menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

History Eachdraidh

Search Lorg

Na Trì Lèintean Canaich (3) (Litir 1007)

Tha mi ag innse dhuibh na sgeulachd ‘Na Trì Lèintean Canaich’. Bha nighean an rìgh aig taigh an t-seann duine mhòir. Dh’inns e dhi gun robh a triùir bhràithrean a’ fuireach ann an uamh. ‘Tha sreang chaol chainbe agam,’ thuirt e. ‘Gabh grèim oirre. Ma thèid thu air an rathad cheàrr, bheir mise draghadh air an t-sreing.’ ʼS ann air an dòigh sin a lorg an nighean an uamh anns an robh a bràithrean.

Bha bòrd na broinn, le trì cupannan air – fear mòr, fear beag agus fear meadhanach. Bha iad uile làn fìona. Bha aig an nighinn, mu a meur, fàinne a bh’ air a bhith le a màthair nach maireann. Chuir i am fainne sa chupa a bu lugha. An uair sin chaidh i am falach fo mheall de dh’itean eòin.

Thàinig a bràithrean a-steach nan coin ghlasa. Thilg iad dhiubh na cochaill a bh’ orra. Bha iad nan daoine a-rithist. Thog iad an cupannan agus dh’òl iad am fìon. Nuair a dh’òl am fear a b’ òige a’ chuid mu dheireadh dhen fhìon, rinn am fàinne gliong air na fiaclan aige. Thog an gille e. Dh’aithnich e e. ‘Seo fàinne mo mhàthar,’ thuirt e. Rannsaich na gillean an uamh agus lorg iad am piuthar. Bha iad air leth toilichte.

Dh’fhaighnich an nighean dhiubh an robh dòigh ann airson an saoradh bho na geasan a bh’ orra. Bha, thuirt iad. Nan dèanadh i lèine de chanach an t-slèibhe airson gach duine aca, agus nan cumadh i balbh sàmhach gus an robh i fhèin air na lèintean a chur umpa, bhiodh iad saor bho na geasan.

Dh’fhalbh i le trì pocannan gu sliabh agus lìon i iad le canach an t-slèibhe. Chunnaic i marcaiche a’ tighinn dha h-ionnsaigh. ʼS e rìgh a bh’ ann, agus cha robh e pòsta.

Ghabh e gaol air an nighinn ach cha chanadh i facal ris. Bha esan a’ smaoineachadh gun robh i bodhar is balbh. Le comharraidhean làimhe, rinn e soilleir dhi gun robh e airson a pòsadh. Dh’aontaich i agus chaidh i don rìoghachd aige far an do phòs iad. Bha i a-nise na banrigh.

Gach latha, bhiodh i a’ leantainn le a cuid obrach ann an sàmhchair, a’ snìomh agus a’ fighe a’ chanaich. An ceann greis, rugadh leanabh-gille dhi. Airson seachdain rinn a’ bhean-ghlùine caithris air, gun a bhith a’ faighinn norrag. Ach, an dèidh seachdain, bha uiread de sgìths oirre ʼs gun do chuir i an leanabh ann an creathall. Thuit i fhèin na cadal. Thàinig làmh mhòr a-steach air an uinneig agus thug i leatha an leanabh. Ach cha tuirt a’ bhanrigh càil oir bha i airson a bràithrean a shaoradh bho na geasan.

Nuair a dhùisg a’ bhean-ghlùine, cha robh fios aice dè dhèanadh i. Bha coileach beag ann. Mharbh i an coileach, chuir i fuil bhuaithe ann an cupan, agus shuath i an fhuil air beul na banrigh. An uair sin chaidh i far an robh an rìgh. ‘Nach olc am boireannach siud,’ thuirt i ris. ‘Dh’ith i a leanabh fhèin.’

‘An do rinn i sin?’ thuirt an rìgh.

‘Rinn,’ fhreagair a’ bhean-ghlùine.

‘Ud, chan eil i ach gòrach,’ ars an rìgh. ‘Leigidh sinn leatha.’ Agus lean a’ bhanrigh gu sàmhach le a cuid snìomh agus fighe. Bheir mi an stòiridh gu ceann an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Na Trì Lèintean Canaich: The Three Bog Cotton Shirts; sreang chaol chainbe: fine hempen string; làn fìona:full of wine; gliong: clink (sound); dh’aithnich:recognised; marcaiche: [horse] rider; bodhar is balbh:deaf and unable to speak; comharraidhean làimhe: hand signs; gòrach: foolish.

Abairtean na Litreach: gun robh a triùir bhràithrean a’ fuireach ann an uamh: that her three brothers were living in a cave; bha aig an nighinn, mu a meur, fàinne a bh’ air a bhith le a màthair nach maireann: the girl had, around her finger, a ring that had been owned by her late mother; chaidh i am falach fo mheall de dh’itean eòin: she hid under a pile of bird feathers; thàinig a bràithrean a-steach nan coin ghlasa: her brothers entered in the form of grey dogs; thilg iad dhiubh na cochaill a bh’ orra: they threw off the coverings that were on them; rannsaich na gillean an uamh agus lorg iad am piuthar: the lads closely searched the cave and they found their sister; an robh dòigh ann airson an saoradh bho na geasan: was there a way to free them from the spells; nan dèanadh i lèine de chanach an t-slèibhe airson gach duine aca: if she made a shirt of bog cotton for each one of them; nan cumadh i balbh sàmhach gus an robh i fhèin air na lèintean a chur umpa: if she kept silent until she herself had put the shirts on [around] them; ghabh e gaol air an nighinn: he fell in love with the girl; a’ snìomh agus a’ fighe: spinning and weaving; rugadh leanabh-gille dhi: she gave birth to a son; rinn a’ bhean-ghlùine caithris air, gun a bhith a’ faighinn norrag: the midwife kept a vigil watch on him, without sleeping; bha uiread de sgìths oirre ʼs gun do chuir i an leanabh ann an creathall: she was so tired that she put the baby in a cradle; mharbh i an coileach, chuir i fuil bhuaithe ann an cupan, agus shuath i an fhuil air beul na banrigh: she killed a cockerel, she put blood from it in a cup, and she rubbed the blood on the queen’s mouth.

Puing-chànain na Litreach: bheir mise draghadh air an t-sreing: I’ll pull on the string. Sreang is a feminine noun and, traditionally, such nouns slenderize in the dative (prepositional) singular following an article. Thus an t-sreang (nominative) becomes air an t-sreing (dative). The pronunciation of the vowel also slenderizes.

Gnathas-cainnt na Litreach: a’ chuid mu dheireadh dhen fhìon: the last bit of the wine.

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 703

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word