menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

Letter to Gaelic Learners Litir do Luchd-ionnsachaidh

Ruairidh MacIlleathain A series of letters to support Gaelic learners. This will help learners who already have some knowledge and understanding of Gaelic and are looking to develop their language skills. Sound files, text, vocabulary and language notes are also available. Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh le beagan tuigs air a’ Ghàidhlig agus a tha a’ coimhead airson dòigh air na sgilean cànain aca a leasachadh. Tha faidhle fuaim, teacsa, briathrachas agus puingean cànain rim faighinn cuideachd.

People Daoine

Search Lorg

Tormod an t-Seòladair - Pàirt 3 (Litir 753)

Bha mi ag innse dhuibh mu Thormod an t-Seòladair – ‘fear nan nathraichean’. Latha a bha seo bha e ann an oifis ceannard-sgoile. Bha an leasan seachad agus bha a’ chlann a’ taomadh a-mach às na seòmraichean teagaisg. Chuala Tormod feadhainn a’ sgreuchail. Chuir e a làmh na phòcaid agus fhuair e a-mach gun robh an nathair aige air teicheadh.

Ruith e a-mach don trannsa. Bha an nathair air an làr, a’ dèanamh air an doras mhòr. Bha a’ chlann anns gach oisean, cho fad air falbh bhon nathair ’s a b’ urrainn! Chrom Tormod sìos, thog e an nathair agus chuir e na phòcaid i. Cha robh fios aig a’ chloinn gun robh e air fiaclan na nathrach a spìonadh às!

Ach cha deach cùisean leis fad na h-ùine. Tha e a’ mìneachadh anns an leabhar aige My Story mar a chaidh a bhìdeadh turas. Bha còig nathraichean aige ann an cèidsichean. Bha e a’ faighinn puinnsean bhuapa dà thuras anns an t-seachdain. Latha a bha seo, chuir tè de na nathraichean a fiaclan a-steach gu bas a làimhe clì.

Dh’fhàisg Tormod na cuislean le bhith a’ ceangal bann gu teann timcheall caol a dhùirn. Gheàrr e na lotan le lannsa. Dheothail e an fhuil. An uair sin, shuath e criostalan de photassium permanganate air na lotan agus chuir e fios gu lighiche. Thòisich a làmh air a dhol a dh’at. Bha i piantail.

Air an làrna-mhàireach bha a làmh is a ghàirdean air an at gu mòr. Ach taobh a-staigh beagan làithean bha Tormod ceart gu leòr a-rithist.

Turas eile bha e air baidhsagal le nathair ann am bogsa meatailt, ceangailte ri toiseach an rothair. Bha tubaist aige anns an deach e an comhair a chinn, a’ bualadh a chinn air an rathad. Bha e gun mhothachadh.

Nuair a thàinig e thuige, bha an nathair a’ snàgadh air aodann. Stad i nuair a bha i air amhaich. Bha a beul air meall a sgòrnain. Bha fios aig Tormod, nan gluaiseadh e, gun cuireadh an nathair nimh a-steach do amhaich. Nam biodh am puinnsean a’ dol a-steach gu cuisle, cha bhiodh Tormod beò fada. Mu dheireadh thall, lean an nathair air a rathad agus bha Tormod sàbhailte.

Rinn e deuchainnean air an nimh. Ann an naoi ceud deug, fichead ’s a ceithir (1924) sgrìobh e leabhar – The Life Story of the Adder. Tha caibideil ann mu dheidhinn mar a dh’fhaodadh, ’s dòcha, nimh na nathrach a bhith na leigheas do dh’aillse. Tha daoine fhathast a’ coimhead airson leigheas do dh’aillse, ge-tà.

Bha Tormod ainmeil mar eòlaiche air nathraichean. Bhiodh eòlaichean-nàdair aig na h-oilthighean a’ sgrìobhadh thuige agus bhiodh Tormod a’ gabhail òraidean thall ’s a-bhos air an nathair-nimhe.

Chan eil mi buileach cinnteach dè bh’ air cùl na h-ùidhe a sheall e ann an nathraichean. Ach ’s iongantach mura robh e co-cheangailte ann an dòigh air choreigin ri cumadh a’ chreutair. Oir bha ùidh mhòr aige cuideachd ann an ainmhidh eile a tha fada, caol – an easgann. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn sin an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: trannsa: corridor; oisean: corner; cèidsichean: cages; lighiche: doctor, physician; piantail: painful; easgann: eel.

Abairtean na Litreach: Latha a bha seo bha e ann an oifis ceannard-sgoile: one day he was in a headteacher’s office; a’ taomadh a-mach às na seòmraichean teagaisg: the pouring out of the teaching rooms; fhuair e a-mach gun robh an nathair aige air teicheadh: he found that his snake had gone; a’ dèanamh air an doras mhòr: making for the front door; cho fad air falbh ’s a b’ urrainn: as far as away as possible; gun robh e air fiaclan na nathrach a spìonadh às: that he had pulled out the snake’s teeth; cha deach cùisean leis fad na h-ùine:things didn’t always go his way; mar a chaidh a bhìdeadh turas: how he was bitten once; a’ faighinn puinnsean bhuapa:getting poison from them; a-steach gu bas a làimhe clì: into the palm of his left hand; dh’fhàisg Tormod na cuislean:Norman compressed the blood vessels; gheàrr e na lotan le lannsa: he cut the wounds with a lancet; dheothail e an fhuil:he sucked the blood; shuath e criostalan de X air na lotan: he rubbed crystals of X on the wounds; thòisich a làmh air a dhol a dh’at: his hand started to swell; ceangailte ri toiseach an rothair: tied to the front of the bike; bha tubaist aige anns an deach e an comhair a chinn: he had an accident in which he went head-first; a’ bualadh a chinn air an rathad: hitting his head on the road; nuair a thàinig e thuige: when he recovered consciousness; bha an nathair a’ snàgadh air aodann: the snake was crawling on his face; bha a beul air meall a sgòrnain: its mouth was on his Adams apple; gun cuireadh an nathair nimh a-steach do amhaich:that the snake would inject poison into his neck; lean an nathair air a rathad: the adder kept on its way; rinn e deuchainnean air:he experimented on; a bhith na leigheas do dh’aillse: be a cure for cancer; dè bh’ air cùl na h-ùidhe a sheall e: what was behind the interest he showed; cumadh a’ chreutair: the creature’s shape.

Puing-chànain na Litreach: le bhith a’ ceangal bann gu teann timcheall caol a dhùirn: by tying a bandage tightly around his wrist. Caol can be used to describe three parts of the human body viz. caol an droma ‘the small of the back’, caol na coise ‘the ankle’, caol an dùirn ‘the wrist’ ie ‘the narrowing of the fist’. With these structures the genitive (singular) article can be replaced by the possessive article, with the appropriate lenition eg caol mo dhùirn ‘my wrist’, caol a coise ‘her ankle’, caol do dhroma ‘the small of your back’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha e gun mhothachadh: he was unconscious.

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

An Litir Bheag

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 449

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word