ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

818: Ùisdean ’s an Tombaca (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Ghoid Padaidh Cam an t-airgead bho Shandaidh, an cù a bha a’ toirt tombaca dhachaigh do dh’Ùisdean. Nuair a ràinig Sandaidh a dhachaigh, dh’fhuasgail Ùisdean an nèapraigear. Bha tombaca ann ach bha cuideachd pìos pàipeir ann. Bha brath ann am peansail bho fhear na bùtha: ‘Ùisdein chòir,’ bha sgrìobhte air, ‘cha robh airgead aig a’ chù ged a bha an nèapraigear ceangailte. Seo dhut do thombaca ach tha crùn agam ort a-nise.’

‘O, a laochain,’ thuirt Ùisdean ri Sandaidh, ‘dè thachair? An do ghoid cuideigin an t-airgead?’ Bha an cù a’ coimhead air le sùilean tuigseach. Ach cha robh comas labhairt aige!

Co-dhiù, an ath Dhihaoine, chuir Ùisdean crùn anns an nèapraigear timcheall amhaich a’ choin agus dh’iarr e air falbh don bhùth. Bha Padaidh Cam a’ feitheamh ris air an rathad. Thug e briosgaid don chù, thug e an t-airgead a-mach às an nèapraigear agus cheangail e an nèapraigear a-rithist.

Ràinig Sandaidh bùth an tombaca ann an Inbhir Pheofharain. Dh’fhuasgail fear na bùtha an nèapraigear agus, a-rithist, cha robh airgead ann. An turas seo, cha do chuir e tombaca ann. Chuir e litir ann am peann. ‘Ùisdein chòir,’ sgrìobh e, ‘tha mi duilich ach chan fhaigh thu tombaca bhuam gus am faigh mi an t-airgead a th’ agam ort.’ Agus chuir e an cù bochd dhachaigh.

Bha Ùisdean fiadhaich. Bha an tombaca gann agus cha mhaireadh e fada. Dh’fhàsadh Ùisdean gu math greannach. Chuir e roimhe coiseachd a-steach a dh’Inbhir Pheofharain an ath Dhihaoine, agus Sandaidh na chois.

Trì mìle a-mach às a’ bhaile, bha Padaidh Cam a’ feitheamh. Ach chunnaic e Ùisdean cuide ris a’ chù. Chaidh e air ais don taigh aige. Chan fhaca Ùisdean e.

Ràinig Ùisdean bùth an tombaca. ‘Innsidh mi dhut dè nì sinn,’ thuirt fear na bùtha. ‘Tha mi an dùil gur e cuideigin a chunnaic an cù sa bhùth agam a tha a’ goid an airgid. An ath thuras, cuir sgrìob bheag air a’ bhonn leth-chrùin far a bheil sròn an rìgh. Ma dh’fheuchas am mèirleach ris am bonn sin a chosg an seo, bidh fios agam gur e a th’ ann.’

‘Ach dè ma tha e a’ dèanamh stòras dhiubh?’ thuirt Ùisdean. ‘’S dòcha nach bi e ga chosg airson ùine.’

‘A bheil smuain nas fheàrr agad?’ dh’fhaighnich fear na bùtha.

Cha robh smuain na b’ fheàrr aig Ùisdean. An ath Dhihaoine, chuir Ùisdean sgrìob air sròn an rìgh air bonn leth-chrùin. Ma bha a leithid an aghaidh an lagh, bha e coma. Bha e coma ach tombaca fhaighinn! Chuir e am bonn anns an nèapraigear timcheall amhaich Shandaidh, agus chuir e an cù a dh’ionnsaigh na bùtha.

Bha Padaidh Cam a’ feitheamh ris. Cha robh sgeul air Ùisdean agus chaidh Padaidh ann an rathad a’ choin le briosgaid. Thug e an t-airgead a-mach às an nèapraigear agus cheangail e a-rithist e. Dh’fhalbh an cù don bhùth. Agus innsidh mi dhuibh mar a thàinig an gnothach gu crìch an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: a laochain: lad ‘hero’; briosgaid: biscuit; cheangail: tied; fiadhaich: wild, angry.

Abairtean na Litreach: Ghoid Padaidh Cam an t-airgead bho Shandaidh: one-eyed Paddy stole the money from Sandy; dh’fhuasgail Ùisdean an nèapraigear: Hugh untied the kerchief; bha brath ann am peansail bho fhear na bùtha: there was a note in pencil from the shopkeeper; a’ coimhead air le sùilean tuigseach: looking at him with understanding eyes; cha robh comas labhairt aige: he couldn’t speak; bha an tombaca gann agus cha mhaireadh e fada: tobacco was in short supply and wouldn’t last long; dh’fhàsadh Ùisdean gu math greannach:Hugh would become very grumpy; innsidh mi dhut dè nì sinn: I’ll tell you what we’ll do; cuideigin a chunnaic an cù sa bhùth agam:somebody who saw the dog in my shop; cuir sgrìob bheag air a’ bhonn leth-chrùin far a bheil sròn an rìgh:leave a scratch on the half-crown coin where the king’s nose is; ma dh’fheuchas am mèirleach ris am bonn sin a chosg: if the thief tries to spend that coin; dè ma tha e a’ dèanamh stòras dhiubh?: what if he is saving them up?; a bheil smuain nas fheàrr agad?: do you have a better thought?; ma bha a leithid an aghaidh an lagh, bha e coma:if such a thing was against the law, he couldn’t care less; chuir e an cù a dh’ionnsaigh na bùtha: he sent the dog in the direction of the shop; ann an rathad a’ choin le briosgaid: in the way of the dog with a biscuit.

Puing-chànain na Litreach: Seo dhut do thombaca ach tha crùn agam ort a-nise: here is your tobacco but you owe me a crown now. Tha £X aig Y air Z is an easy way to express money being owed – meaning ‘Z owes Y £Z’. The debt is on person Z ‘air Z’ and the money will come to ‘bidh e aig’ person Y. Tha $8 aig Iain orm ‘I owe John $8’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha e coma ach tombaca fhaighinn: he couldn’t care less about anything except getting tobacco.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 514

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean