ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

877: Bliadhna nan Caorach (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Bhliadhna nan Caorach – seachd ceud deug, naochad ’s a dhà (1792). Bha muinntir Rois is Chataibh ag obair an aghaidh nan caorach a bha a’ sìor ghabhail àite nan daoine air a’ Ghàidhealtachd. A rèir cunntas ann am pàipear-naidheachd ann an Dùn Èideann, chaidh trì mìle caora aig aon ‘duin-uasal’ a bhàthadh. Chaidh teine a chur ri cuid de choilltean cuideachd. Bhathar a’ tomhas gun robh ceithir cheud de luchd-aimhreit ann.

Thòisich na h-uachdarain air seasamh nan aghaidh – ann an Siorrachd Inbhir Nis a cheart cho math ri Ros is Cataibh. Fhuair iad taic bho shaighdearan à Gearasdan Deòrsa – trì companaidhean dhen dàrna rèisimeid thar an dà fhichead. Tha iad nas aithnichte dhuinn mar ‘Am Freiceadan Dubh’.

Fhuair na saighdearan grèim air ceannardan na h-aimhreit agus chuir iad don phrìosan ann an Inbhir Pheofharain iad. Ach tron oidhche, nochd gràisg taobh a-muigh a’ phrìosain. Bhris iad a-steach agus shaoraich iad na prìosanaich. Cha do chuir na saighdearan stad orra agus thuirt cuid gun robh iad air an doras fhàgail fosgailte. Saoil a bheil clann Rois an Ear ag ionnsachadh mu dheidhinn rudan mar seo anns na clasaichean eachdraidh aca?!

Cha robh na h-uachdarain no na mòr-uaislean riaghlaidh a’ dol a ghèilleadh, ge-tà. Bha an t-eagal orra gun leanadh na Gàidheil eisimpleir na Frainge far an robh an t-ar-a-mach soirbheachail agus an guillotine trang.

Ged as e ‘luchd na h-aimhreit’ a chanadh daoine ris na Gàidheil a bha a’ seasamh an còraichean àrsaidh, cha robh cus de dh’aimhreit ann. Sgrìobh fear-naidheachd à Inbhir Pheofharain nach do mharbh iad aon chaora airson biadh, ged a bha iad a’ fulang gu mòr le acras.

Ach an do thuig na h-uachdarain gun robh iad a’ sparradh ana-ceartas air na daoine àbhaisteach? A rèir choltais, cha do thuig. Sgrìobh Siorram Rois, Dòmhnall MacLeòid, gum b’ urrainn treudan chaorach a thoirt a-steach don Ghàidhealtachd gu maith nan daoine bochda, a bharrachd air na h-uachdarain. Bha fearann monaidh air feadh Siorrachd Rois, thuirt e, nach robh gu feum ach do chaoraich. Dh’fhaodadh an sluagh a dhol am meud agus toileachas nan daoine cho math. Aidh, uill, ’s dòcha gun robh e ga mhealladh fhèin.

Ach b’ fheudar do chuid de luchd na h-aimhreit teicheadh bhon sgìre aca. Mar eisimpleir, bha triùir à Srath Rùsdail anns a’ phrìosan ann an Inbhir Nis ach rinn iad an dol-às. B’ iad sin Iain Aird, Ùisdean Breac MacCoinnich agus Ailean Dòmhnallach. Chaidh Iain am falach sa mhonadh faisg air Srath Rùsdail. Ach mus do thòisich an geamhradh, dh’fhalbh e gu Moireibh agus dh’fhuirich e an sin airson a’ chòrr de a bheatha. Chaidh Ùisdean am falach ann an toll fon taigh aige. Dh’fhalbh esan a Mhoireibh cuideachd agus cha do thill e dhachaigh. Agus chaidh Ailean a dh’fhuireach ann an Cille Chuimein.

Nam biodh na h-ùghdarrasan air grèim fhaighinn air Iain is Ùisdean bha iad air an cur a-null thairis airson seachd bliadhna. Ach cha d’ fhuair iad grèim orra. No bha iad sàsaichte nach biodh an dithis an sàs ann an ar-a-mach a-rithist.

Tha an aimhreit a’ dearbhadh gun do sheas cuid de ar sinnsirean an aghaidh ana-ceartas. Ach, aig a’ cheann thall, ’s iad na h-uachdarain agus na caoraich a bhuannaich. Ann an Srath Rùsdail an-diugh, tha na caoraich pailt agus tha na daoine gann.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Bliadhna nan Caorach: The Year of the Sheep; luchd-aimhreit: rioters, insurgents; Gearasdan Deòrsa: Fort George; treudan:flocks; fearann monaidh: mountain country; Srath Rùsdail: Strath Rusdale; Moireibh: Moray; Cille Chuimein: Fort Augustus.

Abairtean na Litreach: muinntir Rois is Chataibh: the people of Ross and Sutherland; an aghaidh nan caorach a bha a’ sìor ghabhail àite nan daoine:against the sheep who were constantly taking the place of the people; chaidh trì mìle caora a bhàthadh: three thousand sheep were drowned; nas aithnichte dhuinn mar ‘Am Freiceadan Dubh’: better known to us as ‘The Black Watch’; chuir iad don phrìosan ann an Inbhir Pheofharain iad: they put them in gaol in Dingwall; shaoraich iad na prìosanaich: they freed the prisoners; saoil a bheil clann Rois an Ear ag ionnsachadh mu dheidhinn rudan mar seo?: do you think the children of Easter Ross learn about things like this?; cha robh na h-uachdarain no na mòr-uaislean riaghlaidh a’ dol a ghèilleadh: neither the landlords nor the ruling classes were going to yield; gun leanadh na Gàidheil eisimpleir na Frainge: that the Gaels would follow the example of France; far an robh an t-ar-a-mach soirbheachail agus an guillotine trang: where the rebellion was successful and the guillotine busy; a bha a’ seasamh an còraichean àrsaidh: who were standing up for their ancient rights; gun robh iad a’ sparradh ana-ceartas air X: who were causing X to suffer injustice; ’s dòcha gun robh e ga mhealladh fhèin: perhaps he was deluding himself; rinn iad an dol-às: they made their escape; dh’fhuirich e an sin airson a’ chòrr de a bheatha: he stayed there for the rest of his life.

Puing-chànain na Litreach: dhen dàrna rèisimeid thar an dà fhichead: of the 42nd Regiment. 42 is easy enough to say in the decimal system – ceathrad ’s a dhà eg ceathrad ’s a dhà saighdearan ‘42 soldiers’. This is instead of dà fhichead saighdear ’s a dhà . So far, so good for cardinal numbers. But with ordinal numbers (first, second etc) above ten, the vigesimal system, based on twenties, is still easier. How would you say ‘the 42nd Regiment’ in decimal numbers? Ask your teacher what his or her preference is. Here are a couple more examples: the 53rd time ‘ an treas turas deug thar an dà fhichead’; the 68th year ‘an ochdamh bliadhna thar na trì fichead’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ann an Siorrachd Inbhir Nis a cheart cho math ri Ros is Cataibh: in Inverness-shire just as much as Ross and Sutherland.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 573

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean