FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1221: Eilean Phabaigh (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Eilean Phabaigh (1)

Gaelic Gàidhlig

Aig deireadh an t-samhraidh, sheòl mi timcheall dà eilean faisg air an Eilean Sgitheanach. Tha iad gu tuath air an Ath Leathann agus faisg air a chèile. Tha gu leòr anns a’ chumantas eatarra a thaobh eachdraidh is uachdranas. Ge-tà, ann an cumadh is coltas, tha iad cho eadar-dhealaichte bho chèile ʼs a ghabhas. Tha an dàrna eilean beag, ìosal is còmhnard – agus meadhanach torrach. Tha am fear eile cuimseach mòr, le beinn is monadh, agus mòine gu leòr. ʼS iad na h-eileanan sin Pabaigh agus Scalpaigh.

Nise, tha mi air na h-ainmean, mar gum biodh ‘oifigeil’, a chur orra. Ann am Beurla – Pabay agus Scalpay; ann an Gàidhlig – Pabaigh agus Scalpaigh. Ach chuala mi ‘Paba’ agus ‘Scalpa’ aig na seann iasgairean Rosach aig an robh Gàidhlig. Agus nuair a thèid sinn air ais gu mapaichean an t-seachdamh linn deug, ʼs e sin a th’ orra.

Thuirt mi gu bheil an dà eilean eadar-dhealaichte bho chèile. Tha sin gu sònraichte fìor mu na h-ainmean-àite orra. Tha Scalpaigh làn ainmean Gàidhlig – leithid Rubh’ a’ Chonnaidh, Camas na Geadaig, Glac an Ime agus Beinn Loch a’ Mhuilinn. Ach, ann am Pabaigh, chan eil ann ach dà ainm-àite Gàidhlig agus tha iadsan air a’ chladach – creag air a bheil An Gobhlach agus sgeir faisg air làimh – an Sgeir Ghobhlach. Bha an sgeir sin na chunnart do mharaichean, agus tha pòla-rabhaidh oirre.

Ach air tìr anns an eilean fhèin, chan eil aon ainm-àite. Chan eil mi a’ ciallachadh ainm-àite Gàidhlig, ach fear sam bith – Gàidhlig no Beurla. Shaoil mi gun robh sin car annasach. Tha an t-eilean còmhnard, ceart gu leòr, gun chnoc no glac a tha follaiseach bhon mhuir. Chan eil loch no uillt ann. Ach tha tràighean ann, agus creagan, agus mòine, agus baile-fearainn. Bha sluagh ann. Tha àiteachan ann far am bi na h-eòin-mhara a’ neadachadh. Tha pàircean ann, agus dìgean. Carson nach robh ainm sam bith air gin de na feartan-tìre sin?

Chaidh mi gu Leabhar nan Ainmean aig an t-Suirbhidh Òrdanais. Chan eil ach trì ainmean aca ann am peann dubh. A’ chiad fhear – ʼs e sin Pabay fhèin. Sgrìobh iad gur ann on Lochlannais a thàinig an t-ainm. Tha e a’ ciallachadh ‘Eilean an t-Sagairt’. Agus tha An Gobhlach ‘forked place’ agus Sgeir Ghobhlach ‘forked rock’ aca.

Ge-tà, ann am peann dearg, air an aon duilleig ʼs a bheil Pabaigh air ainmeachadh, tha trì uillt – Allt a’ Ghleannain, Allt na Plaide agus Allt an Rèidhe Mhòir. Airson tiotan bha mi a’ smaoineachadh gur dòcha gun robh na h-uillt sin ann am Pabaigh ach gun deach iad à bith nuair a chaidh claisean-drèanaidh a chladhach. Ach cha robh. Tha na h-uillt pìos air falbh anns an Eilean Sgitheanach fhèin. Coltach ri Pabaigh bha iad air fearann a bha leis a’ Mhorair Dòmhnallach ann an Caisteal Armadail.

Faclan na Litreach: cuimseach mòr: moderately large; mòine: peat, peatland; Rosach: belonging to Ross-shire; Rubh’ a’ Chonnaidh: the point of the fuel; Camas na Geadaig: the bay of the small tillage plot; Glac an Ime: the hollow of the butter; Beinn Loch a’ Mhuilinn: the mountain of the mill loch; beagan chraobhan: a few trees; baile-fearainn: farming settlement; Eilean an t-Sagairt: the isle of the priest; claisean-drèanaidh: drainage channels.

Abairtean na Litreach: sheòl mi timcheall dà eilean faisg air an Eilean Sgitheanach: I sailed around two islands near Skye; gu tuath air an Ath Leathann: north of Broadford; tha gu leòr anns a’ chumantas eatarra a thaobh eachdraidh is uachdranas: there is a lot in common between them with regard to history and landlordship; ìosal is còmhnard agus meadhanach torrach: low and flat and moderately fertile; nuair a thèid sinn air ais gu mapaichean an t-seachdamh linn deug, ʼs e sin a th’ orra: when we go back to seventeenth-century maps, that’s what’s on them; creag air a bheil An Gobhlach agus sgeir faisg air làimh – an Sgeir Ghobhlach: a rocked called ‘the forked one’ and a skerry nearby – ‘the forked skerry’; bha an sgeir na cunnart do mharaichean: the skerry was a danger to mariners; tha pòla-rabhaidh oirre: there is a warning pole on it; chan eil mi a’ ciallachadh ainm-àite Gàidhlig, ach fear sam bith: I don’t mean a Gaelic place-name but any place-name; shaoil mi gun robh sin car annasach: I thought that was a bit strange; gun chnoc no glac a tha follaiseach bhon mhuir: without a hill or a hollow that is obvious from the sea; chan eil loch no uillt ann: there is no loch or burns; far am bi na h-eòin-mhara a’ neadachadh: where the sea-birds nest; carson nach robh ainm sam bith air gin de na feartan-tìre sin?: why was there no name on any of those geographical features?; Leabhar nan Ainmean aig an t-Suirbhidh Òrdanais: Name Book of the Ordnance Survey; airson tiotan bha mi a’ smaoineachadh gur dòcha gun robh na h-uillt sin ann am Pabaigh: for a moment I was thinking those burns were on Pabay; fearann a bha leis a’ Mhorair Dòmhnallach ann an Caisteal Armadail: land that was owned by Lord MacDonald in Armadale Castle.

Puing-chànain na Litreach: tha iad cho eadar-dhealaichte bho chèile ʼs a ghabhas: they are as different from each other as possible. This is a really useful idiom and one you should try to use. It is an idiomatic alternative to ʼs as urrainn. Bidh mi ann cho luath ʼs a ghabhas ‘I’ll be there as soon as possible’. Dèan uisge an amair cho teth ʼs a ghabhas ‘make the bath water as hot as possible’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: leithid Rubh’ a’ Chonnaidh: such as Rubh’ a’ Chonnaidh.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 917

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean