79: Na Mìosan (2)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Na Mìosan (2)
A’ dol thar Allt an t-Siùcair air madainn chùbhraidh Chèit’ … A bheil sibh ag aithneachadh sin? Tha e bho “Allt an t-Siùcair”, òran a chaidh a sgrìobhadh leis a’ bhàrd ainmeil, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. ’S ann tric a chithear na faclan sin – air madainn chùbhraidh Chèit’ - ann am bàrdachd Ghàidhlig.
Tha “Chèit” goirid airson Chèitein – am mìos mu dheireadh air an tug sinn sùil an t-seachdain ’s a chaidh. ’S e am mìos a tha a’ leantainn air – an t-Ogmhìos – am fear anns a bheil rudan a’ fàs gu mòr, ag ùrachadh na talmhainn. As dèidh sin, bidh an seachdamh mìos dhen bhliadhna againn – an t-Iuchar.
Thathar a’ smaoineachadh gun tàinig am facal sin, Iuchar, bho futhar, an t-àm as teotha san t-samhradh. O shean, chanadh muinntir na Beurla na “dog days” ris na làithean seo air sgàth ’s gur e seo an t-àm dhen bhliadhna nuair a bhios an rionnag ris an canar an “dog star”, neo “ Sirius” ag èirigh agus a’ dol fodha aig an aon àm ris a’ ghrèin. Agus ’s e an t-ainm a th’ air an rionnaig seo, neo an reul seo, ann an Gàidhlig – Reul an Iuchair.
’S e an Lùnasdal a’ Ghàidhlig air August. Tha an t-ainm a’ tighinn bhon t-seann dia, Lugh. B’ e dia na grèine a bh’ ann do na Gaidheil phàganach, agus bhathar ag adhradh dha aig an àm seo dhen bhliadhna. As dèidh sin, bidh an t-Sultain ann. Tha sin a’ tighinn bhon fhacal sult, a tha a’ ciallachadh reamhrachd. ’S e sin an t-àm dhen bhliadhna nuair a bhios beathaichean, mar chrodh is caoraich, a’ fàs reamhar, mus tig an geamhradh.
’S e an deicheamh mìos dhen bhliadhna an Dàmhair, an t-àm nuair a bhios an damh a’ bùirich, a’ dèanamh fuaim mòr anns na glinn. Tha e coltach gur e an darna pàirt dhen fhacal – dàir – a tha a’ ciallachadh “bùireadh”. Damh-dàir – an Dàmhair. Nach eil e math gu bheil an t-ainm air a’ mhìos sin, agus air mòran eile, a’ tighinn bhon àrainneachd againn fhìn, seach bho chleachdadh Ròmanach.
Agus tha sinn gar tilleadh don dà mhìos air an tug sinn sùil o chionn ceala-deug – an t-Samhain, agus am mìos a th’ againn a-nise – an Dùbhlachd. Sin na mìosan ann an Gàidhlig an latha an-diugh, ma thà. Ach tha dà rud ann a dh’fheumas mi ràdh mun deidhinn. Anns a’ chiad dol a-mach, ’s ann tric a bhios Gaidheil a’ cleachdadh nan ainmean Beurla, seach an fheadhainn Ghàidhlig. Agus, a bharrachd air a sin, nuair a leughas sibh seann sgrìobhaidhean Gàidhlig, cuimhnichibh nach robh an t-ùghdar uaireannan dhen bheachd gun tigeadh, agus gum falbhadh, gach “mìos” a rèir a’ mhìosachain, neo co-dhiù a rèir mìosachan na Beurla.
Seo criomag às òran a sgrìobh am bàrd, Dòmhnall MacEacharn, a rugadh ann an Diùra ann an ochd ceud deug, is sia-deug ar fhichead (1836). ’S e an t-ainm a th’ air “Cuairt san Fhrìth”.
An crann fo bhlàth san òg-mhìos Mhàigh,
An geamhradh dh’fhàg gun bhlàth gun bhrìgh,
Is ionann sin ’s mar tha mi ’n-dràst’,
Gun sunnd, gun chàil, am ànrach sgìth.
An crann fo bhlàth san òg-mhìos Mhàigh? Tha Dòmhnall a’ cleachdadh òg-mhìos, chan ann mar a’ Ghàidhlig air June, ach mar “mìos òg”, mìos far am bi an talamh air ùrachadh le fàs. Dhasan, ’s e a’ Mhàigh “an t-òg-mhìos”. Ach tha e a’ cleachdadh “an Cèitean” cuideachd na bhàrdachd. Fàgaidh mi sibh an t-seachdain-sa le rann bhon òran aige, “Anna Mhìn, Mheall-Shùileach”:
Is cuimhne leam nuair bha sinn
Nar cloinn a’ ruith mun àirigh,
’S do chuailean donn bu tlàithe
A’ snàmh san oiteig Chèitein…
Faclan na Litreach: an Cèitean: May; an t-Ogmhìos: June (lit. the young month); an t-Iuchar: July; Reul an Iuchair:Sirius (the dog star); an Lùnasdal: August; sult, reamhrachd: fatness; an Dàmhair: October; dàir, bùireadh:rutting, the rut; àrainneachd: environment; an Dùbhlachd: December; sgrìobhaidhean: writings; Dòmhnall MacEacharn: Donald MacKechnie; Diùra: Jura (Isle of).
Abairtean na Litreach: ag ùrachadh na talmhainn: renewing the earth; ag èirigh agus a’ dol fodha aig an aon àm ris a’ ghrèin:rising and setting at the same time as the sun; bhathar ag adhradh dha aig an àm seo dhen bhliadhna: he was worshipped at this time of the year; nuair a bhios an damh a’ bùirich: when the stag is roaring; bho chleachdadh Ròmanach: from a Roman custom; anns a’ chiad dol a-mach: in the first instance; cuimhnichibh nach robh an t-ùghdar uaireannan dhen bheachd gun tigeadh, agus gum falbhadh, gach “mìos” a rèir a’ mhìosachain:remember that the author sometimes was not of the opinion that each “month” would come and go according to the calendar; Cuairt san Fhrìth: a journey on the moor (deer forest); an crann fo bhlàth san òg-mhìos Mhaigh: the tree in blossom in the young month of May; gun sunnd, gun chàil, am ànrach sgìth: without cheerfulness, without strength, weather-beaten and tired; Anna Mhìn, Mheall-Shùileach:tender Ann of the alluring eyes; do chuailean donn bu tlàithe: your brown locks, of the very softest; a’ snàmh san oiteig Chèitein: swimming in the May breeze.
Puing ghràmair na Litreach: Do you get confused as to when a “t-” appears in front of a noun starting with “s”, annulling the sound of the “s”? There are three situations, all represented in the Litir. [Note that it does not apply where the “s” is followed immediately by a “g”, “m”, “p” or “t”]. The first situation is a masculine noun in the genitive case, eg Allt an t-Siùcair (lit. Burn of the Sugar). The nominative is an siùcar.The second is a noun in the dative case (and, here, it can be masculine or feminine eg as teotha san t-samhradh(the hottest in summer; the nominative is an samhradh ). The third situation is in the nominative case of feminine nouns. Two months come into this category – an t-Sultain (September) and an t-Samhain (November). You will also see an t-seachdain(the week). How would you say the following in Gaelic?: Sweden; the eye; on the gannet; on the Sabbath; the fox’s head; the room’s window.
Gnàthas-cainnt na Litreach: air madainn chùbhraidh Chèit’: on a fragrant May morning. This phrase often appears in song and poems and is sometimes used as something of a cliché, much in the manner of the English “as I went a-wandering upon a fine May morning…”
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn