ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

856: Feamainn a Ghabhas Ithe (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mu ithe feamainn. Mar phàirt dhen chùrsa – Àrainneachd, Cànan is Dualchas – a bha mi a’ ruith as t-samhradh san Eilean Sgitheanach, dh’ith mi fhìn is na h-oileanaich grunn seòrsaichean feamainn. Tha mi airson innse dhuibh mun fheadhainn as blasta a dh’fhàsas gu nàdarrach air cladaichean na h-Alba. Chanainn gu bheil costa siar na h-Alba am measg nan àiteachan as fheàrr san t-saoghal airson feamainn a chruinneachadh.

An toiseach – cairgein. ’S e feamainn bheag a th’ ann, a tha eadar uaine is purpaidh. Bidh na Gàidheil a’ tiormachadh cairgein agus ga stòradh mus cleachd iad e. Nì iad nàdar de shlaman no silidh leis. Ach chan eil blas math air. Feumar siùcar a chur ann airson blas a thoirt dha. Bidh cuid a’ cur cofaidh no pùdar teòclaid ann.

Ach tha blas math air cuid de dh’fheamainn. Dh’fheuch sinn feadhainn air am bruich ann am poit le uisge no air am fraighigeadh le ìm ann am pana. ’S ann le ìm a b’ fheàrr a bha am blas.

Chòrd duileasg ris a h-uile duine. ’S e sin feamainn dearg air a bheil blas saillteach, cnòthach. Tha e gu math aithnichte do na Gàidheil, agus bidh feadhainn fhathast a’ dèanamh stiubha no brot tiugh, air a bheil ‘càl duilisg’ mar ainm. Tha duileasg làn mhèinnirean agus bheothaman, agus àrd ann am potassium. Mar sin, ’s e biadh fallain a th’ ann.

’S i an fheamainn as àirde a dh’fhàsas air cladach creagach an fheamainn chìrean. Ann am mòran àiteachan air taobh an iar na Gàidhealtachd, bidh croitearan a’ biathadh na feamainn seo do chrodh. Tha i math dhaibh, gu h-àraidh do chrodh laoigh às dèidh breith laoigh. Tha i làn bheag-eileamaidean agus, air a fraighigeadh ann an ìm, tha blas air leth oirre. Saoilidh mi gu bheil i a cheart cho math do dhaoine ’s a tha i do chrodh!

Chòrd a’ ghlasag rinn uile, gu h-àraidh nuair a dh’fhàs i rud beag cruaidh anns a’ phana. ’S i a’ ghlasag feamainn uaine air a bheil sea lettuce ann am Beurla. Bithear ga h-ithe amh cuideachd. Tha i làn Beothamain C, iarainn agus pròtain.

Bha e a-riamh na chleachdadh aig na Gàidheil a bhith ag ithe imleagan a lorg iad air a’ chladach. ’S i an imleag lus beag gleansach donn ann an cruth putain às an tig frondaichean caola fada. Agus tha na frondaichean a cheart cho blasta ris na h-imleagan. ’S e iallan-mara no sea spaghetti a th’ air an fheamainn seo – agus gabhaidh i a chur an cois spaghetti àbhaisteach. Cuiridh i blas math ris. Chòrd an dà chuid, na h-imleagan agus na frondaichean ris na h-oileanaich agus rium fhìn. Ach bheirinn rabhadh seachad mu na h-imleagan – anns a’ phana, tha iad car buailteach a bhith a’ spreadhadh leis an teas!

Agus, mu dheireadh, an fheamainn as mìlse a th’ ann – langadal – feamainn mhòr fhada air a bheil sugar kelp no sweet kelp ann am Beurla. Bha an fheadhainn a chruinnich sinn car òg. Agus mar as sine a tha an langadal, ’s ann as mìlse a tha e. Ge-tà, bha e fhathast gu math blasta. Cha do dh’ainmich mi slòcan no mircean no a’ ghlasag chaolanach. Tha gu leòr a ghabhas ithe air cladaichean na h-Alba!

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: cairgein: carragheen; blas: flavour; duileasg: dulse; saillteach: salty; cnòthach: nutty; càl duilisg:thick dulse soup (traditional food); beag-eileamaidean: trace elements; glasag: sea lettuce; imleag: button-shaped frond from which the thongs of iallan-mara grow (belly-button); iallan-mara: sea spaghetti; slòcan: sloke, laver; mircean: badderlocks, dabberlocks; glasag chaolanach: gutweed.

Abairtean na Litreach: mu ithe feamainn: about eating seaweed; dh’ith mi fhìn is na h-oileanaich grunn seòrsaichean feamainn:the students and I ate several types of seaweed; mun fheadhainn as blasta a dh’fhàsas gu nàdarrach: about the tastiest ones that grow naturally; am measg nan àiteachan as fheàrr san t-saoghal: among the best places in the world; cuid dhen fheamainn a dh’fhàsas gu nàdarrach: some of the seaweeds that grow naturally; bidh na Gàidheil a’ tiormachadh cairgein agus ga stòradh mus cleachd iad e: the Gaels dry carragheen and store it until they use it; nàdar de shlaman no silidh:a sort of substance akin to curdled milk or jelly; feumar siùcar a chur ann airson blas a thoirt dha: sugar must be added to give it flavour; bidh cuid a’ cur cofaidh no pùdar teòclaid ann: some people add coffee or chocolate powder; air am bruich ann am poit le uisge no air am fraighigeadh le ìm: boiled in a pot with water or fried in butter; làn mhèinnirean agus bheothaman: full of minerals and vitamins; an fheamainn as àirde a dh’fhàsas air cladach creagach: the seaweed that grows highest on the rocky shore; gu h-àraidh do chrodh laoigh às dèidh breith laoigh: particularly for cows with young after the birth of a calf; bithear ga h-ithe amh: it is eaten raw; bheirinn rabhadh seachad: I would warn; a’ spreadhadh leis an teas: exploding with the heat; mar as sine a tha an langadal, ’s ann as mìlse a tha e: the older the sugar kelp is, the sweeter it is.

Puing-chànain na Litreach: If you’re interested in a list of Gaelic names for common Scottish seaweeds, email me at roddy@culcabockpublishing.co.uk and I’ll send you one. I’d particularly like to hear from people in different geographical locations in the Gàidhealtachd who may have their own names for different species (or combinations of species), so that we can compare notes and make the list more comprehensive. I’m also interested in hearing from any of you who eat seaweeds at home and have good recipes you’d like to share.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Tha gu leòr a ghabhas ithe air cladaichean na h-Alba: there is much that can be eaten (ie is edible) on Scotland’s shores.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 552

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean