FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1117: A’ Ghàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

A’ Ghàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu (1)

Gaelic Gàidhlig

Thàinig mi tarsainn air làrach-lìn inntinneach o chionn ghoirid. ʼS e an t-ainm a th’ oirre ‘Sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu’. Tha i dà-chànanach. Gheibhear i aig sgeulnagaidhlig.ac.uk. Tha i ag innse dhuinn mu na ceanglaichean eadar an t-oilthigh agus a’ Ghàidhlig thar nan linntean.

Chaidh an t-oilthigh a chur air chois ann an ceithir cheud deug, caogad ʼs a h-aon (1451). Aig an àm sin, bha Gàidhlig ga bruidhinn ann an sgìrean dùthchail faisg air Glaschu, agus feadhainn dhiubh deas air a’ bhaile. A bharrachd air sin, bha ceangal oifigeil ann eadar an t-oilthigh agus eaglaisean paraiste far an robh an cànan ga bruidhinn – ann an Comhghall, Bòd is Ìle. Bhiodh ceudan bhliadhnaichean ann mus biodh a’ Ghàidhlig air a teagasg anns an oilthigh, ach bha Gàidheil nan oileanaich ann bho chionn fhada.

Nuair a chaidh Oilthigh Ghlaschu a stèidheachadh, thòisich daoine ann an Earra-Ghàidheal, a bha ag amas air a bhith nam pearsaichean eaglais, a dhol ann. Roimhe sin, fhuair iad an cuid foghlaim ann an Oilthigh Chill Rìmhinn. Aig an àm sin, bha Gàidhlig air a bruidhinn air feadh Earra-Ghàidheal. Am measg nan ainmean Gàidhealach a nochdas air clàr nan oileanach, tha MacCombaich, MacThàmhais, MacLaomainn, Mac a’ Bhiocair, MacLachlainn agus MacMhuirich.

Tha ainm cliùiteach a’ nochdadh ann an co-cheangal ri Oilthigh Ghlaschu anns an t-siathamh linn deug. B’ e sin Iain Major, a sgrìobh anns an leabhar aige mu eachdraidh Bhreatainn gun robh Gàidhlig aig cha mhòr an dàrna cuid de mhuinntir na h-Alba aig an àm sin. Ciamar a bha e ceangailte ri Oilthigh Ghlaschu? Uill, bha e na Phrionnsabal ann eadar còig ceud deug is ochd-deug (1518) agus còig ceud deug, fichead ʼs a trì (1523).

Fear eile cliùiteach a bha co-cheangailte ris an oilthigh – b’ esan Ualtar MacUalraig no Ceanadach, am bàrd. ʼS ann à Carraig ann an Siorrachd Àir a bha Ualtar, agus bha e na Ghàidheal. Bha Gàidhlig fhathast air a bruidhinn ann an Carraig agus Gall-Ghàidhealaibh aig an àm sin. Tha Ualtar ainmeil airson ʼs mar a bha e fhèin is Uilleam Dunbar, bàrd Gallta, a’ magadh air a chèile ann an aoir. B’ e cuspair na h-aoire – dè bha e a’ ciallachadh a bhith nad Albannach? Bha Dunbar a’ cur sìos air MacUalraig airson a bhith dìleas don Ghàidhlig. Bha MacUalraig a’ cur sìos air Dunbar a chionn ʼs nach robh Gàidhlig aige!

Co-dhiù, cheumnaich MacUalraig o Oilthigh Ghlaschu le MA ann an ceithir cheud deug, seachdad ʼs a h-ochd (1478). Agus bha a mhac, Ualtar eile, air a dhèanamh na reactor ann, ann an còig ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1524).

Aig deireadh an t-siathamh linn deug agus anns a’ chiad leth dhen t-seachdamh linn deug, bha gu leòr de Ghàidheil mar oileanaich aig an oilthigh. Bha a’ chuid a bu mhotha aca à Earra-Ghàidheal. Aig an àm sin, nam biodh ainm Gàidhealach ort, agus tu à Earra-Ghàidheal no Na Tròisichean, bhiodh Gàidhlig agad. ʼS iad na h-ainmean a chì sinn – Caimbeul, MacLachlainn, Darach, Camshron, Bochanan, MacCombaich, MacIllEathain, MacCalmain, MacLeòid, Mac a’ Bhreatannaich, MacAlasdair agus MacGuaire. Chun na h-ath-sheachdain, beannachd leibh.

Faclan na Litreach: Gheibhear i: it is obtained [ie reached]; Comhghall, Bòd is Ìle: Cowal, Bute and Islay; Earra-Ghàidheal: Argyll; Ualtar MacUalraig: Walter Kennedy; Na Tròisichean: The Trossachs.

Abairtean na Litreach: Thàinig mi tarsainn air làrach-lìn inntinneach o chionn ghoirid: I came across an interesting website recently; chaidh an t-oilthigh a chur air chois: the university was established; feadhainn dhiubh deas air a’ bhaile: some of them south of the town; MacCombaich, MacThàmhais, MacLaomainn, Mac a’ Bhiocair, MacLachlainn agus MacMhuirich: Colquhoun, MacTavish, Lamont, MacVicar, MacLachlann and MacMhuirich; gun robh Gàidhlig aig cha mhòr an dàrna cuid de mhuinntir na h-Alba: that almost half the population of Scotland spoke Gaelic; ʼs ann à Carraig ann an Siorrachd Àir a bha X: X was from Carrick in Ayrshire; mar a bha e fhèin is Uilleam Dunbar, bàrd Gallta, a’ magadh air a chèile ann an aoir: how he and William Dunbar, a Lowland poet, were mocking each other in satire; a’ cur sìos air MacUalraig airson a bhith dìleas don Ghàidhlig: criticising Kennedy for being loyal to Gaelic; a chionn ʼs nach robh Gàidhlig aige: because he didn’t speak Gaelic; ʼs iad na h-ainmean a chì sinn: the names we see are; Caimbeul, MacLachlainn, Darach, Camshron, Bochanan, MacCombaich, MacIlleathain, MacCalmain, MacLeòid, Mac a’ Bhreatannaich, MacAlasdair agus MacGuaire: Campbell, MacLachlann, Darroch, Cameron, Buchanan, Colquhoun, Maclean, MacCalman, MacLeod, Galbraith, MacAlister and MacQuarrie.

Puing-chànain na Litreach: Aig an àm sin, bha Gàidhlig ga bruidhinn ann an sgìrean dùthchail faisg air Glaschu: at that time, Gaelic was spoken in country areas close to Glasgow. This is a passive construction which incorporates the possessive pronoun. This is the reason bruidhinn is not lenited – because Gaelic is feminine and the third person feminine singular pronoun does not lenite a noun. Similarly we would say bha an obair ga dèanamh ‘the work was being done’ because obair is feminine. In contrast we would say tha uan ga thoirt seachad ‘a lamb is being given away’. Toirt is lenited because uan is masculine.

Gnàthas-cainnt na Litreach: thar nan linntean: over the centuries/ages.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 813

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean