FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1003: Gàidhlig aig Murrayfield (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gàidhlig aig Murrayfield (2)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a thoirt dhuibh faclan à òran aig toiseach na Litreach an t-seachdain seo. Tha mi airson ʼs gun inns sibh dhomh dè an ceangal a th’ ann eadar an t-òran agus an latha a thug sgioba Rugbaidh na h-Alba a-mach an t-sàr-bhuaidh airson a’ chiad turais ann am Farpais nan Còig Dùthchannan.

Gaol mo chridh-sa, Màiri Bhàn, Màiri bhòidheach, sgeul mo dhàin, ʼS i mo ghaol-sa Màiri Bhàn, ʼS tha mi dol ga pòsadh.

ʼS ann aig cèilidh aig a’ Mhòd, Fhuair mi eòlas air an òigh, ʼS ise choisinn am bonn òir, ʼS tha mi dol ga pòsadh.

Tha mi an dùil gum bi sibh ag aithneachadh an òrain. Sin dà rann à ‘Màiri Bhàn’ no ‘Mairi’s Weddingmar a th’ ac’ air ann am Beurla. Chaidh a sgrìobhadh le fear à Uibhist a Deas, Iain Ruairidh Mac Ille na Brataich. Chaidh e a dh’fhuireach ann an Glaschu nuair a bha e na ghille òg. Sgrìobh e an t-òran do Mhàiri NicNaoimhin nuair a bhuannaich i am bonn òir aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a ceithir (1934).

Chaidh an t-òran a dhèanamh ainmeil ann an dreach Beurla le Sir Hugh Roberton on Chòisir Orpheus ann an Glaschu. Chuir esan tiotal ùr air ‘ The Lewis Bridal Song’ ged nach robh e ceangailte ri Eilean Leòdhais idir! Bha Iain Mac Ille na Brataich à Uibhist agus bha Màiri NicNaoimhin à Ìle!

Naoi bliadhna mus deach an t-òran a sgrìobhadh, bha mac Iain a’ cluich airson sgioba Rugbaidh na h-Alba. ʼS e Iain a bh’ airsan cuideachd agus bha Gàidhlig aige. Fhuair e ceip airson cluich airson na sgioba nàiseanta trithead ʼs a seachd tursan anns na ficheadan. Ann an naoi ceud deug, fichead ʼs a còig (1925) thug Alba a-mach an t-sàr-bhuaidh airson a’ chiad turais riamh.

Na aghaidh, ann an sgioba Shasainn, bha fear Ruairidh MacIllInnein – Roderick Ross Forrest MacLennan. Ged a bha e a’ cluich airson Sasainn, rugadh e ann an Glaschu. Bhuineadh athair do Chrothaigh eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann. Agus bha Gàidhlig aige. Cha robh e cho soirbheachail ri Iain Mac Ille na Brataich mar chluicheadair rugbaidh. Cha do bhuannaich e ach trì ceipean.

Bha fear eile ann an sgioba Shasainn an latha sin aig an robh ceanglaichean do dh’Alba. B’ esan Donnchadh Cuimeanach. An dèidh a’ ghèam bha cuirm ann airson cluicheadairean na dà sgioba. Chuir an Cuimeanach agus Ruairidh MacIllInnein seachad ùine ann an cuideachd Mhic Ille na Brataich, ag ionnsachadh òrain Ghàidhlig bhuaithe!

Agus dè thachair don dithis Ghàidheal? Bha MacIllInnein na fhear-gnothaich ann an Èirinn a Tuath fad ùine. Chuir e seachad na bliadhnaichean mu dheireadh aige ann an Crothaigh far an robh e na chomhairliche sgìreil.

Chaidh Mac Ille na Brataich an sàs ann am poilitigs agus bha e na bhall Libearalach ann an Taigh nam Morairean. Dh’fhàg e dìleab an dà chuid ann an Gàidhlig agus rugbaidh. Bha gille aige, Iain, na sgoilear Gàidhlig ainmeil. Bha nighean aige – Ray – na ball-pàrlamaid Lib-Deamach fad bhliadhnaichean. B’ ise a’ chiad neach riamh a thug a-mach a bòidean mar bhall Thaigh nam Morairean ann an Gàidhlig. Agus chluich ogha, Shade Munro, seachd tursan do sgioba rugbaidh na h-Alba.

Faclan na Litreach: Uibhist a Deas: South Uist; Mac Ille na Brataich:Bannerman; ceip: cap; soirbheachail: successful; Donnchadh Cuimeanach: Duncan Cumming.

Abairtean na Litreach: a thug sgioba Rugbaidh na h-Alba a-mach an t-sàr-bhuaidh airson a’ chiad turais ann am Farpais nan Còig Dùthchannan: that Scotland won the grand slam for the first time in the Five Nations Championship; sgeul mo dhàin: the subject of my song; tha mi [a’] dol ga pòsadh:I’m going to marry her; fhuair mi eòlas air an òigh:I got to know the maiden; ʼs ise choisinn am bonn òir: it’s her that won the gold medal; sgrìobh e an t-òran do Mhàiri NicNaoimhin: he wrote the song for Mary MacNiven; chuir esan tiotal ùr air: he gave it a new name; ged nach robh e ceangailte ri Eilean Leòdhais idir: although it wasn’t connected to the Isle of Lewis at all; bha mac Iain a’ cluich airson sgioba Rugbaidh na h-Alba: John’s son was playing for the Scottish rugby team; ʼs e Iain a bh’ airsan cuideachd agus bha Gàidhlig aige: he was also called John and he was a Gaelic-speaker; na aghaidh, ann an sgioba Shasainn: against him, on the English team; bhuineadh athair do Chrothaigh: his father belonged to Croy; an dèidh a’ ghèam bha cuirm ann airson cluicheadairean na dà sgioba: after the game there was a banquet for the players of the two teams; bha MacIllInnein na fhear-gnothaich ann an Èirinn a Tuath fad ùine: MacLennan was a business man in Northern Ireland for a while; chaidh Mac Ille na Brataich an sàs ann am poilitigs: Bannerman got involved in politics; a’ chiad neach riamh a thug a-mach a bòidean mar bhall Thaigh nam Morairean ann an Gàidhlig: the first person ever that made their vows as a member of the House of Lords in Gaelic.

Puing-chànain na Litreach: Chaidh e a dh’fhuireach ann an Glaschu nuair a bha e na ghille òg:he went to live in Glasgow when he was a young lad. In a structure like chaidh e a chàradh a’ bhàta ‘he went to repair the boat’, the verbal noun ( càradh) is lenited following chaidh. But if we said chaidh e a fhuireach it wouldn’t work in speech because the lenited ‘f’ is silent. So the ‘dh’ is included simply to make it easier to say. An other example is chaidh e a dh’iarraidh a phàrantan aig an stèisean ‘he went to collect his parents at the station’.

Gnathas-cainnt na Litreach: mar a th’ ac’ air ann am Beurla : as they call it in English.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 699

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean