ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

805: Magnus Eunson

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Càite a bheil an taigh-staile uisge-bheatha as fhaide tuath ann an Alba? An t-Eilean Sgitheanach, ’s dòcha, far a bheil Talisker air a dhèanamh? No Leòdhas, far a bheil an Abhainn Dearg? Tha sin nas fhaide tuath na Talisker. Agus, gu dearbh, ’s e an Abhainn Dearg an taigh-staile as fhaide siar ann an Alba. Ach chan e am fear as fhaide tuath.

Dè mu dheidhinn Inbhir Ùige ann an Gallaibh, far a bheilear a’ dèanamh Old Pulteney? Tha sin fada tuath, ach feumar cuimhneachadh gu bheil eileanan gu tuath air sin far a bheilear a’ dèanamh uisge-bheatha. Tha mi a’ ciallachadh Arcaibh. Tha cuid gu math dèidheil air uisge-beatha Highland Park a th’ air a dhèanamh ann am Baile na h-Eaglaise, no Kirkwall. ’S e, fhad ’s as aithne dhomh, an taigh-staile as fhaide tuath ann an Alba.

Chaidh ainmeachadh Highland Park’ oir ’s e High Park’ a bh’ air an àite far a bheil an taigh-staile bho shean. Agus tha e co-cheangailte ri fear Magnus Eunson no Mansie’. Thathar ag ràdh gun robh Mansie a’ dèanamh uisge-bheatha gu mì-laghail air an làraich sin aig deireadh an ochdamh linn deug.

Agus cha robh e leis fhèin. Bha feadhainn eile ann an Arcaibh an sàs ann an dèanamh agus cùl-mhùtaireachd uisge-bheatha. Agus bha iad nan uaislean aig an aon àm!

Bha Mansie na bhùidsear agus na oifigear eaglais tron latha agus na chùl-mhùtaire air an oidhche. Bha fios aig na h-oifigearan cusbainn gun robh e an sàs ann an gnothaichean mì-laghail. Bha fathann ann gun robh e a’ falach baraillean uisge-bheatha mì-laghail anns an eaglais far an robh e ag obair. Agus bha!

Aon turas bha am ministear a’ searmonachadh. B’ e a cheann-teagaisg olc na dibhe’. Fhad ’s a bha e sa chùbaid, bha sia baraillean de dheoch làidir fo a chasan!

Latha a bha seo, roghnaich na h-oifigearan cusbainn reud a dhèanamh air an eaglais, feuch an t-uisge-beatha a lorg. Ach fhuair Mansie fios gu robh iad a’ tighinn. Ghluais e na baraillean don taigh aige agus chuir e ann am meadhan seòmar falamh iad. Chuir e ceann ciste-laighe air am muin, agus siota bàn glan thairis air a h-uile nì. Bha e a’ coimhead coltach ri eileatrom, le corp anns a’ chiste.

Nuair a bha na h-oifigearan air an rathad chun an taigh’ aige, chruinnich Mansie grunnan còmhla anns an t-seòmar. Shleuchdaich iad mar gun robh iad ag adhradh. Bha Bìoball mòr aig Mansie, agus bha leabhar-ùrnaigh aig a h-uile duine eile. Nuair a chuala iad na h-oifigearan a’ tighinn a-steach don taigh, thòisich iad air caoineadh.

Thàinig a’ chiad oifigear a-steach. Nuair a chunnaic e na bha a’ dol, thug e a bhonaid dheth. Choimhead Mansie suas bhon Bhìoball aige. Bha coltas bròin air. Ann an cagair, thuirt e aon rud sìmplidh ris an oifigear–a’ Bhreac’. ’S e galair uabhasach a bha sin, agus theich na h-oifigearan cusbainn gun rannsachadh sam bith a dhèanamh. Cha deach iad faisg air Mansie airson greis an dèidh sin!

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Inbhir Ùige: Wick; Gallaibh: Caithness; gu mì-laghail: unlawfully; a’ searmonachadh: preaching; eileatrom: funeral bier; a’ Bhreac: smallpox.

Abairtean na Litreach: as fhaide tuath: most northerly; ’s e X an taigh-staile as fhaide siar: X is the most westerly distillery; feumar cuimhneachadh gu bheil eileanan gu tuath air sin: it must be remembered that there are islands north of that; fhad ’s as aithne dhomh: as far as I know; cha robh e leis fhèin: he wasn’t alone; dèanamh agus cùl-mhùtaireachd uisge-bheatha: the making and smuggling of whisky; bha iad nan uaislean aig an aon àm: they were gentlemen at the same time; bha X na bhùidsear agus na oifigear eaglais tron latha:X was a butcher and a church officer through the day; bha fathann ann gun robh e a’ falach baraillean anns an eaglais: there was a rumour that he was hiding barrels in the church; fhad ’s a bha e sa chùbaid: while he was in the pulpit; bha sia baraillean de dheoch làidir fo a chasan: there were six barrels of alcoholic drink below his feet; roghnaich na h-oifigearan cusbainn reud a dhèanamh:the excise officers chose to raid; ann am meadhan seòmar falamh: in the middle of an empty room; chuir e ceann ciste-laighe air am muin: he put a coffin lid on top of them; shleuchdaich iad mar gun robh iad ag adhradh: they knelt as if they were worshipping; thòisich iad air caoineadh: they started to keen; thug e a bhonaid dheth: he took his hat off; coltas bròin: a look of sadness.

Puing-chànain na Litreach: taigh-staile uisge-bheatha: [a] whisky distillery. Whisky is uisge-beatha; there is no lenition of beatha following the masculine noun uisge. And, anyway, beatha in a compound sometimes doesn’t lenite in the nominative case following an initial feminine noun eg eachdraidh-beatha biography’ rather than eachdraidh-bheatha. But it is correct to lenite beatha in inflected forms eg the dative anns an uisge-bheatha in the whisky’ and the genitive prìs an uisge-bheatha the price of the whisky’. In modern Gaelic, we tend not to inflect the adjective when it qualifies a masculine noun in the indefinite genitive singular, so one would expect botal uisge-beatha a bottle of whisky’. But many people would still be more comfortable with the traditional inflection (for this very traditional Gaelic product) ie botal uisge-bheatha. That’s the model I’ve stuck with in this Litir.

Gnàthas-cainnt na Litreach: B’ e a cheann-teagaisg olc na dibhe’: the subject of his sermon was the evil of drink’.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 501

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean