Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mun chuthaig. Bidh an t-eun
    sin a’ tighinn a dh’Alba gach bliadhna. Anns an t-seann aimsir, ʼs ann
    ainneamh a bhiodh i a’ nochdadh ann an Hiort, ge-tà. Nise, chan urrainn
    dhomh a ràdh a bheil i a’ dol a Hiort gu tric anns an latha a th’ ann. Ach
    tha cunntas aig Màrtainn MacIlleMhàrtainn dhen chuthaig ann an Hiort o
    chionn còrr is trì cheud bliadhna.
    ‘ʼS ann ainneamh a bhios a’ chuthag ri a faicinn an seo,’ sgrìobh
    MacIlleMhàrtainn ann an A Late Voyage to St Kilda, ‘agus sin ann
    an co-cheangal ri tachartasan àraidh, mar eisimpleir bàs an uachdarain,
    MacLeòid [Dhùn Bheagain], no nuair a nochdas coigreach a tha cliùmhor.’
    Dh’aidich MacIlleMhàrtainn gun do rinn e gàire nuair a chuala e sin. Thuirt
    e ri muinntir an àite nach robh e stèidhichte air reusan.
Saoilidh mi gun do ghabh na Hiortaich a bheachd    air an t-sròin. Thuirt iad gun robh fios aig an sinnsirean
    air an dearbh rud, agus dh’iarr iad beachd a’ bhàillidh air co-dhiù bha an
fhìrinn aca. Dhearbh am bàillidh gun robh iad ceart. Ri a linn fhèin agus    ri linn athar, bha e fìor. Bha grunnan de mhuinntir an
    eilein air a’ chuthag fhaicinn an dèidh bàs na dithis uachdaran mu
    dheireadh, agus bàs na dithis bhàillidhean mu dheireadh, agus goirid mus do
    nochd coigrich ann an Hiort.
    Tha fhios gu bheil ceist agaibh. An do nochd a’ chuthag ann an Hiort goirid
    mus do nochd MacIlleMhàrtainn fhèin ann? Uill, nochd, a rèir muinntir an
    àite. Bha na Hiortaich deimhinne gur e an Sgitheanach fhèin a bu choireach
    ris, oir bha am ministear a bha cuide ris air a bhith ann an Hiort roimhe.
    Mar sin, chan e coigreach a bh’ ann.
    Tha beul-aithris anns an Eilean Sgitheanach a tha a’ cur ris an sgeul seo.
    Bhathar ag ràdh, anns an t-seann aimsir, nuair a bha sluagh dùthchasach a’
    fuireach ann an Hiort, gun tachradh rudeigin annasach nuair a gheibheadh
    ceann-cinnidh nan Leòdach bàs. Nan tachradh e as t-samhradh, nuair a bhiodh
    cuthagan gu leòr beò anns na coilltean timcheall Caisteal Dhùn Bheagain,
    cha bhite a’ cluinntinn na cuthaig tuilleadh. Bhiodh na h-eòin gu lèir a’
    trèigsinn Dhùn Bheagain agus a’ falbh a Hiort.
    Bha iad nan teachdairean. Chaidh iad a Hiort airson innse do mhuinntir an
    àite gun robh an uachdaran marbh. Agus thathar ag ràdh, bliadhna a bha seo
    o chionn fhada, gun deach bàta à Dùn Bheagain gu ruige Hiort airson innse
    do na daoine gun robh an ceann-cinnidh marbh. Ach bha na Hiortaich a’
    caoidh a bhàis mu-thràth. Bha fios aca mu dheidhinn. Bha na cuthagan air
    innse dhaibh!
    Co-dhiù no co-dheth, tha an cunntas aig MacIlleMhàrtainn de Hiort gu math
    inntinneach. Tha naidheachd bheag aige de long a chuir eathar a-mach air
    latha ciùin gu Sòthaigh. Bha iad a’ faighinn uisge. Chunnaic na
    seòladairean uighean air leacan neadachaidh anns an eilean. Shreap fear
    dhiubh suas. Thug e a bhriogais dheth. Rinn e nàdar de phoca dhith agus
    lìon e le uighean i.
    Bha Hiortaich ann an Sòthaigh an latha sin. Chunnaic iad a’ ‘mhèirle’ a’
    tachairt. Chaidh iad os cionn an duine agus leig iad clachan sìos air. B’
    fheudar dha teicheadh, a’ fàgail a bhriogais, làn uighean, anns an eilean!