ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

855: Feamainn a Ghabhas Ithe (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic Gàidhlig

An do dh’fheuch sibh a-riamh feamainn mar bhiadh? Tha fhios gun do dh’fheuch ma chaidh sibh gu taigh-bìdh Iapanach. Ma fhuair sibh wakame, no kombu no nori, dh’ith sibh feamainn. Gun luaidh air sushi, a tha gu tric air a chuairteachadh le feamainn. Ach tha ceist eile agam dhuibh – cia mheud turas a dh’ith sibh feamainn aig an taigh?

Bhiodh e inntinneach dhomh ur freagairtean a chluinntinn oir bha ar sinnsearan gu math eòlach air cuid dhen fheamainn a dh’fhàsas gu nàdarrach air cladaichean na h-Alba. Agus, nuair a chanas mi ‘sinnsearan’, cha leig sinn a leas a dhol air ais fada. Ur pàrantan ’s ur seana-phàrantan, ’s dòcha. Leanamaid gu dlùth ri cliù ar sinnsre, mar a chanas an seanfhacal, agus tha e fìor nuair a thig e gu feamainn.

Dhuibhse a tha a’ fuireach faisg air cladach far nach eil truailleadh, ’s e biadh fallain a th’ ann am feamainn. Tha i math dhuinn. Tha i an-asgaidh. Agus, eucoltach ri balgain-bhuachair agus fungasan eile, chan eil gin dhiubh puinnseanta. Chan eil sin ri ràdh gu bheil iad uile math ri ithe. Tha feadhainn a tha so-ithe agus feadhainn a tha car do-ithe. ’S e sin aon adhbhar airson a bhith eòlach air na feamainn a tha a’ fàs air ar cladaichean.

O chionn bhliadhnaichean chuir mi romham ainmean Gàidhlig nan diofar sheòrsaichean feamainn ionnsachadh. Bha mi a’ dèanamh agallamh le tè a tha ainmeil ann an saoghal na Gàidhlig. Bha mi a’ cur ri chèile prògram rèidio mu Euraboll, baile beag air oirthir Machair Chat. ’S e Euraboll am baile iasgaich mu dheireadh air taobh sear na Gàidhealtachd far an robh Gàidhlig aig an t-sluagh. Agus ’s i Nancy Dorian an neach a b’ eòlaiche a bh’ ann – agus a th’ ann – air dualchainnt na sgìre sin.

Fhad ’s a bha mi a’ bruidhinn ri Nancy, a bhuineas do na Stàitean Aonaichte, dh’fhaighnich i dhìom an robh mi eòlach air na diofar fheamainn. Gun a bhith a’ coimhead air notaichean, dh’inns i dhomh na h-ainmean aca. Bha iasgairean Euraboill gu math eòlach air na feamainn, thuirt i. Agus carson nach bitheadh? Bha iad air a’ chladach a h-uile latha. Ach a-mhàin Latha na Sàbaid, ’s dòcha.

Bha na h-ainmean Gàidhlig agam airson èisg-mhara, ach cha robh airson feamainn. Aig an àm sin, bha sinn ag ithe èisg ach cha robh sinn ag ithe feamainn. Is truagh nach robh, ach sin mar a bha.

’S dòcha nach robh sin buileach fìor oir tha cuimhne agam air mo sheanmhair a’ bruidhinn mu ithe cairgein. Ach chan eil cuimhne agam oirre, agus i a’ cruinneachadh no a’ bruich cairgein.

Co-dhiù, tha mi air tòiseachadh air rudan a chur ceart aig an taigh le bhith ag ithe feamainn bho àm gu àm. Agus, anns a’ chùrsa àrainneachd a bhios mi a’ ruith anns an Eilean Sgitheanach gach samhradh do luchd na Gàidhlig, chuir mi earrann ùr ann am-bliadhna – feamainn mar bhiadh.

Tha e doirbh a bhith cinnteach cò tè a b’ fheàrr a chòrd ris na h-oileanaich ach innsidh mi seo dhuibh. ’S e an cairgein a bu lugha a chòrd riutha! ’S dòcha gun cuir sin iongnadh air cuid de luchd-èisteachd oir bidh gu leòr de Ghàidheil fhathast ag ithe cairgein. Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain, cò an fheadhainn a bu bhlasta a bh’ ann.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: seana-phàrantan: grandparents; so-ithe: edible; do-ithe: inedible.

Abairtean na Litreach: tha fhios gun do dh’fheuch ma chaidh sibh gu taigh-bìdh Iapanach: I’m certain you did if you went to a Japanese restaurant; gun luaidh air X: without mentioning X; air a chuairteachadh le: surrounded by; cia mheud turas a dh’ith sibh?: how many times did you eat?; cuid dhen fheamainn a dh’fhàsas gu nàdarrach: some of the seaweeds that grow naturally; cha leig sinn a leas a dhol air ais fada:we don’t need to go back far; dhuibhse a tha a’ fuireach faisg air cladach far nach eil truailleadh:for those of you who live near a shore where there is no pollution; eucoltach ri balgain-bhuachair agus fungasan eile: unlike mushrooms and other fungi; chan eil gin dhiubh puinnseanta: none of them are poisonous; chan eil sin ri ràdh gu bheil iad uile math ri ithe: that’s not to say that they are all good to eat; chuir mi romham ainmean Gàidhlig nan diofar sheòrsaichean feamainn ionnsachadh:I decided to learn the Gaelic names of the different sorts of seaweed; Euraboll, baile beag air oirthir Machair Chat:Embo, a village on the coast of East Sutherland; am baile iasgaich mu dheireadh air taobh sear na Gàidhealtachd: the last fishing village in the Eastern Highlands; a bhuineas do na Stàitean Aonaichte: who belongs to the United States; ach a-mhàin Latha na Sàbaid: except on a Sunday; chan eil cuimhne agam oirre, agus i a’ cruinneachadh no a’ bruich cairgein: I don’t remember her collecting or cooking carragheen; cinnteach cò tè a b’ fheàrr a chòrd ris na h-oileanaich: certain which of them the students enjoyed best; ’s e an cairgein a bu lugha a chòrd riutha: it’s the carragheen they least enjoyed.

Puing-chànain na Litreach: Is truagh nach robh, ach sin mar a bha.It’s a pity [we] weren’t but that’s how it was. This is a common phrase. In the present it is sin mar a tha ‘that’s how it is’; in the [continuing] future sin mar a bhitheas ‘that’s how it will be’. Sometimes you will hear people ‘mar a bha, mar a tha, ’s mar a bhitheas’ which is a (sometimes ironic) expression of eternity without change.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Leanamaid gu dlùth ri cliù ar sinnsre: let us follow closely the reputation/character of our ancestors. More commonly this phrase is given in the second personal singular as lean gu dlùth ri cliù do shinnsre. It means ‘respect the ways of the people that came before’.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 551

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean