ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

229: Dròbhairean ann an Coire Bhran

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a thòiseachadh na Litreach seo le tòimhseachan: Ciamar a tha fiacail a chaidh a tharraing coltach ri nì a chaidh a dhìochuimhneachadh? Seo e a-rithist: Ciamar a tha fiacail a chaidh a tharraing coltach ri nì a chaidh a dhìochuimhneachadh?

Uill, tha an fhreagairt sìmplidh gu leòr: dh’fhalbh i às a’ cheann. Dh’fhalbh i às a’ cheann.

Tha aon rud nach fhalbh às mo cheann-sa airson ùine mhòir, ge-tà. ’S e sin an dà là a thug mi seachad o chionn ghoirid, a’ coiseachd air rathad Monadh Miongaig eadar Blàr Athall agus Ceann a’ Ghiuthsaich. Mar a bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh, b’ e sin fear de na seann rathaidean eadar Bàideanach agus Athall, agus tha e a’ dol thairis air talamh àrd. Nuair a bha mise ann, bha cur is cathadh ann. Bha mi leam fhìn agus cha robh e furasta an rathad a lorg ann am pàirtean, oir bha an sneachd ga chòmhdachadh. Agus ann am pìosan, chan eil sgeul air an rathad co-dhiù, a rèir aithris, eadhon as aonais sneachda.

Chan ann mar sin a bha e o shean nuair a bhiodh dròbhairean a’ toirt crodh gu margaidh thairis air Monadh Miongaig. ’S e rathad ceart a bh’ ann an uair sin. Ach cha bhiodh na dròbhairean ga chleachdadh gu ìre mhòir sam bith anns a’ gheamhradh agus, gu dearbh, chan eil Monadh Miongaig uabhasach taitneach aig àmannan ann an droch shìde. Thathar ag innse fhathast mu bhuidheann de shaighdearan dearga a chaill am beatha ann, agus iad a’ dèanamh air Gearastan Ruadhainn, faisg air Ceann a’ Ghiuthsaich, ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a còig (1745). Chaidh an glacadh ann an stoirm anns a’ mhonadh.

’S e an àirde a ruigeas Monadh Miongaig as coireach ris an droch shìde a bhios ann. Tha e a’ ruigsinn còrr is dà mhìle is seachd ceud troigh os cionn na mara. Agus, air sgàth sin, nuair a bhathar a’ togail rathad mòr ùr, far a bheil an A9 an-diugh, chaidh slighe eile a thaghadh, ged a tha i deich mìle nas fhaide. Aig a’ bhealach as àirde, aig Druim Uachdair, tha an A9 a’ ruigsinn dìreach mìle agus còig ceud troigh – mìle is dà cheud troigh nas ìsle na Monadh Miongaig. Ged a bhios e sneachdach aig àmannan anns a’ gheamhradh, chan eil e idir cho sneachdach ri Monadh Miongaig.

Tha aon àite ann aig mullach Monadh Miongaig a tha air leth brèagha, agus anns am faighear beagan fasgaidh, ma tha sin a dhìth. Thàinig mi air a-mach às a’ cheò, agus mo chuid aodaich còmhdaichte le sneachd. Mu mo choinneamh bha allt a bha a’ sruthadh gu socrach tro chlais, le cluaintean feurach air gach taobh dheth. Anns an allt bha trì lachan – cearc agus dà isean. Ghabh iad eagal am beatha nuair a chunnaic iad mi, agus mi a’ coimhead coltach ri yeti!

Tha an t-allt cama-lùbach, agus ’s e an t-ainm a th’ air Caochan Lùb. Cha b’ urrainn àite na b’ fheàrr a lorg air monadh fosgailte airson crodh ionaltradh no airson beagan fasgaidh fhaighinn. Is iomadh dròbhair anns an t-seann aimsir a bhiodh toilichte Caochan Lùb fhaicinn, tha mi cinnteach.

Faisg air mullach Monadh Miongaig tha coire ann air a bheil Coire Bhran. Bha e ainmeil o shean a chionn ’s gum biodh dròbhairean à mòran àiteachan anns a’ cheann a tuath a’ tighinn cruinn ann, agus iad a’ dèanamh deiseil airson a dhol thairis air a’ mhonadh gu ruige Athall còmhla. Carson a rachadh iad ann còmhla? Uill, innsidh mi sin dhuibh anns an ath Litir.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan na Litreach: Monadh Miongaig: The Minigaig; Blàr Athall: Blair Atholl; Ceann a’ Ghiuthsaich: Kingussie; Bàideanach: Badenoch; taitneach: pleasant; sneachdach: snowy; lachan: ducks; cama-lùbach: meandering, twisting; Caochan Lùb: Stream of Bends ie meandering burn; còmhla: together.

Abairtean na Litreach: tha e a’ do thairis air talamh àrd: it goes over high country; bha cur is cathadh ann:snow was falling and drifting/being blown by the wind; bha mi leam fhìn: I was by myself; bha an sneachd ga chòmhdachadh:the snow was covering it; chan eil sgeul air an rathad: there is no sign of the road; eadhon as aonais sneachda: even without snow; nuair a bhiodh dròbhairean a’ toirt crodh gu margaidh: when drovers would take cattle to market; thathar ag innse fhathast: a story is still told; mu bhuidheann de shaighdearan dearga a chaill am beatha ann:about a group of redcoat soldiers who lost their lives there; agus iad a’ dèanamh air Gearastan Ruadhainn: as they were making for Ruthven Barracks; chaidh an glacadh ann an stoirm: they were caught in a storm; ’s e an àirde a ruigeas X as coireach ri: it is the altitude X reaches that is responsible for; chaidh slighe eile a thaghadh: another route was chosen; mìle is dà cheud troigh nas ìsle na X: 1,200 feet lower than X; anns am faighear beagan fasgaidh: in which a little shelter is obtained; mu mo choinneamh bha allt a bha a’ sruthadh gu socrach tro chlais: in front of me there was a burn which was running slowly through a diminutive glen; le cluaintean feurach air gach taobh dheth: with grassy meadows on either side of it; airson crodh ionaltradh: to graze cattle.

Puing-ghràmair na Litreach: Tha mi a’ dol a thòiseachadh na Litreach seo le tòimhseachan:I am going to start this Litir with a puzzle. Can you explain why I used the genitive singular form of Litir, ie Litreach? The reason is that it follows a verbal noun, a thòiseachadh. Similarly, we say tha mi a’ sgrìobhadh na Litreach, not tha mi a’ sgrìobhadh an Litir. But in the example above, we do not have the “usual” or “progressive” form of the verbal noun eg tha mi a’ sgrìobhadh, tha mi a’ tòiseachadh, tha sinn a’ glanadh. Instead it is the form which indicates intent, and which follows a verb of motion (most commonly rach, the verb “to go”). It still requires the genitive, however. Other examples (note the genitives) are: tha e a’ dol a leagail na craoibhe(he is going to fell the tree); tha mi a’ dol a cheannach nam pàipearan (I am going to buy the papers); chaidh e a dh’iarraidh a mhàthar (he went to collect his mother).

Tòimhseachan na Litreach: Ciamar a tha fiacail a chaidh a tharraing coltach ri nì a chaidh a dhìochuimhneachadh?: how is a tooth that was extracted like a thing that has been forgotten? Dh’fhalbh i às a’ cheann: It has left the head.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean