FaclairDictionary EnglishGàidhlig

945: Cladh Cille Choirill (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Cladh Cille Choirill (1)

Gaelic Gàidhlig

Dè an cladh as brèagha ann an Alba? ʼS e ceist dhoirbh a tha sin, nach e? ʼS iomadh buadh a th’ aig cladh – an t-àite sa bheil e, na seallaidhean, cruth an àite, coltas na h-eaglaise ma bhios eaglais ann – agus na daoine a th’ air an tiodhlacadh ann.

Tha Cladh nam Manach Liath ann an Dùn Èideann gu math snog – agus na thèarmann sìtheil ann an meadhan baile mòr trang. Tha an sàr-bhàrd, Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, air a thiodhlacadh ann. Ma bhios mi faisg air a’ chladh nuair a tha mi ann an Dùn Èideann, bidh mi a’ dol a-steach airson urram a shealltainn do Dhonnchadh agus taing a thoirt dha airson na tlachd a thug a bhàrdachd dhomh.

Bha mi aig tiodhlacadh aig bana-charaid an-uiridh ann an Dùthaich MhicAoidh – air cladach Caolas Thunga, leis a’ chuan air aon taobh agus Beinn Laghail nam mullaichean drùidhteach aig a’ cheann eile. Bha Mairead gu math measail air nàdar agus abair gun robh an t-àite far an deach a cur a laighe àlainn. Cha tèid mi seachad air a’ chladh a-nise gun a bhith a’ cuimhneachadh oirre, agus mo chridhe air a lìonadh le ionndrainn.

Agus chan urrainn dhomh ach Cladh a’ Chlachain air Comraich Ma-ruibhe ainmeachadh – far a bheil mòran de na sinnsirean agam fhìn air an tiodhlacadh. Aig bun nam beann a tha e, faisg air abhainn is cladach, agus seallaidhean àlainn às de Ratharsair agus Cuiltheann an Eilein Sgitheanaich.

Sin trì cladhan a tha a’ tighinn gu m’ aire sa mhionaid, ged a dh’fhaodainn Cladh Hàllain ann an Uibhist a Deas agus Cladh Cille Bharra ann am Barraigh ainmeachadh cuideachd. Bidh ur roghainn fhèin agaibh fhèin, ʼs cinnteach.

O chionn ghoirid, bha mi ann an cladh ùr agus abair gun robh e àlainn. Nuair a chanas mi ‘cladh ùr’, chan eil an cladh fhèin ùr idir – tha e gu math sean. Ach bha e ùr dhòmhsa. Nàire orm nach robh mi ann roimhe oir ʼs iomadh turas a chaidh mi seachad air.

Ach mu dheireadh thall, ghabh mi an cothrom, agus chaidh mi a choimhead air Cladh Cille Choirill ann am Bràigh Loch Abar. Tha e ann an Gleann Spiothain gu tuath air rathad an A86, a tha a’ dol eadar An Lagan agus Drochaid an Aonachain. Agus carson a tha an cladh cho drùidhteach? Uill, tha dà adhbhar ann.

Anns a’ chiad dol a-mach, tha e gu math mòr, timcheall seann eaglaise, agus air leathad os cionn a’ ghlinne. Tha e air a chuairteachadh le beanntan àrda brèagha. Gu deas, tha beanntan nan Coireachan Liatha agus monadh Locha Trèig a’ lìonadh an t-seallaidh. Sin aon adhbhar.

Ach tha adhbhar eile ann. Tha dithis bhàrd gu math ainmeil air an tiodhlacadh ann an Cladh Cille Choirill, co-dhiù a rèir beul-aithris. ʼS e fear dhiubh Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn – sealgair is bàrd a bhuineadh don t-siathamh linn deug agus a sgrìobh an dàn ainmeil – Òran na Comhachaig.

ʼS e am fear eile bàrd nan Dòmhnallach – Iain Lom, bàrd na Ceapaich, a sgrìobh òrain a bha a’ dèanamh luaidh air cinn-chinnidh nan Dòmhnallach, agus dìmeas air cinn-chinnidh nan Caimbeulach.

Ged nach eilear cinnteach cà’ bheil an dithis bhàrd seo air an tiodhlacadh sa chladh, tha clachan-cuimhne ann dhaibh. Bidh tuilleadh agam mun chladh seo an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Cladh nam Manach Liath: Greyfriars’ Kirkyard; Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir: Duncan Ban MacIntyre; an-uiridh: last year; luchdaich: loaded; Bràigh Loch Abar: The Braes of Lochaber; Gleann Spiothain: Glen Spean; bàrd na Ceapaich: the Keppoch bard.

Abairtean na Litreach: ʼs iomadh buadh a th’ aig cladh: a graveyard has many virtues; tèarmann sìtheil: a peaceful refuge; airson urram a shealltainn do: to show respect for; airson na tlachd a thug a bhàrdachd dhomh: for the pleasure his poetry has given [gave] me; cladach Caolas Thunga: the shore of the Kyle of Tongue; Beinn Laghail nam mullaichean drùidhteach: Ben Loyal of the impressive summits; abair gun robh an t-àite far an deach a cur a laighe àlainn: the place she was laid to rest is very beautiful; gun a bhith a’ cuimhneachadh oirre, agus mo chridhe air a lìonadh le ionndrainn: without remembering her, and me missing her greatly; Cladh a’ Chlachain air Comraich Ma-ruibhe: The Clachan Cemetery in Applecross [Maelrubha’s sanctuary]; far a bheil mòran de na sinnsirean agam fhìn air an tiodhlacadh: where many of my own ancestors are buried; seallaidhean àlainn às de Ratharsair agus Cuiltheann an Eilein Sgitheanaich: beautiful views from it of Raasay and the Cuillin of Skye; bidh ur roghainn fhèin agaibh fhèin, ʼs cinnteach:you will have your own choice, to be sure; ùr dhòmhsa:new to me; ʼs iomadh turas a chaidh mi seachad air: many a time I went past it; eadar An Lagan agus Drochaid an Aonachain: between Laggan and Spean Bridge; air leathad os cionn a’ ghlinne: on a slope above the glen; beanntan nan Coireachan Liatha: the mountains of the Grey Corries; dithis bhàrd:two bards; a’ dèanamh luaidh air cinn-chinnidh: praising chiefs.

Puing-chànain na Litreach: Aig bun nam beann a tha e : at the base of the mountains it is. You might have been told that a Gaelic sentence always starts with a verb but that is not necessarily the case. You can play with the word order a bit and sometimes start with a preposition, particularly in colloquial usage. In formal usage we’d start with ʼs ann ie ʼs ann aig bun nam beann a tha e but colloquially that can be left out. Here are some other examples with the initial ʼs ann missing: air an eadar-lìon a dh’ionnsaich e a h-uile càil ‘on the internet he learned everything’; air bhioran a bha e, a’ feitheamh rithe ‘on tenterhooks he was, waiting for her’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Nàire orm nach robh mi ann roimhe: shame on me I wasn’t there before.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 641

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean