menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

History Eachdraidh

Search Lorg

Bàs an Daimh (Litir 608)

Tha an dealbh iongantach Bàs an Daimh ann an Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann. ’S e dealbh mòr a th’ ann. Tha e trì puing a seachd (3.7) meatair ann an àirde agus còrr air còig puing a dhà (5.2) meatair ann an leud. Tha an dealbh, leis a’ pheantair Ameireaganach, Benjamin West, a’ sealltainn Cailean – no Colin – Fitzgerald a’ sàbhaladh beatha Rìgh Alasdair III bho dhamh fiadhaich. Ach cò bh’ ann an Cailean Fitzgerald?

Uill, bha e na shinnsear, a rèir beul-aithris, don fhear a dh’iarr an dealbh – agus a phàigh ochd ceud gini air a shon anns na h-ochdadan dhen ochdamh linn deug (1780an) – Francis Humberston MacCoinnich. Às dèidh bàs a bhràthar, ghabh e thairis ceannas Clann ’ic Coinnich. Agus, bliadhnaichean às dèidh gun do nochd an dealbh, bha tiotal air a bhuileachadh air – Mòrair Shìophort. Nuair a bha e na ghille aig Eton, aig aois dusan bliadhna, ghabh MacCoinnich fiabhras a dh’fhàg bodhar e. Cha robh a chainnt uabhasach soilleir air sgàth a bhoidhre.

Bhathar a’ creidsinn o shean gun robh dualchas làn-Cheilteach aig Clann ’ic Coinnich. Ach, anns an ochdamh linn deug, dh’fheuch àrd-urrachan na fine ri dearbhadh gun do dh’èirich iad à dualchas Anglo-Normanach-Èireannach. Dh’fhoillsich iad na bh’ aca ann am beul-aithris – gum b’ e tùsair na fine Cailean Fitzgerald, mac aig iarla Èireannach. B’ fheudar do Chailean Èirinn fhàgail. Bha sin anns an treas linn deug. Thug Rìgh na h-Alba comraich dha. B’ e an Rìgh sin Alasdair III.

A rèir choltais cha do dhìochuimhnich Cailean gun robh an Rìgh air cobhair a dhèanamh air. Tha cuid ag ràdh gun tug e taic don Rìgh an aghaidh nan Lochlannach, nuair a rinn na h-Albannaich a’ chùis orra. Air sàillibh sin, thug an Rìgh fearann dha ann an Cinn Tàile, a’ gabhail a-steach Eilean Donan, far a bheil an caisteal ainmeil. Tha feadhainn eile ag ràdh gun d’ fhuair e am fearann sin leis gun do shàbhail e beatha an Rìgh.

A rèir an stòiridh seo, bha Cailean a’ sealg cuide ris an Rìgh. Thug damh ionnsaigh air an Rìgh. Bha Alasdair ann an cunnart a bheatha. Thàinig Cailean eatarra. Chaidh e fhèin agus an damh an glaic a chèile agus mharbh Cailean an damh. Anns an dealbh Bàs an Daimh, chithear Cailean Fitzgerald le sleagh na làimh, gu bhith a’ cur an daimh gu bàs, fhad ’s a tha an Rìgh na laighe air an talamh.

Ach carson a bha e cho cudromach do Francis Humberston MacCoinnich a bhith a’ sealltainn an tachartais seo ann an dealbh cho mòr is cho cosgail? Uill, tha poilitigs a’ tighinn a-steach don ghnothach, agus ’s e sin as coireach gu bheil cuid ag ràdh nach eil anns an dealbh ach propaganda.

Suas gu deireadh an t-seachdamh linn deug, bha Clann ’ic Coinnich air a bhith dìleas do rìghrean na h-Alba. Chaidh an tiotal “Iarla Shìophort” a bhuileachadh – airson a’ chiad turais – air Cailean MacCoinnich ann an sia ceud deug, fichead ’s a trì (1623). Ach chaill na Stiùbhartaich a’ chathair rìoghail. Thaobhaich na ceathramh agus còigeamh iarlan ris na Seumasaich. Mar a chì sinn an-ath-sheachdain, ’s dòcha gur ann air sgàth a’ cho-dhùnaidh sin, aig a’ cheann thall, a chaidh Bàs an Daimh a pheantadh.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: iongantach: amazing; Bàs an Daimh: The Death of the Stag; Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba: The National Gallery of Scotland; comraich: sanctuary; Cinn Tàile: Kintail; a’ sealg: hunting; eatarra: between them; sleagh: spear.

Abairtean na Litreach: ann an leud: in width; a’ sàbhaladh beatha Rìgh Alasdair III bho dhamh fiadhaich:saving the life of King Alexander III from an angry stag; bha e na shinnsear: he was an ancestor; a phàigh ochd ceud gini air a shon: who paid 800 guineas for it; ghabh e thairis ceannas Clann ’ic Coinnich: he took over the leadership of the Clan MacKenzie; às dèidh gun do nochd an dealbh: after the picture appeared; bha tiotal air a bhuileachadh air – Mòrair Shìophort: he was granted a title – Lord Seaforth; fiabhras a dh’fhàg bodhar e: a fever that left him deaf; cha robh a chainnt uabhasach soilleir air sgàth a bhoidhre: his speech wasn’t very clear because of his deafness; bhathar a’ creidsinn o shean: it was believed in olden times; dualchas làn-Cheilteach: a pure Celtic heritage; dh’fheuch àrd-urrachan na fine ri dearbhadh: the clan leaders tried to prove; tùsair na fine: the progenitor of the clan; mac aig iarla Èireannach: a son of an Irish earl; cha do dhìochuimhnich Cailean:Colin didn’t forget; an aghaidh nan Lochlannach: against the Norse; nuair a rinn na h-Albannaich a’ chùis orra:when the Scots defeated them; an glaic a chèile: wrestling with each other; suas gu deireadh an t-seachdamh linn deug: up until the end of the 17th Century; dìleas do rìghrean na h-Alba: loyal to the kings of Scotland; chaidh X a bhuileachadh air; X was bestowed upon him; chaill na Stiùbhartaich a’ chathair rìoghail: the Stuarts lost the throne; thaobhaich na ceathramh agus còigeamh iarlan ris na Seumasaich: the fourth and fifth earls sided with the Jacobites; ’s dòcha gur ann air sgàth a’ cho-dhùnaidh sin: perhaps it’s because of that decision.

Puing-chànain na Litreach: Tha e trì puing a seachd meatair ann an àirde:it’s 3.7 metres in height. Some units of measurement tend not to pluralize in the standard manner. For example, while we’d say 3.7 òirlich and 3.7 troighean, employing the plural forms of the nouns òirleach (inch) and troigh (foot), we tend not to pluralize slat (yard), meatair or mìle (we’d say 3.7 slat rather than 3.7 slatan, 3.7 meatair rather than 3.7 meatairean and 3.7 mìle rather than 3.7 mìltean). Cilemeatair also tends not to pluralize so we’d say 3.7 cilemeatair (3.7 km for short).

Gnàthas-cainnt na Litreach: : ’s e sin as coireach gu bheil cuid ag ràdh: that is why some people say.

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 304

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word