ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

562: An Rìgh agus an Searrach

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an stòiridh An Rìgh agus an Searrach. Bha an searrach aig an tuathanach air a dhol dhachaigh don chaisteal le gearran an rìgh. Cha robh an rìgh deònach an searrach a thoirt air ais don tuathanach.

Latha a bha seo, bha an rìgh a-muigh a’ sealg. Chaidh an tuathanach don chaisteal a bhruidhinn ri bean an rìgh. Mhìnich e dhi mar a bha cùisean.

“Nist,” thuirt i, “thig tràth sa mhadainn agus thoir leat bucaid de shalann. Tòisich air salann a chur anns a’ phàirc. Thig an rìgh a-mach a choimhead feuch gu dè tha thu a’ dèanamh. Can ris gu bheil thu a’ crathadh salainn. Faighnichidh e dhiot a bheil thu an dùil gum fàs an salann. Can ris gu bheil e a cheart cho coltach gum fàs salann anns an talamh ’s a tha e gum bi searrach aig gearran. Agus cha chan mi an còrr.”

Rinn an tuathanach mar a thuirt bean an rìgh. Bha bucaid aige de shalann. Bha e a’ crathadh an t-salainn air an talamh.

“Dè tha thu a’ dèanamh an sin?” dh’fhaighnich an rìgh.

“Nach eil mi,” ars esan, “a’ crathadh salainn?”

“Agus a bheil thu a’ smaoineachadh gum fàs an salann?” thuirt an rìgh.

“Chan eil mi cinnteach gum fàs,” ars an duine. “Ach tha e cho coltach gum fàsadh salann anns an talamh ’s a tha e gum bi searrach aig gearran.”

“Tha sin fìor,” dh’aidich an rìgh. Ach cha robh e deònach an searrach a thoirt seachad. ’S e searrach air leth math a bh’ ann. Chaidh an rìgh a-steach. “Thug thusa comhairle don tuathanach, nach tug,” thuirt e ri a bhean. Dh’aidich i gun tug.

“Tha mi cinnteach,” ars esan, “gu bheil cuimhne agad air na cùmhnantan air ar pòsadh.”

“Tha cuimhne agam orra,” fhreagair a bhean.

“Uill,” ars esan, “faodaidh tu dèanamh deiseil airson an caisteal fhàgail.”

“Tha sin math gu leòr,” ars ise, “ach bidh cuimhne agad fhèin air a’ chùmhnant eile – gum faodainn trì eallaich a thoirt leam a-mach às a’ chaisteal.”

“Ceart gu leòr,” thuirt an rìgh. “B’ e sin an cùmhnant.” Leis a sin, lìon a bhean ciste le òr is airgead is seudan. Chuir i a’ chiste taobh a-muigh a’ chaisteil agus thill i a-steach. Thog i a’ chreathall anns an robh an gille aca. B’ e sin an dàrna eallach a bha cead aice a thoirt a-mach às a’ chaisteal.

Bha an rìgh a’ coimhead gu math mì-thoilichte. Bha e a’ meòrachadh air cho gòrach ’s a bha e nuair a rinn e cùmhnantan a’ phòsaidh. Ach cha robh a bhean deiseil. Bha an treas eallach aice fhathast. Agus seo na rinn i. Dh’fhàg i a’ chreathall taobh a-muigh a’ chaisteil. Thill i a-steach agus rug i air làmh an rìgh fhèin. Thug i a-mach air an doras e.

Bha i air trì eallaich a thoirt a-mach às a’ chaisteal. Ach cha robh duine na bhroinn. Dh’fhaodadh duine sam bith an caisteal a ghabhail thairis. Mar sin, thuirt an rìgh, “Tillidh thusa a-steach don chaisteal agus thèid mi fhìn a-steach cuideachd. Giùlainidh mi a-steach na h-eallaich a thug thu a-mach.”

Agus sin mar a dh’èirich e don nighinn seòlta a bh’ aig an t-seann duine. Bha i fhèin agus an rìgh sona gu leòr. Agus tha mi an dùil gun d’ fhuair an tuathanach a shearrach air ais.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: An Rìgh agus an Searrach: The King and the Foal; tuathanach: farmer; gearran: gelding; creathall: cradle.

Abairtean na Litreach: mhìnich e dhi mar a bha cùisean: he explained to her how things were; thoir leat bucaid de shalann: bring with you a bucket of salt; tòisich air salann a chur anns a’ phàirc: start to plant salt in the field; a choimhead feuch gu dè tha thu a’ dèanamh: to see what you are doing; can ris gu bheil thu a’ crathadh salainn: tell him you are sprinkling salt; faighnichidh e dhiot: he will ask you; a bheil thu an dùil gum fàs an salann: do you expect the salt to grow; cha chan mi an còrr: I won’t say any more; cha robh e deònach an searrach a thoirt seachad: he wasn’t willing to give up the foal; thug thusa comhairle don tuathanach: you gave advice to the farmer; dh’aidich i gun tug: she admitted that she did; bidh cuimhne agad fhèin air a’ chùmhnant eile: you will remember the other condition; gum faodainn trì eallaich a thoirt leam: that I could take three loads with me; lìon a bhean ciste le seudan: his wife filled a chest with jewels; a’ meòrachadh air cho gòrach ’s a bha e: contemplating how foolish he was; rug i air làmh an rìgh fhèin: she took hold of the king’s hand; giùlainidh mi a-steach na h-eallaich a thug thu a-mach: I will carry in the loads you took out; sin mar a dh’èirich e don nighinn seòlta: that’s what happened to the crafty daughter.

Puing-chànain na Litreach: Bha e a’ crathadh an t-salainn air an talamh: he was sprinkling the salt on the ground. The Gaelic for salt – salann (it’s related to similar words in many European languages) – is masculine. Thus it slenderises in the genitive singular (to salainn). However, because it starts with an “s” and is masculine, where the article is present, the genitive form is preceded by t- (and note the “s” is no longer sounded). This is a general grammatical rule in the language. Here are some other examples: tha mi a’ faicinn an t-saighdeir, tha e a’ lìbhrigeadh an t-soisgeil, tha i air mullach an t-sìthein. In the example in the Litir, salann is in the genitive because it is commanded by a verbal noun ( a’ crathadh).

Gnàthas-cainnt na Litreach: a cheart cho coltach gum fàs salann anns an talamh ’s a tha e gum bi searrach aig gearran: just as likely that salt will grow in the ground as it is that a gelding will have a foal.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 258

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean