FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1124: Iseabail Gowdie (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Ann an còig ceud deug is naochad (1590), chaidh cùisean-cùirte mì-chliùiteach a chumail ann am Bearaig a Tuath. Bha iad co-cheangailte ri buidseachd, gu sònraichte de bhith a’ feuchainn ri long an Rìgh a chur fodha. Chaidh grunnan a chur gu bàs ann an teine, an dèidh dhaibh ciùrradh fhulang. Bha an Rìgh, Seumas VI, a’ creidsinn gun robh buidseachd fìor, agus sgrìobh e leabhar mun chuspair air an robh Daemonologie.

Anns an aon bhliadhna a thàinig Daemonologie a-mach, bha grunn chùisean-cùirte air feadh Alba, agus daoine fo chasaid de bhuidseachd. Thathar a’ smaoineachadh gun robh mu dhà cheud dhiubh air an cur gu bàs.

Shocraich cùisean an dèidh sin, ach bha tuilleadh ainneirt an aghaidh ‘buidsichean’ no ‘ban-bhuidsichean’ anns an t-seachdamh linn deug. Agus tha sin gam thoirt air ais gu Iseabail Gowdie à Allt Èireann a chaidh air beulaibh luchd-ceasnachaidh ann an sia ceud deug, seasgad ʼs a dhà (1662). Thairis air sia seachdainean, rinn i aideachadh de bhuidseachd ceithir tursan. Bha i air a cumail fo ghlas na h-aonar fad na h-ùine sin. Cha robh gnothaichean na fàbhar gu h-ionadail, ge-tà. Bha ministear na paraiste agus an t-uachdaran dhen bheachd gum biodh bàs bana-bhuidsich ceart is cothromach.

Anns a’ chiad aideachadh aige, thuirt Iseabail gun do choinnich i ris an Donas anns an eaglais ann an Allt Èireann air an oidhche. Rinn an Donas a chomharra air a gualainn agus dheoghail e fuil bhuaithe. Cha robh Iseabail leatha fhèin. Bha buidheann ann. Bha comas aca sgiathadh air eich dhraoidheil is a dhol a-steach tro uinneagan ann an taighean nan uaislean.

San dàrna aideachadh, thuirt i gun deach i a chèilidh air Banrigh nan Sìthichean. Ach ghabh Iseabail eagal an sin oir bha taigh na Banrigh làn tharbh-uisge. Bha i an sàs ann an cruth-atharrachadh cuideachd. Dh’fhaodadh i a cur fhèin ann an cruth cathaig. Bha feadhainn eile comasach air an cur fhèin ann an cruth cait no maighich. Thuirt i gun do rinn i ìomhaighean crèadha de mhic an uachdarain leis an amas gum biodh iad a’ fulang tinneas no bàs.

Chan eil mi cinnteach an robh fios aig Iseabail gun robh i a’ sgrìobhadh a teisteanais-bàis fhèin, ach lean i oirre. Dh’inns i rannan a chanadh i fhèin is na bana-bhuidsichean eile airson an cruth atharrachadh. Chlàir an luchd-ceasnachaidh barrachd rannan-buidseachd bho Iseabail na fhuaireadh riamh bho neach sam bith eile ann am Breatainn.

Dh’inns Gowdie do a luchd-ceasnachaidh mar a bha saighdean beaga draoidheil aig an Donas. Bhiodh esan gan toirt do na bana-bhuidsichean airson losgadh air daoine. Duine sam bith air am bualadh saighead dhen t-seòrsa sin, bhiodh iad a’ faighinn bàs.

Anns an treas aideachadh aice, thug Iseabail ainmean seachad de dhaoine a chaidh a mharbhadh le buidseachd. Rinn i cunntas de thuras a chaidh i a dh’Allt Èireann air adhbhar an Donais, agus i ann an riochd maighich. Nuair a bha i na maighich, thuirt i, chaidh prasgan chon às a dèidh. Fhuair i air falbh bhuapa le bhith a’ ruith bho thaigh gu taigh gus an d’ fhuair i cothrom a cur air ais ann an riochd daonna.

Mura robh sin gu leòr, bha tuilleadh aig Iseabail ri aideachadh, cuid dheth gu math mì-thaitneach, mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: tuilleadh ainneirt: more [additional] oppression, violence; Allt Èireann: Auldearn; aideachadh: confession; an Donas: the Devil; Banrigh nan Sìthichean: The Queen of the Fairies; cruth-atharrachadh: shapeshifting, transformation, transmogrification; teisteanais-bàis: death certificate; saighdean: arrows; mì-thaitneach: unpleasant.

Abairtean na Litreach: chaidh cùisean-cùirte mì-chliùiteach a chumail ann am Bearaig a Tuath: infamous court cases were held in North Berwick; gu sònraichte de bhith a’ feuchainn ri long an Rìgh a chur fodha: particularly of attempting to sink the King’s ship; chaidh grunnan a chur gu bàs ann an teine, an dèidh dhaibh ciùrradh fhulang: some people were put to death in a fire, after they had suffered torture; thathar a’ smaoineachadh gun robh mu dhà cheud dhiubh air an cur gu bàs: it is thought that about two hundred of them were put to death; shocraich cùisean an dèidh sin: matters settled down after that; air beulaibh luchd-ceasnachaidh: in front of interrogators; air a cumail fo ghlas na h-aonar: kept in solitary confinement; cha robh gnothaichean na fàbhar gu h-ionadail, ge-tà: matters were not in her favour locally, however; rinn an Donas a chomharra air a gualainn agus dheoghail e fuil bhuaithe: the Devil made his mark on her shoulder and he sucked blood from it; sgiathadh air eich dhraoidheil: flying on magic horses; tro uinneagan ann an taighean nan uaislean: through windows in the houses of the gentry; làn tharbh-uisge: full of water-bulls; dh’fhaodadh i a cur fhèin ann an cruth cathaig: she could put herself in the form of a jackdaw; ann an cruth cait no maighich: in the form of a cat or hare; gun do rinn i ìomhaighean crèadha de mhic an uachdarain: that she made clay images of the landlord’s sons; leis an amas gum biodh iad a’ fulang tinneas no bàs: with the aim that they would suffer illness or death; rannan a chanadh i fhèin is na bana-bhuidsichean eile: chants/verses she and the other witches would say; chlàir an luchd-ceasnachaidh barrachd rannan-buidseachd: the interrogators recorded more witchcraft verses; a cur air ais ann an riochd daonna: to put her[self] back in human form.

Puing-chànain na Litreach: de thuras a chaidh i a dh’Allt Èireann air adhbhar an Donais, agus i ann an riochd maighich: of a time she went to Auldearn on behalf of the Devil, when she was in the form of a hare. Note the use of agus here to start a clause – it wouldn’t idiomatically be translated as ‘and’ in this type of situation.

Gnàthas-cainnt na Litreach: chaidh prasgan chon às a dèidh: a pack of dogs chased her.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 820

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean