Bha am Buidseach Glas an tòir air Fionn agus Gràinne nuair a ràinig iad an
    Abhainn Dearg. Air an taobh thall bha Gleann Eilg agus sàbhailteachd. Bha
    sruth agus leud na h-aibhne ro mhòr eadhon airson Fionn, a bha math air
    snàmh. Cha robh fios aca dè dhèanadh iad oir cha robh fiodh sam bith ann
    airson bàta a thogail. Ach bha leug dhearg aig Gràinne na falt. Nan
    toireadh Gràinne an leug a-mach, gheibheadh i aon rùn agus bhiodh an
    draoidheachd air a caitheamh.
    Ghabh Gràinne grèim air an lèig na làimh agus dh’iarr i oirre bàta a
    dhèanamh dhaibh gus am faigheadh i fhèin is Fionn a-null. Nochd bàta air am
    beulaibh agus dh’fhalbh Gràinne is Fionn innte. Mun àm a ràinig am
    Buidseach Glas an abhainn bha an cupall ro fhada a-mach.
    Thill Fionn is Gràinne a Ghleann Eilg a dh’fhuireach
    . Bha iad an dùil leanabh a bhith aca agus bha iad gu math sona. Goirid ro
    latha a bhreith, chaidh iarraidh air Fionn a dhol a thoirt taic do Chlann
    Mòrna, a bh’ ann an cunnart. Chan ann le deòin Gràinne a dh’fhalbh e, ach
    bha e air gealltanas a thoirt do Chlann Mòrna gun toireadh e taic dhaibh
nam biodh iad ann an cunnart. Agus    cha robh Fionn Mac Cumhail a’ dol a dh’àicheadh a bhòidean
    .
    Cha robh e air falbh ach trì latha. Ach, tron ùine sin, nochd am Buidseach
    Glas a-rithist agus thug e Gràinne air falbh an aghaidh a toil. Nuair a
    thill Fionn bha Gràinne air falbh. Chuir Fionn a chorrag fo a dheud-fios
    agus fhuair e a-mach gun deach cruth-atharrachadh a dhèanamh air Gràinne.
    Bha i a-nise a’ ruith nan coilltean ann an Gleann Afraig ann an cruth èilde
    – fiadh boireann. Agus cha robh i ruadh no donn. Bha i bàn.
    Chaidh dusan bliadhna seachad agus, latha a bha seo, bha iad a’ sealg faisg
    air doire nuair a dh’fhàs Bran, cù Fhinn, fiadhaich. Cha leigeadh e le cù
    no duine, ach a-mhàin Fionn, a dhol a-steach am measg nan craobh.
    Nuair a chaidh Fionn ann, lorg e gille mu dhusan bliadhn’ a dh’aois. Cha
    robh cànan sam bith aige ach cànan nam fiadh. Ann am meadhan a bhathais,
    bha dos de ghaoisidean fèidh far an robh a mhàthair air imlich. Thuig Fionn
    gum b’ e seo a mhac – agus chuir e an t-ainm Oisean air, a’ ciallachadh
    ‘fiadh beag’.
    Ged a dh’ionnsaich Oisean cànan nan daoine – cànan nan Gàidheal, gu dearbh
    – cha do dhìochuimhnich e gun do thogadh e am measg nam fiadh. Turas a bha
    seo, bha e air Eilean Fladaigh agus bha a chompanaich ag ithe sitheann. Cha
    robh Oisean deònach an fheòil ithe. ‘Nach ith thu an fheòil?’ thuirt iad.
    ‘An itheadh sibhse calpa ur màthar?’ dh’fhaighnich Oisean dhiubh.
    Nuair a chaochail Gràinne, leig am Buidseach Glas le Oisean dhol gu Tìr an
    Dorchadais airson dust a mhàthar a thoirt dhachaigh. Bha i a-nise ann an
    cruth caillich. Thog na Fianna àite-tiodhlacaidh dhi air mullach beinne
    faisg air Gleann Eilg, air taobh an Eilein Sgitheanaich dhen chaolas. ʼS e
    Beinn na Caillich a chanas sinn ris a’ bheinn sin chun an latha an-diugh.
    Tha i ainmichte airson Gràinne.