764: Fear nan Cluasan Eich (1)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Fear nan Cluasan Eich (1)
Bha mi ann an ceann a tuath na Cuimrigh aig deireadh na bliadhn’ an-uiridh. Feumaidh mi ràdh gu bheil an dùthaich sin a’ còrdadh rium gu mòr. Mar a tha a’ Ghàidhealtachd againne, tha i gun teagamh Ceilteach. Ach, eucoltach ris a’ Ghàidhealtachd, tha an cànan aca gu math làidir.
Am measg nan sgìrean as brèagha anns a’ Chuimrigh, tha Rubha Llŷn. Chaidh mi gu ceann a-mach an rubha far a bheil Nant Gwrtheyrn, àite far am bi mòran a’ dol airson Cuimris ionnsachadh. Tha an sgìre sin làn sgeulachdan mar a tha a’ Ghàidhealtachd. Bha mi air mo dhòigh ann.
Tha baile air Rubha Llŷn air a bheil Abersoch. Tha taigh mòr an sin air a bheil Castell March. Nise, tha an t-ainm sin furasta gu leòr a thuigsinn ma tha Gàidhlig agad. Castell – caisteal. March – marc, seann fhacal airson each. Tha sinn fhathast a’ bruidhinn air marcachd agus marc-shluagh. Castell March – Caisteal Eich.
Chan e gun robh each a’ fuireach ann. ’S ann airson duine a chaidh ainmeachadh – March Amheirchion. Bha March a’ fuireach anns a’ chaisteal far a bheil an taigh mòr an-diugh. ’S e fear de ridirean Rìgh Artair a bh’ ann. Fhuair e ainm oir bha a chluasan uabhasach coltach ri cluasan eich.
Bha gràin aig March air na cluasan aige. Bha e gan cumail am falach le fhalt a bha fada, ruadh. Corra uair bha aige ri cliop fhaighinn. B’ e sin an obair aig a’ ghille a b’ òige anns a’ chaisteal. Ach cho luath ’s a bhiodh falt Mharch air a ghearradh, bhiodh an gille a gheàrr e a’ dol à fianais. Cha robh sgeul air a’ ghille tuilleadh. Cha robh fios le cinnt dè thachair do na gillean, ach bha fathannan a’ dol.
Latha a bha seo, dh’ iarr an t-àrd-chòcaire, Derfel, air a’ ghille a b’ òige a thighinn thuige ann an cidsin a’ chaisteil. ‘Islwyn, a bhalaich, trobhad an seo,’ thuirt e.
‘Dè nì mi dhuibh, a Dherfel?’ dh’fhaighnich an gille òg.
‘’S e do thuras fhèin an t-ath thuras,’ thuirt Derfel ris.
‘Dè tha sibh a’ ciallachadh?’ arsa Islwyn.
‘Is tu an gille as òige anns a’ chaisteal a-nise. ’S e do thuras fhèin a th’ ann falt Mharch a ghearradh.
‘Ach chan aithne dhomh gearradh-fuilt, cha do rinn mi sin riamh,’ thuirt Islwyn.
‘Chan eil e gu diofar,’ fhreagair Derfel. ‘Cha chuir droch chliop dragh air March. Agus ’s ann ainneamh a gheibh e cliop co-dhiù.’
‘Chì mi sin,’ arsa Islwyn. ‘Tha fhalt thairis air a ghuailnean.’
‘Seo mo chomhairle,’ thuirt an t-àrd-chòcaire. ‘Thalla às a seo agus faigh obair ann an àite eile.’
‘Ach chan eil mi ag iarraidh falbh gu àite eile,’ thuirt an gille. ‘Tha mi cho sona ris an rìgh an seo. ’S dòcha latha brèagha air choreigin gum faigh mi àrd dhreuchd mar a th’ agaibh fhèin.’
‘Chan eil dòchas sam bith ann gun tachair sin,’ fhreagair Derfel. ‘Gach gille òg a gheàrr falt Mharch, chaidh iad à fianais às dèidh làimhe. Chan eil fios dè thachair dhaibh. Cha robh sgeul orra bhon uair sin. Agus tachraidh an aon rud riutsa. Feumaidh tu teicheadh.’
Bha Derfel dìreach air na faclan sin a ràdh nuair a chuala e ceum coise. Cò choisich a-steach don chidsin ach March. Agus leanaidh an sgeulachd anns an ath Litir.
Faclan na Litreach: Ceilteach: Celtic; àrd-chòcaire: chief cook.
Abairtean na Litreach: ann an ceann a tuath na Cuimrigh aig deireadh na bliadhn’ an-uiridh: in North Wales at the end of last year; feumaidh mi ràdh: I must say; gu bheil an dùthaich sin a’ còrdadh rium gu mòr: that that land really appeals to me; eucoltach ris a’ Ghàidhealtachd: unlike the Highlands; chaidh mi gu ceann a-mach an rubha: I went to the far end of the peninsula; airson Cuimris ionnsachadh: to learn the Welsh language; bha mi air mo dhòigh ann: I was very happy there; chan e gun robh each a’ fuireach ann: [it’s] not that a horse was living there; fear de ridirean Rìgh Artair: one of King Arthur’s knights; bha gràin aig X air na cluasan aige: X hated his ears; gan cumail am falach le fhalt: keeping them hidden with his hair; corra uair bha aige ri cliop fhaighinn: occasionally he had to have a haircut; an obair aig a’ ghille a b’ òige: the work of the youngest lad; bhiodh an gille a gheàrr e a’ dol à fianais: the lad that cut it would disappear; ’s e do thuras fhèin an t-ath thuras: it’s your turn next time; chan aithne dhomh gearradh-fuilt: I don’t know how to cut hair; ’s ann ainneamh a gheibh e cliop: it’s [only] rarely he has a haircut; thalla às a seo agus faigh obair ann an àite eile: get out of here and find work somewhere else [in another place]; ’s dòcha latha brèagha air choreigin gum faigh mi àrd dhreuchd: perhaps some day I’ll get a senior position; chaidh iad à fianais às dèidh làimhe: they disappeared afterwards; tachraidh an aon rud riutsa: the same thing will happen to you; feumaidh tu teicheadh: you must flee; bha X dìreach air na faclan sin a ràdh: X had only just said those words; nuair a chuala e ceum coise: when he heard a footstep.
Puing-chànain na Litreach: Marc is an old Gaelic word for ‘horse, charger, steed’ which has cognates in other Celtic languages (eg Welsh march) and may be related to the English mare. It’s in the odd place name but would be considered archaic today, having been replaced by each (or, to a lesser degree, capall). Nevertheless, derived forms are still in common usage. Examples are marcachd ‘riding, equestrianism’, marcaich / a’ marcachadh (or a’ marcachd) ‘ride’, marcaiche ‘rider, horseman’, marcaireachd ‘horsemanship’, marc-shluagh ‘cavalry’.
Gnàthas-cainnt na Litreach: bha fathannan a’ dol: the rumour mill was working [lit. rumours were going].
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 460
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn