714: Na Cumraidhean – Mòr is Beag
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Na Cumraidhean – Mòr is Beag
Tha seann abairt ann – Chan ann am Bòid uile a tha an t-olc; tha cuid dheth sa Chumaradh Bheag làimh ris. Obh obh. Chan eil fhios a’m cò chruthaich an abairt, ach cha bhiodh na Bòdaich no Cumaraich uabhasach toilichte mu dheidhinn. Not all evil is in Bute; some is in Little Cumbrae nearby. Chan ann am Bòid uile a tha an t-olc; tha cuid dheth sa Chumaradh Bheag làimh ris. Tha fhios nach eil sin fìor an-diugh, ma bha riamh.
Bidh sibh eòlach air na h-eileanan sin ann an Linne Chluaidh – Bòd, no Eilean Bhòid, làimh ri Comhghall, agus Cumaradh, no Eilean Chumaraidh, mu choinneimh na Leargaidh Ghallta. Uill, tha dà eilean ann, làimh ri chèile, air a bheil Cumaradh mar ainm – an Cumaradh Mòr agus an Cumaradh Beag. Tha an Cumaradh Mòr gu tuath air a’ Chumaradh Bheag. Agus tha e, mar a bhiodh dùil, nas motha.
Cha robh mi riamh anns a’ Chumaradh Bheag, ach bha sa Chumaradh Mhòr. O chionn beagan bhliadhnaichean, thug mi mo mhàthair, agus i còrr is ochdad bliadhna a dh’aois, gu ruige Port a’ Mhuilinn. Bhiodh i gu tric ag innse dhomh mu làithean-saora samhraidh an sin na h-òige. Bhiodh i a’ gabhail trèana à Glaschu, far an robh i a’ fuireach, gu ruige an Leargaidh Ghallta, agus bàt’-aiseig gu ruige Port a’ Mhuilinn.
Cha robh i air a bhith anns an eilean fad ùine mhòr, agus chòrd e rithe tilleadh ann. Agus chòrd e riumsa cuideachd. Tha Port a’ Mhuilinn glè shnog agus bha e math uiread de dhaoine fhaicinn air latha samhraidh, agus iad air baidhsagalan, seach ann an carbadan-ola.
Leis an fhìrinn innse, chan ann am Port a’ Mhuilinn a bhiodh mo mhàthair a’ fuireach, ach ann am baile-fearainn air an robh Creag nan Gobhar. Tha ainmean-àite Gàidhlig anns an eilean, measgaichte le ainmean à Seann Bhreatannais, Albais is Beurla. Chan urrainn dhomh a ràdh le cinnt nach eil ainmean Lochlannach ann a bharrachd.
Co-dhiù, chaidh sinn a choimhead air Creag nan Gobhar. Bha am baile pìos a-mach à Port a’ Mhuilinn, suas leathad, le seallaidhean matha de thìr-mòr. Bha sinne ann an carbad ach, na h-òige, bhiodh mo mhàthair a’ coiseachd na slighe sin, uaireannan a’ giùlain màileid mhòr agus poca làn bìdh. ’S i a bha fut is làidir!
Tha an t-ainm Cumaradh inntinneach. Tha e coltach ris an ainm Ghàidhlig airson ‘Wales’ – a’ Chuimrigh. Agus coltach ri Cymru – an t-ainm ann an Cuimris airson na dùthcha sin. Coltach cuideachd ri Cumbria ann an Sasainn. Anns a h-uile àite a tha a’ giùlain ainm mar sin, bha luchd-labhairt na Cuimris, no Seann Bhreatannais, a’ fuireach ann uaireigin.
’S e Kumreyjar a chanadh na Lochlannaich ris na Cumaraidhean ann an Linne Chluaidh. Thàinig na Lochlannaich aig deireadh an ochdamh linn. Feumaidh gun do mhothaich iad gun robh muinntir Chumaraidh fhathast a’ bruidhinn Seann Bhreatannais, agus nach robh sin na àbhaist tuilleadh anns an sgìre sin. Tha e coltach gun robh Gàidhlig aig muinntir Bhòid is Arainn.
Chaidh mi fhìn ’s mo mhàthair air an rathad gu àite-seallaidh faisg air mullach a’ chnuic as àirde anns an eilean. Abair sealladh. Tìr-mòr anns an àird an ear, agus Bòd, Arainn agus Cinn Tìre anns an àird an iar. Bha Bòd a’ coimhead brèagha. Cha robh e a’ coimhead coltach idir ri àite anns an robh olc!
Faclan na Litreach: Linne Chluaidh: The Firth of Clyde; Bòd, Eilean Bhòid: Isle of Bute; Comhghall: Cowal; (an) Cumaradh Mòr: Great Cumbrae; (an) Cumaradh Beag: Little Cumbrae; Arainn: Arran; Cinn Tìre: Kintyre.
Abairtean na Litreach: cha bhiodh na Bòdaich no Cumaraich toilichte: the people of Bute and Cumbrae wouldn’t be pleased; tha fhios nach eil sin fìor an-diugh, ma bha riamh: of course, that’s not true today, if it ever was; mu choinneimh na Leargaidh Ghallta: opposite Largs; thug mi mo mhàthair, agus i còrr is ochdad bliadhna a dh’aois: I took my mother when she was more than eighty years of age; gu ruige Port a’ Mhuilinn: to Millport; mu làithean-saora samhraidh an sin na h-òige: about summer holidays there in her youth; bha e math uiread de dhaoine fhaicinn, agus iad air baidhsagalan: it was great to see so many people on bicycles; seach ann an carbadan-ola: rather than in motor vehicles; baile-fearainn air an robh Creag nan Gobhar: a farm called Craigengour; chan urrainn dhomh a ràdh le cinnt nach eil ainmean Lochlannach ann: I can’t say with certainty that there aren’t Scandinavian names there; a’ coiseachd na slighe sin, uaireannan a’ giùlain màileid mhòr agus poca làn bìdh: walking that route, sometimes carrying a large case and and a bag full of food; an t-ainm ann an Cuimris airson na dùthcha sin: the name in Welsh for that country; feumaidh gun do mhothaich iad: they must have noticed; gun robh muinntir Chumaraidh fhathast a’ bruidhinn Seann Bhreatannais: that the people of Cumbrae were still speaking the Old British language; nach robh sin na àbhaist tuilleadh: that was no longer the norm; àite-seallaidh faisg air mullach a’ chnuic as àirde: a viewpoint close to the top of the highest hill; an àird an iar: the west.
Puing-chànain na Litreach: Chan ann am Bòid uile a tha an t-olc:It’s not in Bute that all the evil is. I’m intrigued by a linguistic point here. Although we generally give Bòdas the Gaelic for Bute, it appears here as Bòid in the dative case. Is this an inflection (slenderisation) of Bòd because it is being treated as a feminine word or did the slenderised form Bòidbecome an alternative nominative form, influenced by the genitive inflection Bhòid (as in Eilean Bhòid)? If you have any thoughts on that, I’d be pleased to hear from you. We’ll look at the possible meanings of Bòd/Bute , and at some terrific recent scholarship on the island’s place-names, in next week’s Litir.
Gnàthas-cainnt na Litreach: sa Chumaradh Bheag làimh ris: in Little Cumbrae nearby.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 410
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn