ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

809: Luchag nam Fiaclan

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Is geur fiacail à fraoch . An cuala sibh an seanfhacal sin riamh? Is geur fiacail à fraoch. Tha e a’ ciallachadh gum bi an t-acras air duine às dèidh dha a bhith latha sa mhonadh– no air an fhraoch. Tha fhiaclan geur, agus cha mhair am biadh fada air an truinnsear. Tha e fìor, nach eil?

Tha m’ inntinn air fiaclan an-dràsta. Agus air na fiaclan a th’ aig daoine nuair a tha iad òg, agus a chailleas iad òg. Dè rinn sibh fhèin nuair a bha sibh òg, agus sibh a’ call fiacail?. Ann an cuid de dhùthchannan, bidh pàrantan ag innse do chloinn gu bheil sìthiche nam fiaclan ann. Agus ma chuireas am pàiste an t-seann fhiacail fo chluasag, no ann an gloinne uisge, thig an sìthiche air an oidhche. Anns a’ mhadainn, cha bhi sgeul air an fhiacail ach bidh bonn airgid ann na h-àite.

Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mu chleachdadh traidiseanta ann an saoghal nan Gàidheal. Bhiodh a’ chlann a’ creidsinn gur e luch a thigeadh, an àite sìthiche. Bhiodh am pàiste a’ cur na fiacail ann am fròg ann am balla an taighe. An ceann greis, thigeadh an luch agus chuireadh i fiacail òirghil’ no fiacail airgid’ na h-àite. Bhiodh an leanabh a’ coimhead anns an fhròig grunn tursan tron latha airson faicinn an robh an luch air a bhith ann. Seo rann a chanadh a’ chlann:

A luchag, a luchag, a luchag bheag bhàidh,

A luchag, a luchag, a luchag bheag ghràidh,

Thoir thusa dhòmhsa fiacail bheag òirghil,

Thoir thusa dhòmhsa fiacail bheag airgid.

Is bheir mise dhutsa

Na chòmhnadh, na dhàil,

Fiacail bheag bhòidheach, bhàn,

Fiacail bheag ògain chual chnàmh,

Fiacail bheag òighe chual chnàmh,

Fiacail bheag òigridh luath-ghàir.

A bheil clann agaibh fhèin? Carson nach ionnsaich sibh a’ chiad rann dhaibh? Agus, ma nochdas bonn òirghil no airgid an àite fiacail òirghil no airgid, bhiodh sin math gu leòr, nach bitheadh?

Leis gu bheil mi a-mach air luchan, seo agaibh seanfhaclan co-cheangailte ris an luch no luchaig. Tha iad a-mach air cho beag, meanbh ’s a tha i. Is làidir luchag fo chruach fheòir. Tha fear eile car coltach ri sin, far a bheil an luch ladarna, seach làidir, ged a dh’fheumas tu a bhith làidir airson a bhith ladarna, chanainn! Is ladarna luch fo a cruaich fhèin.

Agus tha samhla Gàidhlig a tha car coltach ri samhla ann am Beurla. Bha i cho sàmhach ri luch eaglais. She was as quiet as a church mouse. Bha i cho sàmhach ri luch eaglais. Agus, airson crìoch a chur air an Litir, seo agaibh rann laghach air a bheil An Luchag agus an Cat’:

Thuirt an luchag anns an toll,

Dè d’ fhonn, a chait chruinn ghlais?’

Càirdeas, comann agus gaol,

Faodaidh tusa tighinn a-mach.’

B’ eòlach mi an dubhan crom

B’ àbhaist bhith am bonn do chas,

Mharbh thu mo phiuthar an-dè

’S thàrr mi fhìn air èiginn às!’

Tha an luchag beag ach chan eil i gun toinisg. Mar sin leibh an-dràsta.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: fìor: true; gloinne: glass; òirghil: bright golden; airgid: silver; samhla: simile; toinisg: sense.

Abairtean na Litreach: gum bi an t-acras air duine às dèidh dha a bhith latha sa mhonadh: that a man will be hungry after a day on the hill; cha mhair am biadh fada air an truinnsear: the food doesn’t last long on the plate; agus a chailleas iad òg: which they lose [when they are] young; gu bheil sìthiche nam fiaclan ann: that there is the tooth fairy; ma chuireas am pàiste an t-seann fhiacail fo chluasag: if the child puts the old tooth under a pillow; bidh bonn airgid ann na h-àite: there will be a silver coin in its stead; mu chleachdadh traidiseanta: about a traditional usage; a’ creidsinn gur e luch a thigeadh: believing that it was a mouse that would come; fròg ann am balla an taighe: a chink in the wall of the house; a luchag bheag bhàidh/ghràidh: kindly/beloved little mouse; bheir mise dhutsa:I’ll give you; na chòmhnadh, na dhàil: in its place, in its stead; fiacail bheag ògain/òighe chual chnàmh:little tooth of a boy/girl bound in bone; òigridh luath-ghàir: of rejoicing youngsters; leis gu bheil mi a-mach air luchan:because I’m on about mice; cho beag, meanbh ’s a tha i: how small, tiny they are; dè d’ fhonn, a chait chruinn ghlais?:how are you, fat grey cat?; càirdeas, comann agus gaol: friendship, fellowship and love; faodaidh tusa tighinn a-mach:you may come out; b’ eòlach mi an dubhan crom: I knew the bent hook; b’ àbhaist bhith am bonn do chas: that used to be at the sole of your foot; mharbh thu mo phiuthar an-dè: you killed my sister yesterday; ’s thàrr mi fhìn air èiginn às: I only just escaped.

Puing-chànain na Litreach: Carson nach ionnsaich sibh a’ chiad rann dhaibh?: why don’t you teach them the first verse? You might have been taught that the verb ionnsaich, ionnsachadh means learn, learning’ eg luchd-ionnsachaidh–and that is true. But it can also mean teach, instruct’, often with the preposition do (dha). Dh’ionnsaich e plumaireachd dhaibh he taught them plumbing’.

Seanfhaclan na Litreach Is geur fiacail à fraoch : sharp is a tooth from the heather [see Litir for explanation]; Is làidir luchag fo chruach fheòir: a mouse is strong under a haystack; Is ladarna luch fo a cruaich fhèin: a mouse is impudent under its own (hay)stack.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 505

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean