1000: Am Mìleamh Litir
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Am Mìleamh Litir
Halo a-rithist, a chàirdean. ʼS dòcha gun do mhothaich sibh do dh’àireamh na Litreach seo. Thòisich Litir do Luchd-ionnsachaidh anns a’ Chèitean naoi ceud deug, naochad ʼs a naoi (1999), còrr is naoi bliadhn’ deug air ais. Tha i air a bhith a’ ruith an ìre mhath a h-uile seachdain bhon uair sin. Agus seo am mìleamh tè.
Bu mhath leam taing a thoirt dhuibhse, an luchd-èisteachd agam, airson a bhith taiceil dhomh thar nam bliadhnaichean, agus ùidh a shealltainn ann an cuspairean nan Litrichean. Tha sibh ann am mòran dùthchannan, a bharrachd air Alba fhèin, agus mo bheannachd agaibh airson a bhith ag ionnsachadh ar cànain ghràdhaichte, a’ Ghàidhlig. ʼS iomadh post-dealain a fhuair mi bhuaibh thar nam bliadhnaichean agus tha mi gu math taingeil air an son. Co-dhiù ruigidh mi Litir dà mhìle an ceann naoi bliadhn’ deug eile, chan urrainn dhomh a ràdh, ach tha mi an dòchas gun lean sinn air ar turas còmhla airson ùine fhathast.
Tha am facal againn airson a dheich uiread de cheud inntinneach, nach eil? Mìle – coltach ris an fhacal ann an Cuimris, Fraingis, Laideann ... Tha dùil gun tàinig i bhon Laidinn an toiseach. Ma choimheadas sibh air an fhacal mìle ann am faclair Gàidhlig, gheibh sibh dà chiall air – thousand agus mile. Chan e co-thuiteamas a tha sin.
Bha mìle aig na saighdearan Ròmanach – air a thomhas air a’ chas chlì a bhith a’ bualadh na talmhainn mìle turas nuair a bhathar a’ caismeachd. Ann an Laideann, b’ e sin mille passus – mìle ceum. Ge-tà, cha bhiodh e co-ionnan fad na h-ùine. Nam biodh na saighdearan sgìth, cha bhiodh na ceumannan aca cho fada. Mar sin, anns a’ bhliadhna fichead ʼs a naoi ro Chrìosd, chruthaich an seanalair Ròmanach Agrippa slat-tomhais choitcheann. Bha an troigh Ròmanach stèidhichte air fad a choise fhèin. Agus bha còig troighean ann an ceum no passus.
Bha mìle – mar thomhas astair – aig iomadh dùthaich is cultar, stèidhichte air mìle nan Ròmanach. Ach bha e diofraichte ann an diofar àiteachan. Bha mìle Albannach na b’ fhaide na mìle Shasannach. Dh’fhalbh a’ mhìle Albannach nuair a thàinig Alba is Sasainn còmhla anns an aonadh.
Chan eil e soilleir cò às a thàinig am facal thousand o thùs. ʼS dòcha gun robh e a’ ciallachadh ‘grunn cheudan’. Bha e anns an t-Seann Bheurla mar þúsend agus tha facal coltach eadhon an-diugh anns na cànanan Gearmanach. Ma thèid sibh a Nirribhidh, cluinnidh sibh daoine ag ràdh tusen takk. Tha sin co-ionann ri ‘mìle taing’ ann an Gàidhlig.
Tha e inntinneach, ma tha, gur ann bhon Laidinn, seach bhon Lochlannais, a thàinig ar facal fhèin. Ach a bheil sin fìor anns a h-uile h-àite? Tha cuimhne agam air turas a chaidh mi a chèilidh air bodach ann an Dùthaich MhicAoidh – fear nach eil beò an-diugh. Bha sinn a’ bruidhinn ann an Gàidhlig air caoraich agus chleachd esan am facal sùstan airson mìle. Cha do thuig mi an toiseach gun robh e a’ ciallachadh thousand. ʼS iongantach mura tàinig sùstan bhon t-Seann Lochlannais. Bha e clàraichte cuideachd ann an Gàidhlig Ghallaibh.
Co-dhiù, tha an t-àm agam falbh. Mìle beannachd leibh.
Faclan na Litreach: co-thuiteamas: coincidence; mìle ceum:a thousand paces; slat-tomhais choitcheann:a standard measure; Gearmanach: Germanic; sùstan: thousand [dialects of North Sutherland and Caithness].
Abairtean na Litreach: ʼS dòcha gun do mhothaich sibh do: perhaps you noticed; an ìre mhath a h-uile seachdain bhon uair sin: almost every week since then; airson a bhith taiceil dhomh thar nam bliadhnaichean, agus ùidh a shealltainn ann an cuspairean nan Litrichean: for supporting me over the years and showing an interest in the subjects of the Litrichean; co-dhiù ruigidh mi X an ceann naoi bliadhn’ deug eile, chan urrainn dhomh a ràdh: whether I reach X in another 19 years, I can’t say; airson a dheich uiread de cheud: for ten hundreds; bha mìle aig na saighdearan Ròmanach: the Roman soldiers had a mile; air a thomhas air a’ chas chlì a bhith a’ bualadh na talmhainn mìle turas nuair a bhathar a’ caismeachd: measured by the left foot hitting the ground a thousand times on a march; bha an troigh Ròmanach stèidhichte air fad a choise fhèin: the Roman foot was based on the length of his own foot; bha mìle Albannach na b’ fhaide na mìle Shasannach: a Scottish mile was longer than an English mile; gur ann bhon Laidinn, seach bhon Lochlannais, a thàinig ar facal fhèin: that it was from Latin, rather than Norse, our own word came; a bheil sin fìor anns a h-uile h-àite?: is that true in every place?; turas a chaidh mi a chèilidh air bodach ann an Dùthaich MhicAoidh: a time I went to visit an old man in the Mackay Country [North Sutherland]; bha sinn a’ bruidhinn air caoraich: we were speaking about sheep; cha do thuig mi an toiseach gun robh e a’ ciallachadh: I didn’t understand to begin with that he was meaning; bha e clàraichte cuideachd ann an Gàidhlig Ghallaibh:it was also recorded in Caithness Gaelic; tha an t-àm agam falbh: I must go.
Puing-chànain na Litreach: seo am mìleamh tè:this is the thousandth one. Litir is a feminine word so we use the feminine noun tè ‘female one’ rather than the masculine fear ‘male one’. However where preceded by an ordinal numeral (in this case mìleamh ) we use a masculine-appearing article rather than ‘feminising’ it to a’ mhìleamh tè.
Gnathas-cainnt na Litreach: ʼS iongantach mura tàinig sùstan bhon t-Seann Lochlannais: it’s likely that sùstan came from Old Norse.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 696
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn