’ fuireach ann an-diugh. Nuair a bha sluagh ann, bha na daoine fìor chomasach mar mharaichean. Bha cuid de na Stròmaich ainmeil mar luchd-iùil a bheireadh daoine tro na caoil timcheall an eilein. Bidh na sruthan mara timcheall Stròma a’ ruigsinn astar de dh’aon mhìle-mhara dheug san uair. Tha sgeirean gu leòr ann. ʼS e àite cunnartach a th’ ann.

Agus dh’fhaodadh e a bhith sàrachail do mharaichean. Ri linn nam bàtaichean seòlaidh, nuair nach robh a’ ghaoth ann, bhiodh soithichean glacte eadar Stròma agus tìr-mòr, a’ dol air ais agus air adhart leis an tìde-mhara, gun chomas briseadh a-mach às an t-sruth.

Ged a tha na h-Eileanan an Iar pìos air falbh bho Stròma, bha ceanglaichean mara ann eadar an dà àite. Tha mi airson innse dhuibh mu thachartas annasach as t-fhoghar ochd ceud deug, naochad ʼs a h-aon (1891).

Bha an Cupid, soitheach às an Danmhairg le còignear air bòrd, a’ dèanamh air Steòrnabhagh. Nuair a ràinig iad uisgeachan Stròma chuir iad bratach an-àirde a bha a’ sealltainn gun robh iad a’ sireadh neach-iùil. Chaidh bàta a-mach bho Stròma. Dh’aontaich fear de na Stròmaich, David Banks, a bhith air fhastadh mar neach-iùil. Bhiodh e a’ dol air a’ Chupid gu ruige Steòrnabhagh.

Chaidh cùisean gu math gus an do ràinig iad am Parbh, no mar a chanas muinntir Leòdhais, an Carbh. Sin a’ Ghàidhlig air Cape Wrath. Dh’èirich stoirm agus bha an Cupid air a h-iomain a dh’ionnsaigh Shealtainn. Rinn an criutha oidhirp dhol an aghaidh a’ ghaillinn ach dh’fhàilnich orra.

Bha na siùil air an reubadh às a chèile. Chaidh sgrios a dhèanamh air an t-soitheach. Chaill iad ball dhen chriutha thairis air a’ chliathaich, agus cha mhòr nach do chaill iad dithis eile. Bha iad ann an cunnart a dhol fodha.

Bha iad ann an èiginn airson grunn sheachdainean. Chaidh iad seachad air na h-Eileanan Sealtainneach agus ràinig iad na h-Eileanan Fàrach. Bha an criutha a-nise claoidhte. Bha iad dhen bheachd nach robh dol-às aca. Bhiodh an Cupid air a briseadh às a chèile air a’ chladach fo na bearraidhean. Bhiodh iad uile air am bàthadh.

Ach chunnaic David Banks loch-mara beag le acarsaid ann. Chuir iad am pìos beag de sheòl a bh’ aca fhathast air a’ chrann, agus stiùir Banks an Cupid a-steach gu àite sàbhailte.

Thug na Fàraich taic agus aodach ùr dhaibh. Choisich Banks gu ruige am prìomh bhaile, Tórshavn, thairis air na beanntan. Fhuair e dhachaigh air soitheach-smùide a bha a’ dèanamh air Lìte. Chuir e iongnadh air muinntir Stròma nuair a ràinig e an t-eilean. Bha daoine dhen bheachd gun deach a chall aig muir.

Chaidh mìosan seachad. Bha an Cupid air a càradh. Mu dheireadh thall, ràinig i Steòrnabhagh. Bha an criutha dhen bheachd gun robh David Banks air am beatha a shàbhaladh, leis cho sgileil ʼs a bha e.

Tha eàrr-sgrìobhadh duilich agam don sgeul, ge-tà. Faisg air deireadh a’ Chogaidh Mhòir, bha David Banks agus dithis eile a’ tilleadh gu Stròma bho Inbhir Ùige. Bha iad air am bàthadh nuair a chaidh am bàta aca fodha.

Faclan na Litreach: sgeirean: skerries; soithichean: vessels; glacte: stuck, caught; An Danmhairg: Denmark; dh’aontaich: agreed; gu ruige Steòrnabhagh: to Stornoway; èiginn: crisis, distress; claoidhte: exhausted; dol-às: escape; bearraidhean: cliffs; eàrr-sgrìobhadh: post-script.

Abairtean na Litreach: Eilean Stròma, far costa Ghallaibh: the Isle of Stroma, off the coast of Caithness; fìor chomasach mar mharaichean: exceptionally capable as mariners; ainmeil mar luchd-iùil a bheireadh daoine tro na caoil: famous as pilots who would take people through the firths; astar de dh’aon mhìle-mhara dheug san uair: a speed of eleven knots [nautical miles per hour]; dh’fhaodadh e a bhith sàrachail do mharaichean: it could be wearisome for mariners; air ais agus air adhart leis an tìde-mhara: back and forth with the tide; chuir iad bratach an-àirde: they hoisted a sail; a’ sealltainn gun robh iad a’ sireadh neach-iùil: showing that they were seeking a pilot; air fhastadh mar neach-iùil: hired as a pilot; dh’èirich stoirm agus bha an Cupid air a h-iomain a dh’ionnsaigh Shealtainn: a storm arose and the Cupid was driven towards Shetland; rinn an criutha oidhirp dhol an aghaidh a’ ghaillinn ach dh’fhàilnich orra: the crew attempted to go against the storm but they failed; bha na siùil air an reubadh às a chèile: the sails were ripped to shreds; chaill iad ball dhen chriutha thairis air a’ chliathaich: they lost a crew member over the side; ann an cunnart a dhol fodha: in danger of sinking; seachad air na h-Eileanan Sealtainneach: past the Shetland Islands; ràinig iad na h-Eileanan Fàrach: they reached the Faroe Islands; bhiodh iad uile air am bàthadh: they would all be drowned; loch-mara le acarsaid ann: a fjord with an anchorage; fhuair e dhachaigh air soitheach-smùide a bha a’ dèanamh air Lìte: he got home on a steamship that was making for Leith; gun deach a chall aig muir: that he was [had been] lost at sea; deireadh a’ Chogaidh Mhòir: the end of the Great War.

Puing-chànain na Litreach: cha mhòr nach do chaill iad dithis eile: they almost lost two others. Cha mhòr nach means ‘almost’ and cha mhòr gu(n) means ‘hardly, barely’. Cha mhòr nach eil mi deiseil ‘I’m almost ready’. Cha mhòr gun robh iad beò ‘they were barely alive’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: a’ dèanamh air Steòrnabhagh: making for Stornoway.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 942

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean