1255: Bàrr Èibhinn (2)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Bàrr Èibhinn (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu Fhuaran Mac Bhreac faisg air Cùil Lodair agus mun duine fhèin – Mac Bhreac – a thàinig à Bàrr Èibhinn air oighreachd Chaladair. Tha e aithnichte airson fìor sheann eaglais agus clach a tha co-cheangailte ri gnothach olc.
Tha mi airson innse dhuibh an toiseach mun ainm-àite Bàrr Èibhinn. Tha bàrr a’ ciallachadh ‘mullach cnuic’. Agus, a rèir an Àrd-ollaimh Mhic Bhàtair, tha Èibhinn a’ buntainn ri pears-eaglais – boireannach air an robh Áibind, a bha na maighdinn-naomh aig Brìghde. An aghaidh sin, tha beachd Sheòrais MhicIlleBhàin a sgrìobh ‘The History of Nairnshire’. Tha esan ag ràdh gu bheil an eaglais ainmichte airson Naomh Eònan no Adamnan.
Tha Mac Bhàtair ag innse dhuinn nach e ‘Bàrr Èibhinn’ a chanadh na Gàidheil a bhuineadh don àite ach ‘B’rèibhinn’. Agus, ged a sgrìobhar e ann am Beurla B-A-R-E-V-A-N an-diugh, nochd e anns an t-seachdamh linn deug mar B-R-E-V-A-N. Tha e faisg air seann dùn ris an canar Dùn Èibhinn.
Bha eaglais Bhàrr Èibhinn air a togail anns a’ cheathramh linn deug. Tha gu leòr dhith air fhàgail, ged nach eil mullach oirre.
B’ e seo eaglais paraiste Chaladair gus an do thogadh eaglais ùr, ann am baile Chaladair, ann an sia ceud deug is naoi-deug (1619). Tha seann chladh timcheall na h-eaglaise. Tha a h-uile càil an ìre mhath mar a bhiodh dùil ann an seann chladh air a’ Ghàidhealtachd.
Ach a-mhàin dà rud – clach mhòr agus ciste-laighe chloiche a tha ri taobh a chèile faisg air an eaglais. A rèir beul-aithris, bha iad air an cleachdadh ann an seann pheanas a bha, nam bheachd-sa, fìor olc, gu h-àraidh ann an àite Crìosdail.
Bhiodh an neach – a bh’ air an lagh a bhriseadh – na laighe air a dhruim dìreach anns a’ chiste. Tha àite ann airson a chinn. Bhiodh an còrr dhen chiste air a chòmhdachadh le leac mhòr. Bhiodh daoine a’ leigeil smugaid air aodann an duine anns a’ chiste nuair a bha iad air an rathad a-steach don eaglais. Tha e doirbh a chreidsinn, ach ʼs e sin a dh’innseas beul-aithris dhuinn.
A bharrachd air sin, nam biodh an duine sa chiste làidir gu leòr airson an leac a phutadh suas, bhiodh luchd a’ pheanasachaidh a’ cur clach mhòr throm air muin na lice. Agus tha a’ chlach fhathast ann, ri taobh na ciste.
Tha a’ chlach fhèin rudeigin ainmeil an-diugh oir ʼs e clach-neirt a th’ innte. Bhiodh daoine a’ tighinn ann airson a togail, airson dearbhadh cho neartmhor ʼs a bha iad.
Tha Clach Bhàrr Èibhinn trom trom agus cha do dh’fheuch mi fhìn ri a togail. Thathar a’ tomhas gu bheil dà cheud, caogad ʼs a dhà puinnd de chuideam innte. Tha sin co-ionann ri ceud is ceithir-deug cileagram.
Ma tha an sgeul fìor mu mhuinntir a’ choitheanail a bhith a’ tilgeil smugaid air eucoirich sa chiste, tha a’ chlach air a bhith sa chladh airson co-dhiù ceithir cheud bliadhna. Ach tha eachdraidh nas ùire aice mar chlach-neirt. Am measg sin, tha gun do thog fear à Uibhist a Tuath i anns an fhicheadamh linn. Tuilleadh air an sgeul sin an-ath-sheachain.
Faclan na Litreach: Cùil Lodair: Culloden; Bàrr Èibhinn: Barevan; oighreachd Chaladair: Cawdor estate; mullach cnuic: hilltop; Seòras MacIlleBhàin: George Bain; Dùn Èibhinn: Dunevan; clach-neirt: lifting stone; Uibhist a Tuath: North Uist.
Abairtean na Litreach: Thathar ag ràdh gu bheil an t-ainm na eadar-theangachadh: it is said that the name is a translation; aithnichte airson fìor sheann eaglais agus clach a tha co-cheangailte ri gnothach olc: known for a very old church and a stone that is connected to an evil matter; a bha na maighdinn-naomh aig Brìghde: who was one of Bride’s holy maidens; tha gu leòr dhith air fhàgail, ged nach eil mullach oirre: there is a lot of it left, although it doesn’t have a roof; tha seann chladh timcheall na h-eaglaise: there is an old graveyard around the church; ach a-mhàin dà rud: except for two things; clach mhòr agus ciste-laighe chloiche a tha ri taobh a chèile: a big stone and a stone coffin that are beside each other; na laighe air a dhruim dìreach: lying flat on his back; air a chòmhdachadh le leac mhòr: covered by a large flagstone; a’ leigeil smugaid air aodann an duine: spitting on the face of the man; doirbh a chreidsinn: hard to believe; bhiodh luchd a’ pheanasachaidh a’ cur clach mhòr throm air muin na lice: the punishers would put a large heavy stone on the top of the flagstone; thathar a’ tomhas gu bheil dà cheud, caogad ʼs a dhà puinnd de chuideam innte: it is estimated that it weighs 252 pounds; ma tha an sgeul fìor mu mhuinntir a’ choitheanail a bhith a’ tilgeil smugaid air eucoirich sa chiste: if the story is true about parishioners spitting on the criminal in the coffin; airson co-dhiù ceithir cheud bliadhna: for at least 400 years.
Puing-chànain na Litreach: Bàrr Èibhinn: Barevan. The anglicised form of the name is pronounced ‘bar AY-vun’ or ‘bar EE-vun’. It might strange to have such an element in a place name, when èibhinn can mean ‘funny’. But èibhinn can also mean ‘delightful’ or even ‘jolly’ and this might be the root meaning of the woman’s original name.
Gnàthas-cainnt na Litreach: an ìre mhath mar a bhiodh dùil: pretty much as would be expected.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 951
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn