menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

History Eachdraidh

Search Lorg

Am Bìoball Gàidhlig (Litir 600)

Fàilte chridheil oirbh gu Litir Sia Ceud (600). An t-seachdain sa chaidh bha mi a’ bruidhinn mun eadar-theangachadh ùr a rinneadh aig deireadh na bliadhn’ an-uiridh, de Leabhar Eòin às a’ Bhìoball. An t-seachdain seo bu mhath leam sùil a thoirt air mar a chaidh an Tiomnadh Nuadh fhèin, agus am Bìoball, eadar-theangachadh gu Gàidhlig anns a’ chiad dol a-mach. Agus, mar a chì sibh, tha àite mòr aig Siorrachd Pheairt agus na Tròiseachan sa chùis.

Anns an t-seachdamh linn deug, bha mòran anns an Eaglais, mar a bha mòran anns an riaghaltas ann an Dùn Èideann, gu dubh an aghaidh na Gàidhlig. Agus cha do rinneadh mòran adhartais a thaobh a bhith ag eadar-theangachadh a’ Bhìobaill gu Gàidhlig.

Ach rinneadh beagan adhartais ann an Èirinn. Nochd an Tiomnadh Nuadh ann an Gàidhlig na h-Èireann ann an sia ceud deug ’s a trì (1603). Agus chuireadh am Bìoball Gaeilge ann an clò ann an sia ceud deug, ochdad ’s a còig (1685). Bha Alba gu bhith a’ faighinn buannachd de sheòrs’ air choreigin cuideachd.

Airson an eachdraidh a thoirt air adhart, feumaidh sinn aithne a chur air triùir a bha an sàs anns a’ ghnothach. Is iad sin Robert Boyle, mac Iarla Chorcaigh, Seumas Kirkwood, ministear à Sasainn, a rugadh air a’ Ghalltachd agus a bha uaireigin a’ fuireach ann am Bràghad Albainn, agus Raibeart Kirk, ministear ann an Obar Phuill anns na Tròiseachan. Bha Gàidhlig aig Kirk bho dhùthchas.

Bha barrachd lethbhreac dhen t-Seann Tiomnadh Èireannach aig Boyle na bha a dhìth. Agus chuir e feadhainn gu Kirkwood airson sgaoileadh air Gàidhealtachd na h-Alba. Anns an Ògmhios sia ceud deug, ochdad ’s a h-ochd (1688) bha dà cheud lethbhreac ’s a seachd aig Seumas Kirkwood. Bha fear ann airson gach paraiste agus seachd airson nan easbaigean.

Chuir Kirkwood na Bìobaill gu ruige Lìte air long. Chaidh feadhainn a chur a-mach gu diofar pharaistean far an robh coitheanalan Gàidhlig. Tha feadhainn dhiubh sin fhathast ann an làmhan nan eaglaisean dhan deach an cur. Chunnaic mi fear dhiubh ann an Siorrachd Pheairt bliadhna no dhà air ais, le ainm-sgrìobhte an Urramaich Raibeart Kirk ann. Abair rud prìseil!

Ach, deich bliadhna às dèidh sin, bha an dàrna cuid de na Seann Tiomnaidhean fhathast ann an làmhan na h-Eaglaise ann an Dùn Èideann. Cha robh iad air an slighe a dhèanamh chun na Gàidhealtachd idir. ’S e dà rud a bu choireach ri sin, a rèir choltais. Bha nàimhdeas don Ghàidhlig taobh a-staigh na h-Eaglaise. Agus cha robh e furasta do Ghàidheil na h-Alba na teacsaichean Èireannach a leughadh. Bha an cànan rud beag eadar-dhealaichte agus bha i sgrìobhte anns a’ chlò thraidiseanta Èireannach.

Bha Kirkwood agus Boyle dhen bheachd gum biodh e math do dh’Alba nam biodh am Bìoball Èireannach ri fhaighinn, ach ann an clò Ròmanach, seach clò Èireannach. Chaidh an obair sin a thoirt do Raibeart Kirk. Anns a’ Ghiblean sia ceud deug is naochad (1690), nochd am Bìoball Èireannach ann an clò Ròmanach. Chaidh trì mìle Bìoball agus mìle Tiomnadh Nuadh a chur an clò. Agus chaidh trì mìle leabhar cheist a dhèanamh cuideachd.

Ach fhathast, bha an Eaglais slaodach ann a bhith a’ cur nan leabhraichean Gàidhlig gu ruige na paraistean far am biodh iad feumail. Bidh an stòiridh a’ leantainn – an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: An Tiomnadh Nuadh: the New Testament; mac Iarla Chorcaigh: son of the Earl of Cork; Obar Phuill: Aberfoyle; paraiste: parish; easbaigean: bishops; coitheanalan: congregations; ainm-sgrìobhte: signature; Seann Tiomnadh: Old Testament; nàimhdeas: hostility; clò Ròmanach: Roman (Latin) type/font; leabhar cheist: book of catechism; slaodach: slow, tardy.

Abairtean na Litreach: Leabhar Eòin às a’ Bhìoball: The Book of John from the Bible; tha àite mòr aig Siorrachd Pheairt agus na Tròiseachan [also Tròisichean] sa chùis : Perthshire and the Trossachs play a significant role; gu dubh an aghaidh na Gàidhlig: strongly opposed to the Gaelic language; cha do rinneadh mòran adhartais: not much progress was made; chuireadh am Bìoball Gaeilge ann an clò: the Irish Gaelic Bible was printed; bha Alba gu bhith a’ faighinn buannachd de sheòrs’ air choreigin cuideachd: Scotland was also going to obtain some sort of benefit; airson an eachdraidh a thoirt air adhart: to take the story forward; feumaidh sinn aithne a chur air triùir: we must gain the acquaintance of three people; uaireigin a’ fuireach ann am Bràghad Albainn: at one time living in Breadalbane; barrachd lethbhreac: more copies; gu ruige Lìte air long: to Leith on a ship; ann an làmhan nan eaglaisean dhan deach an cur: in the hands of the churches to which they were sent; abair rud prìseil!: what a precious thing!; sgrìobhte anns a’ chlò thraidiseanta Èireannach: written in the traditional Irish type; gum biodh e math do dh’Alba nam biodh am Bìoball Èireannach ri fhaighinn: that it would be good for Scotland if the Irish Bible were available; thug an obair bliadhna gu leth: the work took a year and a half; gu ruige na paraistean far am biodh iad feumail: to the parishes where they would be useful.

Puing-chànain na Litreach: airson sgaoileadh air Gàidhealtachd na h-Alba: for distribution in the Highlands of Scotland. We generally say “air” rather than “anns” when referring to the Gàidhealtachd, which is usually unlenited when followed by na h-Alba. But how do we say “in the Highlands” without referring to Alba ? We tend to say “air a’ Ghàidhealtachd” but you will hear many people say “air Ghàidhealtachd” without the article but with a lenited “G”. This would appear to be a traditional usage, with the lenition incurred in the indefinite dative singular following the preposition “air”, as still occurs in Irish Gaelic. Such lenition is preserved in Scottish Gaelic in other phrases like air mhàl, air chuairt and beag air bheag.

Gnàthas-cainnt na Litreach: a rinneadh aig deireadh na bliadhn’ an-uiridh: that was done at the end of last year.

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 296

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word