ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

889: Adhamh MacFhearghais

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

‘Tha an cinne daonna, nuair a tha e a’ fàs meathach, agus a’ dol a dholaidh – agus nuair a tha e a’ dol am feabhas agus a’ buannachd cho math, a’ gluasad air adhart le ceumannan beaga nach gabh tomhas. Nuair a tha e smiorail, tha e a’ ruigsinn ìre de mhòrachd ris nach biodh eadhon an duine a bu ghlice an dùil ro làimh. Aig amannan de shocrachadh is laigse, bidh e a’ fulang olc a bhathar a’ smaoineachadh a bha air a sguabadh air falbh le soirbheachas agus beartas.’

Chan e mi fhìn a chruthaich na smuaintean sin. Rinn mi eadar-theangachadh – car libearalach – dheth bhon Bheurla. Ach bha Gàidhlig aig an fhear a chruthaich e. Duine ainmeil a bh’ ann. Agus tha ceann-bliadhna aige am-bliadhna. Cò th’ ann? Innsidh mi dhuibh ann an tiotan.

Chuir mi crìoch air an Litir an t-seachdain sa chaidh leis an t-seanfhacal cha mhiste sgeul math aithris dà uair. Tha an seanfhacal a cheart cho freagarrach an t-seachdain seo oir tha mi a’ tilleadh gu bhith a’ bruidhinn mu fhear air an do rinn mi iomradh ann an Litrichean dà cheud (200) agus dà cheud ’s a h-aon (201). B’ esan am feallsanaiche agus eachdraiche Adhamh MacFhearghais, a bha mar phàirt de Shoillseachadh na h-Alba – The Scottish Enlightenment. Thathar ga aithneachadh mar ‘Athair an Eòlais Shòisealta’.

Rugadh MacFhearghais ann an seachd ceud deug, fichead ’s a trì (1723) ann an Lag an Ràith ann an Siorrachd Pheairt.Bha Gàidhlig aige bhon ghlùin. Chaidh e a dh’Oilthigh Chill Rìmhinn. Bha e na leabharlannaiche do Roinn an Luchd-tagraidh, no Faculty of Advocates, ann an Dùn Èideann. Bha e na fhear-teagaisg prìobhaideach do mhic uaislean. Agus bha e na Phroifeasair de Fheallsanachd Nàdarrach agus cuideachd Feallsanachd Mhoralta aig Oilthigh Dhùn Èideann.

Agus dè an ceann-bliadhna a th’ aige am-bliadhna? Uill, chaochail e ann an ochd ceud deug is sia-deug (1816), dà cheud bliadhna air ais.

Bha MacFhearghais ainmeil ri a linn. Bha e na charaid aig Daibhidh Hume agus Adhamh Mac a’ Ghobhainn. Bha e eòlach air Voltaire. Sgrìobh e an earrann air ‘Eachdraidh’ anns an dàrna eagran de Encyclopaedia Britannica. Bha e na bhall de choimisean aig Riaghaltas Bhreatainn a dh’fheuch ri rèite a dhèanamh leis na reubaltaich ann an Ameireagaidh aig àm Cogadh na Neo-eisimeileachd. Agus ’s ann san dachaigh aige fhèin a thachair Bhaltair Scott agus Raibeart Burns ri chèile – an aon turas a thachair iad ri chèile fhad ’s as aithne dhuinn.

Am measg nan rudan a sgrìobh e, bha aiste – An Essay on the History of Civil Society. Tha e furasta a lorg air an eadar-lìon. ’S ann às an aiste sin a thàinig an earrann a thug mi dhuibh aig toiseach na Litreach.

Bha MacFhearghais na Chrìosdaidh – agus na Chlèireach. Bha e a’ creidsinn ann an adhartas a’ chinne-daonna gu ruige foirfeachd – air a phiobrachadh le fèin-bhuannachd gach duine. Ach bha e dhen bheachd – leis gun tug Dia saor-thoil do mhac an duine – gum biodh amannan ann nuair a tha comann mhic an duine a’ dol an deireadh – mar a thachair le bàs Ìmpireachd na Ròimhe. B’ fheàrr leam gun robh e fhathast còmhla rinn an-diugh, agus cothrom aige a bheachdan a chur an cèill air Radio nan Gàidheal!

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Adhamh MacFhearghais: Adam Ferguson; Lag an Ràith: Logierait; leabharlannaiche: librarian; chaochail e: he died; Adhamh Mac a’ Ghobhainn: Adam Smith; eagran: edition; Cogadh na Neo-eisimeileachd: The War of Independence.

Abairtean na Litreach: an cinne daonna, nuair a tha e a’ fàs meathach: mankind, when it degenerates; agus a’ dol a dholaidh: and tends to ruin; agus nuair a tha e a’ dol am feabhas agus a’ buannachd cho math: as well as when it improves and gains advantages ; le ceumannan beaga nach gabh tomhas: by slow and almost insensible steps; nuair a tha e smiorail, tha e a’ ruigsinn ìre de mhòrachd ris nach biodh eadhon an duine a bu ghlice an dùil ro làimh: when it is full of vigour, it reaches a greatness which no human wisdom could foresee; aig amannan de shocrachadh is laigse:at times of relaxation and weakness; bidh e a’ fulang olc: they incur evils; a bha air a sguabadh air falbh le soirbheachas agus beartas: which had been removed by success and prosperity; cha mhiste sgeul math aithris dà uair: it doesn’t harm to tell a good story twice; air an do rinn mi iomradh: whom I mentioned; thathar ga aithneachadh mar ‘Athair an Eòlais Shòisealta’:he is recognised as ‘The Father of Sociology’; Proifeasair de Fheallsanachd Nàdarrach agus cuideachd Feallsanachd Mhoralta:Professor of Natural Philosophy and also Moral Philosophy; bha X na Chrìosdaidh – agus na Chlèireach:X was a Christian – and a Presbyterian; a’ creidsinn ann an adhartas a’ chinne-daonna gu ruige foirfeachd: believing in human advancement towards perfection; air a phiobrachadh le fèin-bhuannachd gach duine: driven by person self-interest; leis gun tug Dia saor-thoil do mhac an duine: since God granted Man free will; nuair a tha comann mhic an duine a’ dol an deireadh: when human society goes backwards; bàs Ìmpireachd na Ròimhe: the collapse of the Roman Empire; a bheachdan a chur an cèill: to express his opinions.

Puing-chànain na Litreach: Bha Gàidhlig aige bhon ghlùin: he was a native speaker of Gaelic [literally ‘he had it from the knee’]. Are there any other ways in which we might say ‘he was a native speaker’? Here are examples: Bha Gàidhlig aige bho dhùthchas; bha Gàidhlig aige mar chiad/phrìomh chànan; b’ i a’ Ghàidhlig cainnt a mhàthar; ’s e labhraiche dùthchasach na Gàidhlig a th’ ann.

Gnàthas-cainnt na Litreach: an aon turas a thachair iad ri chèile fhad ’s as aithne dhuinn: the one time they met each other, as far as we know.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 585

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean