menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

People Daoine

Search Lorg

Aonghas Mac Mhaighstir Alasdair (Litir 422)

’S i labhair Goill is Gàidheil,

Neo-chlèirich agus clèir,

Gach fear agus bean

A ghluaiseadh teanga am beul.

’S i a labhair Adhamh

Ann a Phàrras fhèin

’S bu shiùbhlach a’ Ghàidhlig

O bheul àlainn Eubh.

A bheil sibh ag aithneachadh sin? Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu dheidhinn nas fhaide dhen Litir.

Tha mi cinnteach gun cuala sibh mu Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. ’S e bàrd ainmeil a bh’ ann. Bha e beò anns an ochdamh linn deug.

Ach an cuala sibh mu a bhràthair, Aonghas Mac Mhaighstir Alasdair? Bha esan ainmeil cuideachd ach chan ann airson a chuid bàrdachd. Bha e ainmeil air sgàth ’s cho làidir ’s a bha e, ged a bha e gu math beag.

Ann an “Sàr-obair nam Bàrd Gàidhealach” tha an t-ùghdar Iain MacCoinnich ag innse stòiridh mu Aonghas. Bha e na bu shine na Alasdair, na bu lugha ach na bu làidire. Latha a bha seo, bha e air bruach Abhainn Lòchaidh ann an Loch Abar. Bha e aig ath, a’ dèanamh deiseil airson a dhol a-null. Bha e a’ toirt a bhrògan is stocainnean dheth. Nochd fear eile – Colla Bàn, fear Dòmhnallach à Bàrrasdal ann an Cnòideart. ’S e fear mòr àrd a bh’ ann.

Bha tòrr uisge anns an abhainn agus thuirt Colla ri Aonghas, “Fhir bhig, cùm ort do bhrògan ’s do stocainnean oir leigidh iad leat coiseachd na b’ fheàrr tron uisge. Thig còmhla riumsa agus cùm air mo chùlaibh. Brisidh mise neart an t-sruth agus nì sin an gnothach nas fhasa dhut.”

Thug Aonghas taing dha. Ach nuair a bha iad ann am meadhan na h-aibhne far an robh an sruth làidir, fhuair Colla e fhèin ann an cunnart a dhol fodha. Bha e airson tilleadh. Ach chaidh Aonghas air thoiseach air agus, leis cho neartmhor ’s a bha e, tharraing e Colla don taobh thall.

An uair sin thuirt Aonghas ri Colla, “Thug thu ‘fear beag’ orm air taobh thall na h-aibhne. Cò as coltaiche air an toirte ‘fear beag’ air an taobh sa? Gabh mo chomhairle. Na toir ‘beag’ air duine gus am bi e dearbhte agad [gu bheil e ‘beag’] agus tomhais gnè duine air barrachd na dìreach a choltas. Cuimhnich, cuideachd, mòr ’s ged a tha thu, mura b’ e duine na bu mhotha na thusa gur dòcha gum biodh tu mar fheòil do na h-easgannan ann an Abhainn Lòchaidh.” Cò chanadh nach eil a’ chomhairle aige cho iomchaidh anns an aonamh linn fichead ’s a bha i ann am meadhan an ochdamh linn deug?

Ged a tha feadhainn an siud ’s an seo a’ cuimhneachadh Aonghas Mac Mhaighstir Alasdair – is tha mi air beul-aithris a chluinntinn mu dheidhinn, an dà chuid air tìr-mòr agus ann an Uibhist – tha cuimhne fada nas fheàrr aig a’ mhòr-shluagh air a bhràthair, Alasdair. ’S e sin cumhachd na bàrdachd.

Bha Alasdair na dheagh charaid do ar cànan. Gu dearbh, ann am Moladh an Ùghdair don t-Seann Chànain Ghàidhlig, sgrìobh e:

’S i labhair Goill is Gàidheil,

Neo-chlèirich agus clèir,

Gach fear agus bean

A ghluaiseadh teanga am beul.

’S i a labhair Adhamh

Ann a Phàrras fhèin

’S bu shiùbhlach a’ Ghàidhlig

O bheul àlainn Eubh.

Tha a’ Ghàidhlig ann am meadhan sruth làidir na h-eachdraidh an-dràsta agus tha sinn feumach air daoine a chuireas an cuid neirt an sàs airson taic a thoirt dhi an taobh thall a ruigsinn. Mar a bha Aonghas do Cholla, ’s dòcha gu bheil Alasdair don chànan againn. Tha neart a’ bhàird a’ leantainn fada às dèidh a bhàis.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Adhamh: Adam; Abhainn Lòchaidh: the Lochy River; dearbhte: proven.

Abairtean na Litreach: ’S i labhair Goill is Gàidheil: it is her that Lowlanders and Highlanders spoke; neo-chlèirich agus clèir: laity and clergy; ann a Phàrras fhèin: in his Paradise; bu shiùbhlach a’ Ghàidhlig o bheul àlainn Eubh: fluent was the Gaelic from Eve’s beautiful mouth; nas fhaide dhen Litir: further on in the Litir; chan ann airson a chuid bàrdachd: not for his poetry; air sgàth ’s cho làidir ’s a bha e: because he was so strong; na bu shine na Alasdair, na bu lugha ach na bu làidire: older than Alasdair, smaller [than him] but stronger; aig ath, a’ dèanamh deiseil airson a dhol a-null: at a ford, making ready to cross over; à Bàrrasdal ann an Cnòideart: from Barrisdale in Knoydart; leigidh iad leat coiseachd na b’ fheàrr: they’ll allow you to walk better; cùm air mo chùlaibh: keep behind me; brisidh mise neart an t-sruth agus nì sin an gnothach nas fhasa dhut: I’ll break the strength of the current and that will make it easier for you; ann an cunnart a dhol fodha: in danger of going under; tharraing e Colla don taobh thall: he dragged Coll to the other side; cò as coltaiche air an toirte ‘fear beag’ air an taobh sa?: who would more appropriately be called ‘little man’ on this side?; tomhais gnè duine air barrachd na dìreach a choltas: measure a man by more than just his appearance; mura b’ e duine na bu mhotha na thusa: if it weren’t for a bigger man than you; mar fheòil do na h-easgannan: as meat for the eels; cumhachd na bàrdachd: the power of [the] poetry; airson taic a thoirt dhi an taobh thall a ruigsinn: to help her to reach the other side; fada às dèidh a bhàis: long after his death.

Puing-chànain na Litreach: Fhir bhig , cùm ort do bhrògan ’s do stocainnean: little man, keep on your shoes and socks. Fhir is the vocative singular of the masculine noun fear. Masculine nouns and masculine personal names generally slenderise and lenite in the vocative singular eg “a bhalaich!”, “a Sheumais!” Any associated adjective behaves in the same way eg “a bhalaich amaidich!”, “a Dhòmhnaill Bhig!”, “a Sheumais Mhòir”; “a laochain bhig!”

Gnàthas-cainnt na Litreach: Thug thu ‘fear beag’ orm: you called me “little man”.

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 118

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word