ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

901: Uilleam Elphinstone, Easbaig Obar Dheathain (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Thairis air a’ cheala-deug a dh’fhalbh, bha mi a’ bruidhinn mu Uilleam Elphinstone, Easbaig Obar Dheathain. Bu mhath leam aon rud eile a ràdh mu dheidhinn. Thug an Rìgh, Seumas IV, cead do dhithis ann an Dùn Èideann uidheam clò-bhualaidh a bhith aca. B’ iadsan Bhaltair Chepman agus Anndra Myllar. Dh’iarr an Rìgh orra laghan na h-Alba is achdan na pàrlamaid fhoillseachadh agus aon rud cudromach eile – cunntas de ‘na h-uirsgeulan co-cheangailte ri naoimh na h-Alba’.

ʼS ann air Uilleam Elphinstone a bha an t-uallach airson am fiosrachadh a chur ri chèile mu na naoimh. ʼS e obair mhòr a bh’ ann. Chan ann a-mhàin air na h-uirsgeulan a bha aire an easbaig, ach air fiosrachadh eile air na naoimh – an làithean fèille, ùrnaighean is laoidhean dhaibh is mar sin air adhart. ʼS e na dh’èirich às a’ phròiseact leabhar uabhasach prìseil. Bha e air fhoillseachadh ann an Dùn Èideann. Ach, leis gur e Easbaig Obar Dheathain a chuir ri chèile e, ʼs e Breviarium Aberdonense – The Aberdeen Breviary – a th’ air an leabhar mar thiotal. Tha e sgrìobhte ann an Laideann nam meadhan-aoisean.

Tha na cunntasan mu na naoimh anns a’ Bhreviarium gu math inntinneach. Bu mhath leam criomagan dhiubh a thoirt dhuibh. Mar eisimpleir, tha Fèill Chentigearna, naomh boireann a tha co-cheangailte ri Loch Laomainn, air an t-seachdamh latha dhen Fhaoilleach. Bha mac aig Centigearna a tha cuideachd ainmeil mar naomh – Faolan.

Bha Faolan air a bhreith le clach na bheul. Air sgàth sin, dh’òrdaich athair, fear Fearadach, gum biodh a mhac air a thilgeil do loch airson a bhàthadh. Nuair a chuala Centigearna an naidheachd, rinn i ùrnaigh do Dhia airson Faolan a shàbhaladh.

Airson bliadhna, bha Faolan fo chùram ainglean Dhè. An uair sin, bha easbaig, fear Ibar, air an rathad a thadhal air Centigearna. Chunnaic e Faolan beò fon uisge. Cha robh a’ chlach na bheul tuilleadh. Thug e Faolan do a mhàthair agus chaidh an gille a bhaisteadh mar Chrìosdaidh.

Tha an cunntas cuideachd ag innse dhuinn mu Innis Cailleach air Loch Laomainn. Tha an t-eilean co-cheangailte, ann am beul-aithris, ri cailleachan dubha a bhuineadh do Chentigearna, agus a bha a’ fuireach air an eilean còmhla rithe. Ach ʼs dòcha nach robh na mnathan-cràbhaidh ann aig an aon àm ri Centigearna. Tha an cunntas ag innse dhuinn gun robh ise a’ fuireach ann an Innis Cailleach leatha fhèin mar aonaran. Chaochail i agus chaidh i gu Nèamh air an t-seachdamh latha dhen Fhaoilleach.

Tha dà sgeul iongantach mu mhìorbhailean a rinn Faolan anns a’ Bhreviarium. Bha e a’ fuireach ann am manachainn agus ag obair ann an cealla a thog e fhèin. Chunnaic sgalag e tro bhriseadh beag anns a’ bhalla. Bha Faolan a’ sgrìobhadh anns an dorchadas. Bha solas a’ tighinn bho a làimh chlì fhad ʼs a bha e a’ sgrìobhadh le a làimh dheis. Dh’aithris an sgalag an rud iongantach seo do na manaich.

Bha Faolan feargach nach robh a’ chùis dìomhair tuilleadh. Dh’iarr e air corra-mhonaidh a bha na peata aig na manaich sùilean a’ bhalaich a chur às. Ach ghabh e aithreachas agus chuir e sùilean a’ bhalaich air ais mar a bha iad aig an toiseach. Tha a’ mhìorbhail eile a rinn Faolan nas iongantaiche buileach. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Easbaig Obar Dheathain: The Bishop of Aberdeen; Loch Laomainn: Loch Lomond; Innis Cailleach: Inchcailloch; aonaran: hermit.

Abairtean na Litreach: Thairis air a’ cheala-deug a dh’fhalbh: over the last fortnight; thug an Rìgh cead do dhithis ann an Dùn Èideann uidheam clò-bhualaidh a bhith aca: The King gave two people in Edinburgh permission to have a printing press; dh’iarr an Rìgh orra achdan na pàrlamaid fhoillseachadh: the King asked them publish acts of parliament; na h-uirsgeulan co-cheangailte ri naoimh na h-Alba: the legends connected to the Scottish saints; ʼs ann air X a bha an t-uallach: the responsibility was X’s; an làithean fèille, ùrnaighean is laoidhean dhaibh: their feast days, prayers and hymns to them; ʼs e na dh’èirich às a’ phròiseact leabhar uabhasach prìseil: what came from the project was an extremely valuable book; sgrìobhte ann an Laideann nam meadhan-aoisean: written in medieval Latin; air an t-seachdamh latha dhen Fhaoilleach: on the 7th of January; bha Faolan air a bhreith le clach na bheul: Fillan was born with a stone in his mouth; air a thilgeil do loch airson a bhàthadh: thrown into a loch to drown him; rinn i ùrnaigh do Dhia airson Faolan a shàbhaladh: she prayed to God to save Fillan; fo chùram ainglean Dhè: under the care of angels of God; chaidh an gille a bhaisteadh mar Chrìosdaidh: the boy was baptised a Christian; dà sgeul iongantach mu mhìorbhailean: two amazing stories about miracles; chunnaic sgalag e tro bhriseadh beag anns a’ bhalla: a servant saw him through a crack in the wall; bha solas a’ tighinn bho a làimh chlì:there was a light coming from his left hand; dh’iarr e air corra-mhonaidh a bha na peata aig na manaich sùilean a’ bhalaich a chur às: he asked a crane who was a pet of the monks to put the boy’s eyes out; ghabh e aithreachas: he regretted it.

Puing-chànain na Litreach: ʼs dòcha nach robh na mnathan-cràbhaidh ann aig an aon àm ri Centigearna:perhaps the nuns weren’t there at the same time as Kentigerna. The old expression for ‘nun’ – cailleach-dhubh ‘black cowled one’– which gives the name of the island on Loch Lomond where a nunnery reputedly existed (Innis Cailleach, the old Gaelic for ‘Island of Nuns’). But in modern Gaelic it is seen as more appropriate to use the term ‘bean-chràbhaidh ’ meaning ‘devout woman’, as cailleach might be considered mildly pejorative or inappropriate for a religious woman.

Gnàthas-cainnt na Litreach: is mar sin air adhart : and so on [and so forth].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 597

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean