15: Sgeulachd à Tiriodh
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Sgeulachd à Tiriodh
Bha mi a-mach, o chionn trì seachdainnean, air mar is urrainn do chuid de bheathaichean cànan nan daoine a thuigsinn – agus – uaireannan – a bhruidhinn. Uill, tha dòigh eile ann airson coimhead air a’ chùis. ’S dòcha gu bheil e nas fhasa – ma tha sinn airson bruidhinn ri beathaichean – gun ionnsaich sinne an cànan acasan. Ach ciamar a dh’ionnsaicheas duine cànan nan ainmhidhean?
Uill, ’s dòcha le bhith a’ lorg nathair gheal. Co-dhiù, tha sin a-rèir seann sgeulachd a thathar ag innse fhathast ann an Tiriodh. Chan eil fhios agam co-dhiù tha nathraichean ann an Tiriodh an-diugh, neo an robh a-riamh, ach chan eil sin gu diofar. ’S e seo fìor sheann sgeulachd a bh’ air innse air feadh na Gàidhealtachd uaireigin.
A-rèir na sgeòil, cò air bith a gheibh nathair gheal agus a nì brot leatha, agus a dh’itheas a feòil, agus a dh’òlas am brot, gheibh e comas còmhradh nan eun agus còmhradh nam beathaichean a thuigsinn. Anns an sgeulachd, tha prionnsa òg ann a tha a’ fulaing air sgàth rìgh beartach sanntach a tha a’ dèanamh geur-leanmhainn air an t-sluagh. Latha a bha seo, dh’òrdaich an rìgh don phrionnsa a dhol a lorg nathair gheal dha.
Dh’fhalbh am fear òg agus thug e mìosan mus do lorg e dùthaich far an robh mòran nathraichean. Mu dheireadh thall, ann an sgoltadh domhain ann an creagan, lorg e tè gheal agus chaidh e dhachaigh leatha. Ged a bha am prionnsa uabhasach sgìth nuair a ràinig e lùchairt an rìgh, dh’òrdaich an rìgh dha dhol sìos don chidsin agus am brot-nathrach a dhèanamh ’s a bhad. Bha an rìgh coma ach gum faigheadh e am brot agus feòil na nathrach airson a bhracaist.
Tha sean-fhacal ann a chanas: “Is coma leis an rìgh Eoghain, ach is coma le Eoghain co-dhiù.” Tha fhios againn gu robh an rìgh anns an sgeulachd seo coma mun phrionnsa, ach chan eil e cho cinnteach gu robh am prionnsa a cheart cho coma mun rìgh. ’S dòcha gu robh, ach ’s dòcha gur e dìreach acras, agus am fàileadh math, a thug air am brot agus an fheòil fheuchainn. Agus bha iad cho blasda ’s nach b’ urrainn don phrionnsa sgur gus an robh e air a h-uile criomag dhen fheòil ithe, agus a h-uile boinne dhen bhrot òl.
O mo chreach! Mhothaich e don rud a rinn e agus bha an t-eagal air. Bhiodh fearg mhòr air an rìgh. Dh’fhalbh e a-mach agus thuirt e ris fhèin, “Càit’ am faigh mi nathair gheal eile ann an cabhaig?”
Chuala e guth os a chionn. “Chan fhaigh thu an seo co-dhiù,” thuirt an guth.
Choimhead am prionnsa os a chionn agus chunnaic e fitheach ann an craobh. ’S e am fitheach a bha a’ bruidhinn ris, agus thuig e ’s a mhionaid gu robh comas aige còmhradh nan eun agus còmhradh nam beathaichean a thuigsinn.
“Dè am fios a th’ agadsa air mo ghnothach?” dh’fhaighnich am prionnsa.
“Tha gu leòr,” ars’ am fitheach, “tha mi-fhìn is mo sheòrsa air a bhith a’ cumail sùil ort. ’S e an duine as fheàrr a choisinn an gliocas. Gabh air falbh bhon àite seo mus tachair cron dhut.”
Agus dh’fhalbh e. Aig deireadh na sgeòil, tha am prionnsa a’ cruinneachadh feachd de bheathaichean agus tha iad a’ fuadachadh an droch rìgh a-mach às an lùchairt aige, agus a-mach às an rìoghachd. Sgeulachd shnog gun teagamh, ach a bheil teachdaireachd innte dhuinn an-diugh? Uill, ’s dòcha gu bheil – ma lorgas tu nathair gheal, bidh an roghainn agad – fios a chur gu Dualchas Nàdair na h-Alba, neo brot a dheanamh dhith. Dè dheanadh sibhse?!
Faclan na na Litreach: nathair gheal: white snake; Tiriodh: Tiree; uaireigin: at one time; brot: soup; beartach sanntach: rich and greedy; sgoltadh domhain: deep cleft; lùchairt: palace; cidsin: kitchen; brot-nathrach: snake soup; ’s a bhad: immediately; fàileadh: smell; fitheach: raven; feachd: battle force; a’ fuadachadh: expelling; roghainn: choice.
Abairtean na na Litreach: o chionn trì seachdainnean: three weeks ago; gun ionnsaich sinn an cànan acasan: that we will learn their language; a thathar ag innse fhathast: which is still told; a-rèir na sgeòil: according to the story; cò air bith…a dh’itheas a feòil: whosoever…eats her meat (“nathair” is feminine); a thug air am brot agus an fheòil fheuchainn: that made him try the soup and meat; bha iad cho blasda ’s nach b’ urrainn don phrionnsa sgur: they were so tasty that the prince couldn’t stop; mhothaich e don rud a rinn e:he realised what he had done; ann an cabhaig: in a hurry; os a chionn: above him; thuig e ’s a mhionaid: he understood immediately; ’s e an duine as fheàrr a choisinn an gliocas: it’s the best man that earned the wisdom; gabh air falbh…mus tachair cron dhut: get away…before harm befalls you; Dualchas Nàdair na h-Alba: Scottish Natural Heritage; neo brot a dheanamh dhith?: or make soup of her?; dè dheanadh sibhse?: what would you do?
Puing ghràmair na na Litreach: Is coma leis an rìgh Eoghain, ach is coma le Eoghain co-dhiù. The king doesn’t like Ewen, but Ewen couldn’t care less. You might use this proverb to put down a detractor who has expressed a dim view of you! Coma as an adjective means indifferent, not caring, being disagreeable towards. Q: Dè do bheachd air a’ Mhillennium Dome?(what is your opinion of the Millennium Dome?) A: Tha mi coma mu dheidhinn (I am indifferent to it). Is coma leam e: I dislike it. Coma leat, a bhalaich, cha leag thu leas a dhol ann! (never mind, lad, you don’t need to go there!). Bha an rìgh coma mun phrionnsa (the king disliked the prince). Chan eil e cinnteach gu robh am prionnsa a cheart cho coma mun rìgh(it is not certain that the prince disliked the king to the same degree). Bha an rìgh coma ach gum faigheadh e am brot (the king was indifferent to everything, except that he should get the soup ie. he had only one thing on his mind – the soup!)
Gnàthas-cainnt na na Litreach: O mo chreach! Alas! (lit. Oh, my ruin!) This is a common expression of woe which can be used both in a serious situation to express sadness, and also to express surprise or disapproval in light-hearted conversation. If Oor Wullie spoke Gaelic his “Help ma Boab!” would possibly be “O mo chreach!” Also frequently heard (with similar meaning) is “Mo chreach mhòr!” and “Mo chreach ’s a thàinig!”
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn