387: Seumas Mason
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Seumas Mason
Bha Seumas Mason a’ ruith soithichean a bha a’ cur buntàta a-mach à Inbhir Nis gu ruige Lunnainn. Ach bha gaiseadh a’ bhuntàta ann. Agus bha an sluagh feargach mu dheidhinn. Chuir daoine stad air Mason bho bhith a’ cur buntàta air na soithichean. Gheall Mason gun toireadh e “arbhar is buntàta gu leòr a-steach a dh’Inbhir Nis” nan robh sin a dhìth.
Ach cha robh an sluagh riaraichte. Bha fios aca gum biodh biadh mar sin fada ro dhaor dhaibh. Bhris iad na h-uinneagan anns an taigh aige. An uair sin, rinn iad air taigh fear eile a bha a’ dèanamh às-mhalairt de bhuntàta. Ach bha saighdearan ann romhpa.
Dh’fhuiling dithis lotan bho bheigleidean nan saighdearan. Chuir na saighdearan fichead duine an grèim. Mus d’ fhuair iad air ais don chaisteal leotha, thilg an sluagh tòrr chlachan orra. Bha am Pròbhaist feargach. Chanadh cuid mu dheidhinn gun dèanadh e aimhreit ann an eaglais fhalamh. Chan èisteadh e ri gearanan an t-sluaigh mu chion a’ bhìdh. An àite sin, rinn e conastabalan sònraichte de chuid de dh’fhir bheartach a’ bhaile.
Agus rinn e cùisean na bu mhiosa. Chaidh cairt làn bhuntàta a thoirt gu Taigh a’ Bhaile. Thug na h-ùghdarrasan a’ chairt tro na sràidean a dh’ionnsaigh a’ chidhe. Air an rathad, chaidh clach a thilgeil. Bhuail i am Pròbhaist. Leugh an Siorram Achd na h-Aimhreit.
Ach thàinig barrachd is barrachd dhaoine cruinn còmhla air an rathad don chidhe. Mu dheireadh, bha mu chòig mìle ann. ’S e sluagh mòr a bha sin oir cha robh ach còig mìle deug duine a’ fuireach ann an Inbhir Nis aig an àm. Chuir na daoine ruaig air na poilis le bhith a’ tilgeil clachan orra. Fhuair iad grèim air a’ chairt. Dh’fhuasgail iad an t-each agus thilg iad a’ chairt don abhainn.
Chaidh fios a chur do na saighdearan anns a’ chaisteal. Thàinig iadsan don chidhe leis na beigleidean aca ceangailte. Chuir iad còignear an grèim.
Chaidh stad a chur air daoine bho bhith a’ falbh a-mach eadar naoi uairean a dh’oidhche agus sia uairean sa mhadainn. Thairis air an oidhche, ge-tà, chaidh cuid a chur an grèim air sràidean Inbhir Nis.
Air Disathairne an seachdamh latha dhen Ghearran, ceithir latha às dèidh don aimhreit tòiseachadh, chaidh ochd làn-chairtean de bhuntàta a chur air bòrd nan long aig a’ chidhe. Bha aon duine a’ feuchainn ri stad a chur orra. Ach bha saighdearan gu leòr an làthair. Chaidh an duine a chur an grèim. Bha buaidh aig na h-ùghdarrasan.
Nochd ceannard luchd na h-aimhreit, an gobha, Aonghas Siosalach, anns a’ chùirt anns a’ Ghiblean. Bha e fhèin is feadhainn eile fo chasaid de bhith ri aimhreit. Fhuair e naoi mìosan anns a’ phrìosan.
Ach tro thìde thàinig e am follais gu robh luchd na h-aimhreit ceart mun t-suidheachadh anns a’ cheann a tuath. Rinn an gaiseadh sgrios air a’ bhuntàta air feadh na sgìre.
Chan e sin a-mhàin ach bha gainnead de dh’arbhar ann an cuid de dh’àiteachan cuideachd. A dh’aindeoin sin bha cuid fhathast a’ dèanamh às-mhalairt de dh’arbhar. Anns an Fhaoilleach ochd ceud deug, ceathrad ’s a seachd (1847) chaidh aithris gu robh daoine ann an Srath Glais a’ fulaing le cion a’ bhìdh. Agus chaidh feadhainn ann an Inbhir Nis air ais air na sràidean air a’ chiad latha dhen Ghearran, feuch stad a chur air às-mhalairt de bhiadh. Ach mhair an dàrna ar-a-mach dìreach latha, agus cha robh feum air saighdearan.
Faclan na Litreach: riaraichte: satisfied; romhpa: before them; gobha: blacksmith; An Giblean: April; às-mhalairt: export; Am Faoilleach: January; Srath Glais: Strathglass; An Gearran: February.
Abairtean na Litreach: soithichean a bha a’ cur buntàta a-mach à Inbhir Nis: vessels that were exporting potatoes from Inverness; gaiseadh a’ bhuntàta:the potato blight; gun toireadh e arbhar gu leòr a-steach: that he would import enough corn; nan robh sin a dhìth: if that were needed; ro dhaor: too dear; rinn iad air taigh fear eile: they made for another man’s house; dh’fhuiling dithis lotan bho bheigleidean: two people suffered wounds from bayonets; chuir X fichead duine an grèim: X arrested twenty people; chan èisteadh e ri gearanan an t-sluaigh: he wouldn’t listen to the people’s complaints; conastabalan sònraichte: special constables; rinn e cùisean na bu mhiosa: he made things worse; Taigh a’ Bhaile: The Town House; leugh an Siorram Achd na h-Aimhreit:the Sheriff read the Riot Act; còig mìle deug duine: fifteen thousand people; dh’fhuasgail iad an t-each:they unhitched the horse; beigleidean ceangailte: fixed bayonets; ochd làn-chairtean: eight cartloads; air bòrd nan long: on board the ships; an làthair: present; bha buaidh aig na h-ùghdarrasan: the authorities were victorious: fo chasaid de bhith ri aimhreit: accused of rioting: thàinig e am follais: it came to light/became clear; gainnead de dh’arbhar: a shortage of corn; a’ fulaing le cion a’ bhìdh: suffering from lack of [the] food; mhair an dàrna ar-a-mach dìreach latha: the second revolt lasted just a day.
Puing-chànain na Litreach: Chuir na daoine ruaig air na poilis : the idiom means “the people put the police to flight” but I actually want to make a point about the word poileas as it is sometimes misapplied. Poileasis the singular and means a single police officer. If we are being gender specific, a policewoman is a bana-phoileas. Poilis is the genitive singular (eg carbad poilis, a police vehicle) or the nominative plural (eg bha poilis gu leòr ann: there were many police officers there). When referring to a police force we generally use the plural eg Poilis a’ Chinn a Tuath (Northern Constabulary), Poilis Roinn Tatha (Tayside Police).
Gnàthas-cainnt na Litreach: Chanadh cuid mu dheidhinn gun dèanadh e aimhreit ann an eaglais fhalamh: some would say of him that he could create a riot in an empty church – ie he was not easy to get along with!
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 83
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn