1265: Alasdair III, Rìgh na h-Alba (2)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Alasdair III, Rìgh na h-Alba (2)
An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mun bhanais aig Alasdair III, Rìgh na h-Alba, ann an dà cheud deug, caogad ʼs a h-aon (1251). Cha robh e ach deich bliadhna a dh’aois.
Bha Eanraig III, Rìgh Shasainn, a’ feuchainn ri buaidh a thoirt air riaghladh na h-Alba – a bha fo thànaisteachd, no comhairle riaghlaidh. Nuair a bha Alasdair ceithir-deug, dh’aontaich e ri ballrachd na comhairle a bha a’ sàsachadh Eanraig. Bhiodh an t-aonta sin a’ ruith airson seachd bliadhna, gus an robh Alasdair na inbheach aig aois bliadhna air fhichead.
Mus do ràinig e an aois sin, ge-tà, chaidh Alasdair agus a bhean, Mairead, air turas a Shasainn airson tadhal air a’ chùirt rìoghail. Bhiodh cothrom aig Mairead cuideachd tadhal air a pàrantan – an Rìgh agus a’ Bhanrigh – ann am Windsor. Bha Mairead an dùil leanabh mus do dh’fhàg i Alba. Sgrìobh Eanraig litir gu Alasdair, a’ gealltainn gum biodh iad uile, agus an leanabh, saor a dhol dhachaigh an dèidh an turais. Eadhon nam faigheadh Alasdair bàs, bhiodh an leanabh saor a dhol a dh’Alba.
Dh’fhalbh Alasdair dhachaigh, a’ fàgail a mhnà ann am Windsor. Rugadh leanabh-nighinne an sin air an ochdamh latha fichead dhen Ghearran, dà cheud deug, seasgad ʼs a h-aon (1261). Chuireadh Mairead oirre mar ainm.
Nuair a ràinig Alasdair aois bliadhna air fhichead, thuirt e gun robh e a’ dol a leantainn air obair athar ann a bhith a’ toirt nan Eilean Siar air ais fo smachd Cùirt Rìoghail na h-Alba. Na aghaidh bha Rìgh Nirribhidh, Hákon IV, a bha airson na h-Eileanan Siar a chumail fo a smachd fhèin – a bharrachd air Eilean Mhanainn agus dùthchannan eile ann an ceann an iar-thuath na h-Alba.
Bha Hákon am measg nan rìghrean a bu chumhachdaiche a bha riamh aig Nirribhidh. Bha e air a bhith air an rìgh-chathair airson còrr is ceathrad bliadhna. Bha cabhlach mòr, cumhachdach aige. Bha e eòlach air a’ Phàp agus air Ìmpire Naomh na Ròimhe, a bharrachd air rìghrean is ceannardan air feadh na Roinn Eòrpa.
Ach cha robh Alasdair gann de mhisneachd. Chuir e fios gu Hákon gun robh e ag iarraidh eileanan taobh siar na h-Alba a bhith fo smachd Rìgh na h-Alba. Dhiùlt Hákon an tagradh. Thug Iarla Rois ionnsaigh mharbhtach air coimhearsnachd anns an Eilean Sgitheanach. Bha e ag obair às leth Rìgh Alasdair. Chaidh aithris mun chùis gu ruige Hákon ann am Bergen.
Bha feadhainn eile ag obair às leth Alasdair ann an Earra-Ghàidheal cuideachd. Dh’fheuch Eanraig, Rìgh Shasainn, ris an dà thaobh a thoirt gu rèite. Sgrìobh e gu Hákon agus Alasdair, ag iarraidh orra gun a dhol gu cogadh.
Ge-tà, bha a’ chùis air a dhol ro fhada. Chan e a-mhàin gun robh Alba a’ toirt dùbhlan do Nirribhidh, aig àm nuair a bha an rìoghachd Lochlannach aig àirde a cumhachd, ach bha Alasdair a’ toirt dùbhlan pearsanta do Hákon cuideachd. Dh’òrdaich Hákon gum biodh cabhlach mòr, cumhachdach air a chur ri chèile airson ionnsaigh a thoirt air cabhlach na h-Alba.
Thairis air a’ gheamhradh ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a dhà, agus seasgad ʼs a trì (1262-3), chaidh an cabhlach Lochlannach a chur ri chèile. Bhiodh e a’ coinneachadh ri cabhlach na h-Alba an ceann grunn mhìosan faisg air an Leargaidh Ghallda.
Faclan na Litreach: Alasdair III: Alexander III; inbheach: adult; leanabh-nighinne: baby girl; obair athar: his father’s work; Nirribhidh: Norway; Iarla Rois: Earl of Ross; ionnsaigh mharbhtach: deadly attack; às leth: on behalf of; Earra-Ghàidheal: Argyll; dùbhlan: challenge; an Leargaidh Ghallda: Largs.
Abairtean na Litreach: a bha fo thànaisteachd, no comhairle riaghlaidh: that was under a regency or governing council; dh’aontaich e ri ballrachd na comhairle a bha a’ sàsachadh Eanraig: he agreed to a council membership that was satisfying Henry; bha Mairead an dùil leanabh mus do dh’fhàg i Alba: Mairead was expecting a child before she left Scotland; a’ gealltainn gum biodh iad saor a dhol dhachaigh: promising that they would be free to go home; eadhon nam faigheadh Alasdair bàs: even if Alasdair were to die; air an ochdamh latha fichead dhen Ghearran: on 28 February; chuireadh Mairead oirre mar ainm: she was named Margaret; ann a bhith a’ toirt nan Eilean Siar air ais fo smachd Cùirt Rìoghail na h-Alba: in returning the Wester Isles to the control of the Scottish Court; a bharrachd air Eilean Mhanainn agus dùthchannan eile ann an ceann an iar-thuath na h-Alba: in addition to the Isle of Man and other countries in the north-west of Scotland; am measg nan rìghrean a bu chumhachdaiche: among the most powerful kings; bha e eòlach air a’ Phàp agus air Ìmpire Naomh na Ròimhe: he knew the Pope and the Holy Roman Emperor; cha robh Alasdair gann de mhisneachd: Alexander did not lack courage; gu ruige Hákon ann am Bergen: to Hákon in Bergen; dh’fheuch Eanraig, Rìgh Shasainn, ris an dà thaobh a thoirt gu rèite: Henry, the King of England, tried to bring both sides to an accommodation; ag iarraidh orra gun a dhol gu cogadh: wanting them not to go to war; aig àirde a cumhachd: at the height of its [her] power; thairis air a’ gheamhradh: over the winter.
Puing-chànain na Litreach: a’ fàgail a mhnà ann am Windsor: leaving his wife in Windsor. The possessive article a works like a definite article (a’) grammatically so the rule of a noun commanded by a verbal noun (a’ fàgail) going into the genitive case fully applies. The genitive singular of bean ‘wife’ is mnà (the word declines irregularly). It is lenited by the possessive masculine third person possessive article (pronoun).
Gnàthas-cainnt na Litreach: aig aois bliadhna air fhichead: at the age of 21 years.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 961
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn