’S e  samh a’ Ghàidhlig air an lus  Rumex acetosa. Canaidh daoine  common sorrel ris ann am Beurla.  Samh ann an Gàidhlig.
    Thàinig an t-ainm Beurla bho bhlas na duilleig – tha i gu math searbh no  sour. Ann an Albais, ’s e  sourock a chanas daoine ris.
    Chan eil e cho soilleir, ge-tà, cò às a thàinig an t-ainm Gàidhlig,  samh. A bheil samh làidir air an lus? Cha chreid mi gu bheil.
    Shaoileadh tu, mas e  samh a chanas sinn ri  sorrel, gum biodh  samhan a’ ciallachadh lus beag dhen aon seòrsa. Loch is lochan,
    samh is samhan. Ach chan eil e cho sìmplidh sin. Tha  samhan a’ ciallachadh lus de sheòrsa gu tur eadar-dhealaichte. Tha e mòran
    nas motha na samh!
    ’S e a th’ ann an  samhan seòrsa de dh’aiteann. ’S e an t-aiteann – no  juniper –  Juniperus communis  do luchd-saidheans. ’S e an
samhan  Juniperus sabina. Ann am Beurla, canar  the savin bush ris. ’S ann às a’ Bheurla  savin a thàinig a’ Ghàidhlig     samhan. Chan eil e co-cheangailte ri droch fhàileadh idir. Tha e a’ faighinn ainm bho shluagh a bha a’ fuireach uaireigin anns an Eadailt faisg
    air an Ròimh – na Sabinaich. ’S e  herba Sabina – an lus Sabinach – a bh’ aig na Ròmanaich air an t-samhan.
    Tha an samhan a’ fàs gu nàdarrach ann an ceann a deas na Roinn Eòrpa agus Àisia. ’S dòcha gum bi cuid agaibh a’ smaoineachadh – carson a bha ainm Gàidhlig
    air, mura robh e dùthchasach do Bhreatainn no Èirinn? Uill, bha e a’ fàs an seo ann an leasan oir tha stuthan ceimigeach ann a bhiodh feumail do
    lighichean. Agus bha an samhan aithnichte do Ghàidheil an ochdamh linn deug. Tha e anns a’ chiad fhaclair againn – am briathrachas a rinn Mac Mhaighstir
    Alasdair ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1741).
    Ach tha sin a’ fàgail tòimhseachan againn. Carson as e  samh a th’ air  Rumex acetosa, the common sorrel ? Chan eil na faclairean Gàidhlig
ag innse dhuinn, ach seo smuain bheag agam fhìn. Tha e a’ tighinn bho thùs bho chànan na Pòlainn. Na bithibh cho teagmhach. Bidh sinn a’ bruidhinn air     bhodca, nach bi?
    Seo an smuain agam. Ann an taobh sear na Roinn Eòrpa thathar a’ cleachdadh an t-saimh gu mòr mar bhiadh. Anns an t-seann aimsir ann an Alba is Sasainn bha
daoine ag ithe nan duilleagan gu mòr mar ghlasraich. Ach mhair e mar bhiadh anns a’ Phòlainn barrachd na Alba. Ann am Pòlainnis ’s e     szczaw (“shrtav”) a chanas daoine ris an lus. Bha na h-Iùdhaich ann an taobh sear na Roinn Eòrpa ga chleachdadh gu mòr cuideachd. Agus thog iadsan
    am facal Pòlainneach. Ann an Iuidis, ’s e  shtshav  an t-ainm air an lus.
    Co-dhiù, thog luchd na Beurla an t-ainm Iuidis, ga atharrachadh gu  schav. Chan eil  schav an-diugh ’ ciallachadh an luis fhèin, ach brot a
    thathar a’ dèanamh leis. ’S e brot fuar a th’ ann, anns a bheil samh, uinneanan, sùgh liomaid, uighean, siùcar agus uachdar goirt. Ach feumaidh an toiseach
    gun robh am facal a’ ciallachadh an luis fhèin, seach am brot. Agus – an ceum mu dheireadh ann an gluasad an fhacail – thog na Gàidheil  schav bho
    luchd na Beurla, ga atharrachadh gu  samh. Uill, a bheil smuain nas coltaiche agaibh fhèin?