FaclairDictionary EnglishGàidhlig

270: An t-Urr Iain Ros

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An t-Urr Iain Ros

Gaelic Gàidhlig

Nuair a ràinig an t-Urramach Iain Ros Sìona ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a dhà (1872), chaidh e gu baile Chefoo, air a bheil Yantai an-diugh. Ach bha miseanairidh Ameireaganach stèidhichte ann a sin mu thràth, agus chuir am ministear Albannach roimhe dhol thar a’ chuain gu ruige dùthaich mhòr Mhanchuria, anns nach robh ach aon mhiseanaraidh Pròstanach.

Cha deach cùisean gu math dha aig an toiseach, ge-tà. Goirid às dèidh breith a’ chiad leanaibh aca, chaochail a bhean. Ach dh’fhuirich Ros far an robh e – ann am port mara air cladach Mhanchuria. Nuair a bha e air gu leòr dhen chànan ionnsachadh, chaidh e air chuairt gu na bailtean mòra ann am meadhan na dùthcha, fad air falbh bhon mhuir.

Bha e faiceallach na chanadh e, gun a bhith a’ cur sìos air creideamh an t-sluaigh. Dh’ionnsaich e mòran mu Chonfucius, gus am b’ urrainn dha coimeas a dhèanamh eadar Crìosdachd agus an creideamh dùthchasach. Agus nam fàsadh daoine feargach leis, dh’fhalbhadh e gu baile eile, is thilleadh e nuair a bha gnothaichean socair a-rithist. Nuair a bha e a’ siubhal mar seo, bhiodh e a’ fuireach ann an taighean-seinnse bochda salach agus cha bhiodh prìobhaideachd sam bith aige. Ach lean e air, a’ feuchainn ri daoine iompachadh mar a b’ urrainn dha. Bha e gu h-àraidh ag amas air daoine foghlamaichte, oir bha e dhen bheachd gum biodh a mhisean na b’ èifeachdaiche anns an dòigh sin.

Mean air mhean thog e ùidh anns na bha a’ dol air taobh thall crìoch Mhanchuria, ann an Coirìa, rìoghachd a bha an ìre mhath dùinte do dhaoine à dùthchannan eile. Is iongantach mura robh e mothachail do na thachair don Urramach R G Thomas, ministear Albannach a chaidh a Choirìa ann an an ochd ceud deug, seasgad ’s a còig (1865), agus e a’ toirt Bìobaill seachad don t-sluagh. Bha e ann an soitheach a chaidh air na creagan nuair a bha tràigh mhòr ann. Chuir buidheann de Choirìanaich teine ris an t-soitheach agus mhuirt iad a h-uile duine a bh’ air bòrd.

Bha Iain Ros air mothachadh gu robh gu leòr de dhaoine a bhuineadh do Choirìa air a dhol a dh’fhuireach ann am Manchuria faisg air Abhainn Yalu. Shaoil e gum b’ urrainn dha Coirìanaich a thoirt gu Crìosd gun a bhith a’ cur miseanaraidhean cèin don rìoghachd sin idir. Dh’ionnsaich e Coirìanais leis an amas Coirìanaich ann am Manchuria iompachadh.

Air turas dhachaigh fhuair e taic bho Chomann a’ Bhìobaill ann an Alba, agus bho charaidean, agus thug e uidheamachd chlo-bhualaidh air ais leis a Mhanchuria. Dh’eadar-theangaich e na soisgeulan a rèir Lucais is Eòin agus, còig bliadhna às dèidh sin, thug e a-mach eadar-theangachadh slàn dhen Tiomnadh Nuadh. Bha grunn Choirìanach aige a-nise nan Crìosdaidhean, agus chaidh iadsan thairis air a’ chrìch gu ruige Coirìa far an do sgaoil iad an Tiomnadh Nuadh, agus teachdaireachd na h-Eaglaise, am measg an t-sluaigh.

A bharrachd air an Tiomnadh Nuadh, sgrìobh Iain Ros eachdraidh de Choirìa, eachdraidh de na rìghrean Manchu, leabhar mun chreideamh tùsail ann an Sìonaidh, leabhraichean taice do luchd-ionnsachaidh Sìonais is Coirìanais, agus grunn leabhraichean-iùil air a’ Bhìoball ann an Sìonais.

Chun an là an-diugh tha Pròstanaich ann an Coirìa a’ toirt urram mòr don Urramach Iain Ros, ged a tha amharas agam gu bheil an t-uabhas ann an Alba nach cuala guth air a-riamh.

Faclan na Litreach: An t-Urramach Iain Ros: The Reverend John Ross; Pròstanach: Protestant; dùthchasach: indigenous; dh’fhalbhadh e:he would leave,go; salach: dirty; prìobhaideachd: privacy; Bìobaill: Bibles; cèin: foreign; rìghrean: kings.

Abairtean na Litreach: Gàidheal a bhuineadh do Ros an Ear: a Gael who belonged to Easter Ross; bha miseanaraidh Ameireaganach stèidhichte mu thràth: an American missionary was already established; chuir X roimhe dhol thar a’ chuain: X decided to go across the sea; cha deach cùisean gu math dha: things didn’t go well for him; chaidh e air chuairt gu na bailtean mòra: he went on a tour to the cities; gun a bhith a’ cur sìos air X: without demeaning X; nam fàsadh daoine feargach leis: if people became angry with him; a’ feuchainn ri daoine iompachadh:trying to convert people; ag amas air daoine foghlamaichte: aiming on educated people; gum biodh a mhisean na b’ èifeachdaiche: that his mission would be more effective; air taobh thall crìoch Mhanchuria: on the other side of the border of Manchuria; is iongantach mura robh e mothachail do X: he would likely have been cognisant of X; nuair a bha tràigh mhòr ann: when there was a low tide; dh’eadar-theangaich e na soisgeulan a rèir Lucais is Eòin; he translated the gospels according to Luke and John; thairis air a’ chrìch gu ruige Coirìa: over the border to Korea; leabhar mun chreideamh thùsail ann an Sìonaidh: a book about the original religion in China; leabhraichean-iùil air a’ Bhìoball ann an Sìonais: guide books to the Bible in Chinese; a’ toirt urram mòr: greatly respect; nach cuala guth air a-riamh: that never heard mention of him.

Puing-ghràmair na Litreach: Bha grunn Choirìanach aige a-nise nan Crìosdaidhean:he now had some Koreans who were Christians. Can you tell me the case of both of the proper nouns here? Coirìanachis the genitive plural of Coirìanach, a Korean (the nominative plural is Coirìanaich); it is in this case following grunn (several “of” Koreans). Crìosdaidhean is the dative plural, which is today identical to the nominative plural. The literal translation of the Gaelic sentence is “several Koreans were at him now [and who] were in their Christians”. You will see how idiomatic translations are much better than literal ones!

Gnàthas-cainnt na Litreach: thug e a-mach eadar-theangachadh slàn dhen Tiomnadh Nuadh: he brought out (published) a full translation of the New Testament. Thoir a-mach: this can work idiomatically in several different ways eg to acquire, reach, gain, give out, bring out.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean