143: Iomain agus golf
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Iomain agus golf
Halo a-rithist. Tha mi a-mach an-diugh air spòrs. An urrainn dhuibh ainm a chur ri trì dhiubh a bhuineas, bho thùs, do dh’Alba? Uill, ’s dòcha gum bi sin nas fhasa fhreagairt an-dràsta leis gu bheil fear aca air aire dhaoine gu mòr. Tha mi a’ bruidhinn air curladh. ’S iad an fheadhainn eile a bhuineas do dh’Alba – iomain agus golf.
Bidh fios agaibh, tha mi cinnteach, gur e sgioba de bhoireannaich Albannach a bhuannaich bonn òir a’ churlaidh do Bhreatainn aig na Geamannan Oilimpigeach o chionn ghoirid. Tha e coltach gu robh mòran ann an Sasainn gu tur aineolach mun gheam ach chan ionann sin ann an Alba, far an deach a chruthachadh o chionn ceudan bhliadhnaichean.
Co-dhiù ’s ann ann an Alba a chaidh a’ chiad aithris a dhèanamh ann an sgrìobhadh – co-cheangailte ri Abaid Phàislig ann an còig deug, ceathrad ’s a h-aon (1541). Ach tha feadhainn ag ràdh gur dòcha gun do thòisich e anns an Òlaind no ann am Flànras, oir rinn am fear-deilbh, Pieter Bruegel, dà dhealbh ann an còig ceud, seasgad ’s a còig (1565) de dhaoine a’ cluich le clachan air deigh. Agus tha e a’ coimhead coltach gur ann à Fleamais a thàinig am facal Beurla “bonspiel” a tha a’ ciallachadh “geama curlaidh”.
Ach an e curladh a tha anns na dealbhan? Tha cuid dhen bheachd gur e gèam eile a th’ ann – fear a thòisich ann am Baibhèiria agus an Ostair – ris an canar “eischiessen”, anns a bheil maide a’ stobadh gu dìreach a-mach às a’ chloich. Co-dhiù, ge bith cò thòisich curladh, ’s iad na h-Albannaich a thug cruth agus spionnadh dha. Agus tha mòran dhen bheachd gu bheil e iomchaidh gu bheil am bonn òir aig Geamannan Oilimpigeach a’ Gheamhraidh air tighinn “dhachaigh”.
Leudaich an spòrs aig àm nuair a bha na geamhraidhean na b’ fhuaire na tha iad an-diugh, agus nuair a bha e fada na b’ fhasa do dhaoine loch reòite a lorg. ’S ann anns na sgìrean dùthchail a bu mhò a bhiodh daoine a’ cluich curladh agus, ann an aimsir reòite aig an àm sin, cha robh mòran eile a b’ urrainn dhaibh dhèanamh ach cumail blàth ann an dòigh air choreigin! Gu h-iongantach, bha iad cho measail air an spòrs ann an cuid de dh’àiteachan ’s gum biodh iad a’ falbh a-mach a chluich air an oidhche, agus a’ cleachdadh lòchrain, no lampaichean no, uaireannan, solas lòchran nam bochd. ’S e sin a’ ghealach.
Ma ’s e Alba a thug curladh don t-saoghal, agus tha e a-nise air a chluich ann an co-dhiù fichead dùthaich eadar an t-Suain agus New Zealand, ’s iad na Cainèidianaich as mò a dh’fhàs measail air. Tha suas ri millean duine ri curladh ann an Canada, barrachd na triùir às gach ceathrar a chluicheas an gèam air feadh an t-saoghail. Chuir Alba sgioba a dh’ionnsaigh Chanada agus nan Stàitean Aonaichte ann an naoi deug ’s a dhà (1902) airson a’ chiad turais, agus mhothaich iad gu robh na Cainèidianaich is Aimeireaganaich math math air a’ gheam. Agus thachair rud ùr dhaibh, oir b’ e sin a’ chiad turas a bha gin dhen sgioba Albannach air curladh a chluich fo chabair.
Tha gnothaichean air atharrachadh ann an Alba bhon uairsin agus, ged nach eil uiread de chluicheadairean anns an dùthaich seo ’s a th’ ann an Canada, agus ged nach eil na goireasan trèanaidh againn cho math nas mò, sheall na boireannaich Albannach gu robh iad fhathast comasach air sgioba a chur ri chèile a dhèanadh a’ chùis anns an fharpais as mò air an t-saoghal.
Faclan na Litreach: iomain: shinty; gu tur aineolach: entirely ignorant; Abaid Phàislig: Paisley Abbey; Flanndrais: Flanders; Baibhèiria: Bavaria; an Ostair: Austria; iomchaidh: fitting, proper.
Abairtean na Litreach: tha mi a-mach an-diugh air spòrs: I am on about sports today; leis gu bheil fear aca air aire dhaoine:because one of them is in people’s minds; bonn òir a’ churlaidh: the curling gold medal; far an deach a chruthachadh:where it was created, invented; anns a bheil maide a’ stobadh gu dìreach a-mach às a’ chloich:in which a stick sticks directly out of the stone; ’s iad na h-Albannaich a thug cruth is spionnadh dha:it’s the Scots that gave it form and vigour; nuair a bha e na b’ fhasa do dhaoine loch reòite a lorg:when it was easier for people to find a frozen loch; ’s ann anns na sgìrean dùthchail a bu mhò a bhiodh daoine a’ cluich curladh:it is mostly in country areas that people would play curling; barrachd na triùir às gach ceathrar a chluicheas an gèam air feadh an t-saoghail:more than three out of every four that plays the game around the world; gu robh X math math air a’ gheam: that X was very good at the game; b’ e sin a’ chiad turas a bha gin dhen sgioba Albannach air curladh a chluich fo chabair:that was the first time that any of the Scottish team had played curling indoors; a dhèanadh a’ chùis anns an fharpais as mò air an t-saoghal: that could win the biggest competition in the world.
Puing-ghràmair na Litreach: ged nach eil goireasan trèanaidh againn cho math nas mò: though we don’t have such good training facilities either. Nas mò (alternatively nas motha) is one way of expressing “either” in Gaelic but there are others as well. A bharrachd is another way which can be employed in similar circumstances, eg chan fhaigh thu lorg air ann a seo a bharrachd(you won’t find him here either). An dàrna cuid (an dara cuid) is also used eg buannachaidh an dàrna cuid, Rangers no Celtic, an Cupa(either Rangers or Celtic will win the Cup). And another useful phrase is fear seach fear (or tè seach tè for feminine objects) eg bidh fear seach fear dhiubh ann a’ feitheamh riut, ach chan eil fhios agam cò (either one or the other of them will be there, waiting for you, but I do not know which). Trying making up a few sentences in English with “either” in them and see how you might best translate them into Gaelic.
Gnàthas-cainnt na Litreach: a’ cleachdadh solas lòchran nam bochd: using the light of the lantern of the poor people, ie the light of the moon (for which you don’t need to pay).
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn