ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

876: Bliadhna nan Caorach (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Bliadhna nan Caorach. Cuin a bha sin, nise? Uill, a’ bhliadhna nuair a nochd a’ chaora mhòr air a’ Ghàidhealtachd. Agus bliadhna nuair a rinn feadhainn strì an aghaidh nam fuadaichean a bh’ air tòiseachadh. Bliadhna nan Caorach – seachd ceud deug, naochad ’s a dhà (1792).

Faisg air Alanais ann an Siorrachd Rois, tha gleann brèagha air a bheil Gleann Mhuire. Tha e a’ faighinn ainm bho sheann chille air a bheil Cille Mhuire. Tha i na tobhta. Tha i ri taobh loch air a bheil Loch Mhuire. Agus ’s e Frìth Chille Mhuire a chanar ris a’ mhonadh faisg air làimh – no ann am Beurla Kildermorie Forest.

Uaireigin bha sluagh cuimseach mòr a’ fuireach anns an sgìre. Ach chaidh am fuadachadh timcheall air seachd ceud deug is naochad (1790). B’ e an t-uachdaran Sir Eachann Rothach à Taigh an Fhuamhair. Bha Gàidhlig aige ach bu choma leis suidheachadh nan daoine àbhaisteach. Thug e còraichean air an fhearann do dhithis bhràithrean à Loch Abar – Ailean agus Alasdair Camshron – a thug caoraich a-steach.

Dìreach gu tuath air Gleann Mhuire, tha Srath Rùsdail. ’S e crodh a bh’ aig muinntir Shrath Rùsdail aig an àm. Ach bhiodh an crodh a’ dol thairis air crìochan na h-oighreachd gu Frìth Chille Mhuire. Nuair a thachradh sin, bhiodh na Camshronaich gan trusadh is gan cumail ann an crò. Dh’fheumadh muinntir Shrath Rùsdail airgead a thoirt seachad airson an crodh fhaighinn air ais.

Dh’fhàs iad sgìth dhen t-suidheachadh agus thàinig gnothaichean gu ceann anns a’ Chèitean ann am Bliadhna nan Caorach. Bha an crodh ann an crò ann an Gleann Mhuire ach chuir na daoine romhpa an saoradh gun sgillinn ruadh a phàigheadh. Chuir iad fios gu muinntir Àird Rois a bha a’ buain na mònach an latha sin. Thàinig iad agus còmhla shaoraich iad fhèin agus muinntir Shrath Rùsdail an crodh. Bha beagan de chòmhstri ann ach cha deach cron mòr a dhèanamh air duine sam bith.

Thug na Camshronaich a’ chùis gu cùirt ann an Inbhir Nis. Bha ochdnar fo chasaid de dh’aimhreit is dochann. Ach fhuair an diùraidh neoichiontach iad.

Bha na bu mhiosa a’ tighinn, ge-tà. Air an t-seachdamh latha fichead dhen Iuchar bha muinntir Shrath Rùsdail aig banais. Thòisich na fir air còmhradh ri chèile mu na caoraich a bha a’ gabhail thairis na dùthcha. Chuir iad romhpa na caoraich gu lèir ann an siorrachdan Rois is Chataibh iomain a-mach agus thairis air Abhainn Fharair – crìoch Siorrachd Inbhir Nis. Chaidh an naidheachd a sgaoileadh ann an eaglaisean is taighean-òsta. An Dimàirt an dèidh sin thàinig dà cheud duine cruinn còmhla ann an Srath Òiceall.

Chaidh iad gu ceann a-mach sgìre na Luirge agus dh’iomain iad a h-uile caora a lorg iad ach a-mhàin treud le Siorram Rois, Dòmhnall MacLeòid. Ràinig iad Na Bothachan, sear air Gleann Mhuire, Disathairne, ach ’s ann an uair sin a thàinig an t-ar-a-mach gu ceann. Madainn na Sàbaid nochd an siorram. Bha buidheann de shaighdearan à Gearasdan Deòrsa na chois.

Sgap luchd na h-aimhreit ach fhuair na saighdearan grèim air feadhainn dhiubh, agus bha iad air an cur gu Taigh an Fhuamhair mar phrìosanaich. Cha robh a’ chùis seachad, ge-tà. Cha b’ fhada gus am biodh na meadhanan a-mach air ‘sedition’, ‘insurgents’ agus ‘unjustifiable violence’. Tillidh sinn gu Bliadhna nan Caorach anns an ath Litir.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Bliadhna nan Caorach: The Year of the Sheep; a’ chaora mhòr: the Cheviot (sheep); Alanais: Alness; Loch Mhuire: Loch Morie; Frìth Chille Mhuire: Kildermorie (Deer) Forest; Taigh an Fhuamhair: Novar; Srath Rùsdail: Strath Rusdale; banais: wedding; Srath Òiceall: Strath Oykell; Na Bothachan: Boath.

Abairtean na Litreach: nuair a rinn feadhainn strì an aghaidh nam fuadaichean a bh’ air tòiseachadh: when some people struggled against the clearances that had begun; thug e còraichean air an fhearann do dhithis bhràithrean à Loch Abar: he gave rights over the land to two brothers from Lochaber; bhiodh an crodh a’ dol thairis air crìochan na h-oighreachd: the cattle would cross the estate boundaries; gan trusadh is gan cumail ann an crò:gathering them and keeping them in a pen; chuir na daoine romhpa an saoradh gun sgillinn ruadh a phàigheadh:the people decided to free them without paying a penny; bha beagan de chòmhstri ann ach cha deach cron mòr a dhèanamh air duine sam bith:there was a bit of a tussle but nobody was badly hurt; bha ochdnar fo chasaid de dh’aimhreit is dochann: eight people were charged with riot and assault; bha na bu mhiosa a’ tighinn, ge-tà: worse was to come [was coming], however; na caoraich gu lèir ann an siorrachdan Rois is Chataibh iomain a-mach agus thairis air Abhainn Fharair:to drive all the sheep in the counties of Ross and Sutherland out and across the Beauly River; gu ceann a-mach sgìre na Luirge: to the farthest extent of Lairg parish; ach a-mhàin treud le Siorram Rois: except for a flock belong to the Sheriff of Ross; bha buidheann de shaighdearan à Gearasdan Deòrsa na chois: he was accompanied by a group of soldiers from Fort George; sgap luchd na h-aimhreit: the rioters dispersed; cha b’ fhada gus am biodh na meadhanan a-mach air: it wasn’t long until the media were talking about.

Puing-chànain na Litreach: bu choma leis suidheachadh nan daoine àbhaisteach: he was indifferent to the circumstances of the ordinary people. We often use coma with the assertive verb ‘is’ and the preposition ‘le’, as in the old saying ‘Is coma leis an Rìgh Eòghann, ach ’s coma le Eòghann co-dhiù’ – the King is indifferent about Ewan but Ewan couldn’t care less. In the past tense, we use ‘bu’ for ‘is’. Bu choma leatha gu robh iad ann an èiginn ‘she was indifferent to their being in distress’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Uaireigin bha sluagh cuimseach mòr a’ fuireach anns an sgìre: at one time a reasonably large population was living in the area.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 572

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean