ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

796: An Dreathan-donn

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Is mòid i sin, is mòid i sin, mar a thuirt an dreathan-donn nuair a rinn e dileag sa mhuir mhòir . An cuala sibh an seanfhacal sin riamh? Tha mi a’ dèanamh dheth gu bheil e a-mach air daoine a tha a’ smaoineachadh gu bheil iad nas cudromaiche na tha iad ann an dha-rìreabh. Is mòid i sin, is mòid i sin, mar a thuirt an dreathan-donn nuair a rinn e dileag sa mhuir mhòir. Tha an t-eun seo car mòr às fhèin. Agus carson nach bitheadh? Nach e an dreathan-donn a chaidh na b’ àirde na eun sam bith eile, eadhon an iolair, oir chaidh e air muin na h-iolaire nuair a bha ‘rìgh nan eun’ air sgèith gu h-àrd.

Sheall an stòiridh sin, mun dreathan agus an iolair, cho seòlta ’s a tha an t-eun beag seo. Agus bidh sibh eòlach air an ainmhidh eile a thathar a’ tomhas mar seòlta – an sionnach no madadh-ruadh. Ach cò tha nas seòlta – am madadh no an dreathan? Cò dhèanadh a’ chùis ann am farpais?

Uill, a rèir beul-aithris, bha farpais ann eatarra uaireigin. Agus seo mar a thachair.

Latha a bha seo, tràth san Earrach, bha dreathan-donn a’ lorg stuth airson nead a thogail. Fhuair e grèim air stuth math ach bha e doirbh a tharraing a-mach le a ghob oir bha e an sàs ann an stuth eile. Cha robh an dreathan làidir gu leòr.

Cò thàinig seachad ach sionnach. Dh’inns an dreathan dha nach robh e comasach air an stuth-neadachaidh a thoirt a-mach. ‘Dè gheibh mi bhuat ma bheir mi taic dhut?’ thuirt an sionnach.

‘O, nuair a tha obair an arbhair seachad as t-fhoghar, bheir mi rudeigin dhut.’

‘Dè na bheir thu dhomh?’ dh’fhaighnich am madadh a-rithist.

Mheòraich an t-eun airson greis. An uair sin thuirt e, ‘Peic is ceannan. ’S e sin a gheibh thu – peic is ceannan.’ Nise b’ e peic agus ceannan dà thomhas de ghràin a bhathar a’ cleachdadh anns an t-seann aimsir. A peck and two pecks, ann am Beurla.

Dh’aontaich an sionnach ris a’ bhargan, thug e taic don dreathan agus dh’fhalbh e.

Nuair a thàinig am foghar, chuimhnich an sionnach air a’ bhargan, agus chaidh e a thadhal air an dreathan-donn. Bha an t-eun trang anns an t-sabhal le a mhic. Anns a’ chiad dol a-mach, cha b’ urrainn don mhadadh-ruadh dèanamh dheth cò fear a bha na athair. Bha na h-eòin a’ coimhead coltach ri chèile.

Ach cha chan iad ‘cho seòlta ris an t-sionnach’ gun adhbhar. ‘Tha athair cho ealanta air an obair an coimeas ri a mhic,’ thuirt an sionnach.

‘Is math a thuirt thu,’ thuirt an seann dreathan gu pròiseil, agus thàinig e a dh’ionnsaigh an t-sionnaich. Chuir an sionnach na chuimhne mar a rinn iad bargan as t-Earrach.

‘Tha cuimhne agam,’ thuirt an dreathan-donn. ‘Thuirt mi riut gun toirinn peic is ceannan dhut. Tha sin ceart, nach eil?’

‘Tha sin ceart,’ dh’aontaich am madadh-ruadh.

Dh’èigh an dreathan-donn, ‘Peic is Ceannan, Peic is Ceannan!’ gu h-àrd-ghuthach. Agus ruith dà chù mhòr a-mach. ’S iad na h-ainmean a bh’ orra Peic agus Ceannan! Theich an sionnach gu luath. Agus sin mar a thug an dreathan-donn an car às an t-sionnach oir ’s e a bu sheòlta dhen dithis aca.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: dreathan-donn: wren; sionnach, madadh-ruadh: fox; mheòraich: contemplated.

Abairtean na Litreach: a’ smaoineachadh gu bheil iad nas cudromaiche na tha iad ann an dha-rìreabh: thinking that they are more important than they are in reality; tha an t-eun seo car mòr às fhèin: this bird has a high opinion of itself; chaidh e air muin na h-iolaire: it went on to the back of the eagle; nuair a bha ‘rìgh nan eun’ air sgèith gu h-àrd: when ‘the king of the birds’ was flying high; cho seòlta ’s a tha an t-eun beag seo: how cunning is this little bird; a thathar a’ tomhas mar seòlta: which is reckoned to be cunning; cò dhèanadh a’ chùis ann am farpais?: who would win in a competition?; bha farpais ann eatarra uaireigin:there was a competition between them at one time; bha e doirbh a tharraing a-mach le e ghob: it was difficult to pull it out with its beak; nach robh e comasach air an stuth-neadachaidh a thoirt a-mach:that it wasn’t capable of pulling out nesting material; nuair a tha obair an arbhair seachad as t-fhoghar, bheir mi rudeigin dhut: when the work of the corn is over in the autumn, I’ll give you something; dè na bheir thu dhomh?: what will you give me?; b’ e peic agus ceannan dà thomhas de ghràin: a peck and a ceannan are two measures of grain; chaidh e a thadhal air: he went to visit; trang anns an t-sabhal le a mhic: busy in the barn with his sons; cha b’ urrainn don mhadadh-ruadh dèanamh dheth cò fear a bha na athair: the fox couldn’t make out which one was the father; cho ealanta air an obair an coimeas ri a mhic:so skilled in the work compared with his sons; gu h-àrd-ghuthach: at the top of his voice; ruith dà chù mhòr a-mach:two large dogs ran out; mar a thug an dreathan-donn an car às an t-sionnach oir ’s e a bu sheòlta dhen dithis aca: how the wren tricked the fox because it was the more cunning of the two of them.

Puing-chànain na Litreach: Chuir an sionnach na chuimhne: the fox reminded him. Na here stands for ann + a (the masculine third person singular possessive pronoun). This possessive pronoun lenites the following noun, thus cuimhne becomes chuimhne.

Seanfhacal na Litreach Is mòid i sin, is mòid i sin, mar a thuirt an dreathan-donn nuair a rinn e dileag sa mhuir mhòir : it’s the bigger for that, it’s the bigger for that, as the wren said when he urinated in the great sea.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 492

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean