ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

44: Clabair

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air blabberer, neach a bhruidhneas cus agus ’s dòcha gun mòran bhrìgh? Uill, tha diofar fhaclan ann a dh’fhaodadh tu cleachdadh. Nam measg, tha clabair neo clabaire. Chanadh tu mu dhuine gur e fìor chlabair a th’ ann neo gu bheil e na chlabair. Neo gu bheil e ri clabaireachd.

Tha am facal clabair a’ tighinn bhon fhacal clab a tha a’ ciallachadh beul mòr fosgailte. Ma tha cuideigin, mar eisimpleir pàiste, a’ bruidhinn riut gun sgur, dh’fhaodadh tu ràdh ris neo rithe - ’S ann ort a tha an clab – a’ ciallachadh gu bheil e neo i a’ bruidhinn cus. Agus a’ cur dragh ort!

Agus bhon ainmear clab, tha sinn a’ faighinn a’ bhuadhair clabach. Ma tha cuideigin clabach, tha beul mòr aige, neo bilean mòra, neo tha e a’ bruidhinn cus. Agus tha facal airson boireannach a bhruidhneas cus neo aig a bheil beul mòr – clabag.

Is tha facal neo dhà eile ann cuideachd airson daoine a bhios a’ labhairt cus. Mar eisimpleir, luath-bheulach neo luath-bheulach. Luath leis a’ bheul, mar gum biodh. Cluinnidh tu cuideachd luath-bhileach. Luath leis na bilean. Tha na faclan sin a’ dèanamh ciall, nach eil? Agus tha facal eile dhen t-seòrsa ann cuideachd – luath-chainnteach. Luath leis a’ chainnt.

Gheibh sibh tòrr fhaclan mar sin ann am faclairean Gàidhlig, ach bu mhath leam leabhar a mholadh dhuibh a tha gu math feumail do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Tha e sgrìobhte ann an Gàidhlig air fad, ach tha eadar-theangachadh ann am Beurla a tha furasta gu leòr fhaighinn. Leis an fhìrinn innse, tha caochladh eadar-theangachaidhean ann, ann an seann Bheurla neo nua-Bheurla. Agus tha deagh theans ann gum bi fear agaibh anns an taigh mar tha.

Chaidh am fear Gàidhlig a sgrìobhadh o chionn fhada agus tha beartas-cànain ri lorg air na duilleagan aige. Agus dè an leabhar a tha mi a’ ciallachadh? Uill, am fear as motha a th’ air a reic air an t-saoghal gach bliadhna. Am Bìoball.

Tha leabhar anns a’ Bhìoball ris an canar Gnìomhara nan Abstol. Tha e anns an Tiomnadh Nuadh, an dèidh Leabhar Eòin. Ann an Caibideil a seachd-deug, tha an t-abstol Pòl anns an Aithne, neo Athens, am measg nan Iudhach is nan Greugach. Tha e ri deasbaireachd leis na daoine sin mu dheidhinn creideamh. Mu dheidhinn Dhè is mu dheidhinn Iosa is gnothaichean dhen t-seòrsa.

Bha na daoine a bha ri deasbaireachd na aghaidh dhen bheachd gu robh Pòl a’ labhairt cus, gu robh cus aige ri ràdh, agus nach sguireadh e a’ labhairt. Agus dè am facal a th’ air a chleachdadh anns a’ Bhìoball airson sin? Uill, seo e - bith-bhriathrach. Bha na feallsanaich Ghreugach dhen bheachd gu robh Pòl bith-bhriathrach. Ma tha Bìoball Gàidhlig agaibh fhèin, gheibh sibh lorg air an fhacal ann an Earrann a h-ochd deug.

Chì sibh cho furasta ’s a tha e faclan mar sin a chruthachadh ann an Gàidhlig. Tha briathar a’ ciallachadh facal. Tha briathran a’ ciallachadh faclan. Ma tha duine briathrach, tha gu leòr aige ri ràdh. Ma tha e bith-bhriathrach, cha sguir e bruidhinn!

Ma chì sibh bith ann am facal dà-fhillteach mar seo, tha e a’ ciallachadh ever neo always. Bith-bhriathrach – always talking. Chan fhaod mis’ a bhith bith-bhriathrach, ge-tà, co-dhiù air a’ phrògram seo. Tha an ùine agam a’ tighinn gu crìch. Ach fàgaidh mi sibh an t-seachdain-sa le ceist. Dè a’ Ghàidhlig a chuireadh sibh air perennial plant, an fheadhainn nach bàsaich a h-uile bliadhna neo fiù ’s a h-uile darna bliadhna? Innsidh mi dhuibh dè th’ ann an ath sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: cus: too much; clabair,clabaire: blabberer; clabaireachd: blabber,babble; luath-bheulach, luath-bhileach, luath-chainnteach: talkative, gossipy; nua-Bheurla: modern English; am Bìoball: The Bible; Gnìomhara nan Abstol: The Acts of the Apostles; an Tiomnadh Nuadh: The New Testament; Leabhar Eòin: The Book of John (note that it is not Iain, but Eòin); caibideil: chapter; deasbaireachd: disputation; earrann: verse; briathar,briathran: word,words; briathrach: talkative; bith-bhriathrach: interminably talkative; dà-fhillteach: made of two parts.

Abairtean na Litreach: gun mòran bhrìgh: without much meaning,substance; mar gum biodh: as it were; leis an fhìrinn innse: to tell the truth; tha caochladh eadar-theangachaidhean ann: there are various translations; tha deagh theans ann gum bi fear agaibh:there is a good chance you will have one; tha beartas-cànain ri lorg air na duilleagan aige: linguistic riches are to be found on its pages; am fear as motha a th’ air a reic: the one of which the greatest number is sold; am measg nan Iudhach is nan Greugach: among the Jews and Greeks; mu dheidhinn Dhè is mu dheidhinn Iosa: about God (the genitive of Dia) and about Jesus; bha na feallsanaich Ghreugach dhen bheachd gu robh Pòl bith-bhriathrach: the Greek philosophers were of the opinion that Paul was a babbler (babbler is given as the English equivalent in many Bibles); a’ tighinn gu crìch: coming to an end.

Puing ghràmair na Litreach: bhon ainmear clab, tha sinn a’ faighinn a’ bhuadhair clabach: from the noun clab, we get the adjective clabach. Can you discuss grammatical points in Gaelic, or do you have to revert to English? To improve your ability to discuss grammar in Gaelic, I would suggest you get hold of a copy of the all-Gaelic dictionary “Brìgh nam Facal” by Richard Cox (published by Roinn nan Cànan Ceilteach, Oilthigh Ghlaschu, 1991). As well as giving modern spellings, and explanations of meanings in Gaelic, it contains a list of grammatical terminology. Ainmear is a noun, gnìomhair a verb and buadhair an adjective. Tuiseal means case and ginideach is genitive. So instead of saying to your teacher “Is that word in the genitive case”, why not try saying “A bheil am facal sin anns an tuiseal ghinideach?” How would you say “the genitive case is very important in Gaelic”? (I hope you realise that it is!)

Gnàthas-cainnt na Litreach: ’S ann ort a tha an clab: You are a real chatterbox (lit. it is on you that is the big open mouth).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean