FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1272: ‘Sarah’ agus an Dà-shealladh (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

‘Sarah’ agus an Dà-shealladh (1)

Gaelic Gàidhlig

There lived on fair Loch Rannoch-side, In slated cottage neat and bright, A woman famous far and wide, For gift of second-sight.

’S ann mar sin a tha dàn a’ tòiseachadh, a tha a’ dèanamh tuairisgeul de bhoireannach a bha a’ fuireach ann an Cille Chonain air cladach a tuath Loch Raineach. Bha an dà shealladh aice. B’ e ùghdar an dàin an t-Urramach Iain Mac na Ceàrdaich, ministear na paraiste ann an Ceann Loch Raineach. Dh’fhoillsich e an dàn anns an leabhar Schiehallion a chaidh fhoillseachadh ann an naoi ceud deug ’s a còig (1905).

Tha am ministear a’ mìneachadh a’ ghnothaich ann an ro-ràdh don dàn fon tiotal ‘The Second Sight: A Rannoch Mystery’.’S e ‘Sarah’ a ghabh an t-ùghdar air an t-seann bhoireannach mar ainm ged a tha mi a’ tuigsinn gum b’ e a fìor ainm ‘Raghnaid Chamshron’. Bha i a’ fuireach air croit faisg air Cille Chonain. Bhuineadh i do sgìre Raineach agus ’s e Nic Ghriogair a bh’ oirre mus do phòs i.

Sgaoil a cliù fad is farsaing. Ghabh Marcas Bhòid ùidh innte. Bha esan an sàs ann am buidheann ann an Lunnainn ris an cainte an Psychical Research Society. Sgrìobh fear de choimiseanairean na buidhne don mhinistear ann an Ceann Loch Raineach, ag iarraidh a thaic. Agus chaidh coimiseanair a Raineach airson agallamh a dhèanamh le Sarah air a’ chòigeamh latha fichead dhen Ògmhios, ochd ceud deug, naochad ’s a còig (1895).

Bha còmhradh inntinneach aca an toiseach. Thuirt an coimiseanair gun robh Marcas Bhòid gu math cràbhach agus gun robh e a’ miannachadh a bhith a’ tuigsinn nan sgriobtaran. Dh’aontaich Sarah ris. Thuirt i, ‘Tha mi dhen aon bheachd ris a’ Mharcas an sin. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil am Bìoball làn dhen dà-shealladh; agus nam chùis fhèin, saoilidh mi gu bheil an gibht gu math tric na taic airson cuid de rudan anns a’ Bhìoball a thuigsinn.’

Bha am ministear anns an èisteachd fhad ’s a bha Sarah a’ bruidhinn ris a’ choimiseanair. An dèidh làimhe, rinn e nàdar de chlàr air na thuirt i ann an riochd bàrdachd Beurla. Tha mi an dùil gun robh Sarah dà-chànanach. Seo cuid de na puingean a dh’èirich às a’ chòmhradh.

Bha Sarah pòsta agus bha teaghlach mòr aice. Dh’aidich i gun robh cuid de mhuinntir an àite a’ gabhail eagal ron dà-shealladh aice.

Tha cladh ann an Cille Chonain – mar a bhiodh dùil bho ainm a’ bhaile. Gu tric, bhiodh Sarah a’ faicinn taibhs anns a’ chladh. Bhiodh i a’ faicinn daoine – ann an riochd thaibhsean – air an tiodhlacadh. Agus bhiodh i a’ cluinntinn fuaimean piocaid no spaid ga h-obrachadh anns a’ chladh – agus saor a’ dèanamh chisteachan-laighe.

Chan ann a-mhàin ann an sgìre Raineach a bha a tàlantan feumail. Chaidh fear a bhàthadh ann an Loch Obha ann an Earra-Ghàidheal a tha pìos mòr air falbh bho Raineach. Dh’fheuch sguad de dhaoine ri a chorp a lorg. Rinn iad a h-uile càil a b’ urrainn dhaibh.

Aig a’ cheann thall, chuir iad litir gu Sarah mun chùis. Air an dearbh latha a fhuair i an litir, rinn Sarah sgeidse de Loch Obha. Chomharraich i an t-àite far am faigheadh iad lorg air a chorp. Nuair a chaidh daoine ann, bha a chorp dìreach far an tuirt a’ bhan-fhàidh a bhitheadh e.

Faclan na Litreach: ro-ràdh: foreword; Raghnaid Chamshron: Rachel Cameron; Marcas Bhòid: The Marquis of Bute; cràbhach: religious, devout; sguad: squad; sgeidse: sketch.

Abairtean na Litreach: ’S ann mar sin a tha dàn a’ tòiseachadh: that’s how a poem starts; a bha a’ fuireach ann an Cille Chonain air cladach a tuath Loch Raineach: who was living in Killichonan on the north shore of Loch Rannoch; bha an dà shealladh aice: she had the second sight [lit. the two sights]; b’ e ùghdar an dàin an t-Urramach Iain Mac na Ceàrdaich: the poem’s author was the Rev. John Sinclair; ministear na paraiste ann an Ceann Loch Raineach: the parish minister in Kinloch Rannoch; ’s e Nic Ghriogair a bh’ oirre mus do phòs i: she was named MacGregor before she married; sgaoil a cliù fad is farsaing: her reputation spread far and wide; buidheann ann an Lunnainn ris an cainte: a group in London called; chaidh coimiseanair a Raineach airson agallamh a dhèanamh: a commissioner went to Rannoch to conduct an interview; gun robh e a’ miannachadh a bhith a’ tuigsinn nan sgriobtaran: that he was desirous of understanding the scriptures; gu bheil an gibht gu math tric na taic airson cuid de rudan anns a’ Bhìoball a thuigsinn: that the gift in many instances is a great help to a better understanding of lots of things that are in the Bible; a’ gabhail eagal ron dà-shealladh aice: fearful of her second-sight; a’ faicinn taibhs anns a’ chladh: seeing a ghost in the cemetery; fuaimean piocaid no spaid ga h-obrachadh anns a’ chladh: the noises of a pick or spade being used in the cemetery; chan ann a-mhàin ann an sgìre Raineach a bha a tàlantan feumail: it wasn’t just in Rannoch that her talents were useful; chaidh fear a bhàthadh ann an Loch Obha ann an Earra-Ghàidheal: a man was drowned in Loch Awe in Argyll; bha a chorp dìreach far an tuirt a’ bhan-fhàidh a bhitheadh e: his body was exactly where the [female] seer said it would be.

Puing-chànain na Litreach: Rinn iad a h-uile càil a b’ urrainn dhaibh. They did everything they could. I might also have said Rinn iad na b’ urrainn dhaibh – this would mean the same. You might also hear Rinn mi na b’ urrainn or Rinn mi na b’ urrainn mi ‘I did what I could’ as the preposition do/dha is not used with urrainn in all dialects.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha am ministear anns an èisteachd: the minister was listening in/in the audience.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 968

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean