Lorg mi abairt an latha eile ann an leabhar sheanfhaclan. Tha i a’ buntainn air daoine air a bheil cus cabhaig. Tha uiread de chabhaig orra rudeigin a
dhèanamh ’s nach eil iad ga dhèanamh cho math ’s a bu chòir. ’S ann à Siorrachd Pheairt a tha i: Pruidh, deirist, a bhò riabhach! ’S fheàirrd thu buarach!  Tha e a’ ciallachadh     “Come, stand still, brindled cow! You would be the better of a fetter!  Pruidh, deirist, a bhò riabhach! ’S fheàirrd thu buarach!
    Air an dearbh latha a leugh mi sin, thàinig mi tarsainn air sreath ghairmean a bhios daoine a’ cleachdadh nuair a tha iad ag èigheachd air beathaichean,
    agus ag iarraidh orra dhol gan ionnsaigh. Bha iad à Bàideanach. Ri bò, chanadh muinntir Bhàideanach  “Pruidh-dhè”.  Pruidh-dhè.
Chaidh mi gu faclair Dwelly agus bha e ann a sin ceart gu leòr.  Pruidh – call to cattle, cow or calf.  Bha  Pruidh-dhè  ann cuideachd, agus     pruidh-é  agus  pruidh-dhè bheag  a bharrachd air  pruidh seo  agus  pruigean.  
Tha e coltach gun deach na h-abairtean sin bho Ghàidhlig gu Albais no bho Albais gu Gàidhlig, oir tha am faclair Albais agam a’ toirt seo:     Prow, Pru, Prui, Prutchee, Ptru, Ptrui, Ptruch, Ptruchie  agus  Ptrumai  mar dhòighean airson a bhith a’ gairm air crodh – agus uaireannan
    air each no air eich.
    ’S e an sgoilear Gàidhlig, Alasdair MacBheathain, a sgrìobh am pàipear mu abairtean à Bàideanach – oir ’s ann à Bàideanach a bha e fhèin. Agus thuirt e
    rudeigin inntinneach mun fhacal a chleachdadh iad airson a bhith a’ gairm air each. Chanadh iad  “progaidh”.  Progaidh. Thuirt MacBheathain gur ann
    bhon Albais a thàinig sin don Ghàidhlig, ach gur ann bhon Fhraingis a bha e bho thùs – bho  approchez. 
    Cha chreid mi nach eil barrachd sa chumantas eadar a’ Ghàidhlig agus Albais na tha sinn ag aideachadh aig amannan. Bidh sibh eòlach, ’s dòcha, air an
    fhacal a chleachdas daoine airson bruidhinn ri caora no uan –  ciridh. ’S ann tric a chuala mi muinntir na Comraich ag èigheachd “Ciridh, ciridh,
ciridh!” ri caoraich nuair a bha mi òg. Uill, chaidh mi don fhaclair Albais agus bha am facal  K-e-e-r-i-e  ann –     Keerie –– a call to a lamb or sheep.
    Tha cuid de na gairmean eadar-nàiseanta. Mar eisimpleir,  puisidh  airson bruidhinn ri cat, agus  diug  no  diugaidh  airson labhairt
ri cearc. Ach bha abairt inntinneach eile aig MacBheathain airson bruidhinn ri cat no piseag – ’s e sin  stididh  – no uaireannan  tididh  no     stidean  no  stìdean. Bha e fhèin dhen bheachd gun tàinig iad sin bho Albais gu Gàidhlig oir tha  cheet  no  cheetie  ann an
    Albais a’ ciallachadh cat no piseag. Anns an t-seann Bheurla bha  chit  a’ ciallachadh beathach òg no piseag agus cluinnear  kit  fhathast
    airson cuilean sionnaich ann am Beurla.
    Ach dè chanas sinn ri cù? Uill, tha facal agam a bhios mi ag èigheachd ris a’ chù agam agus bidh e an-còmhnaidh a’ tighinn thugam. Nise, feumaidh mi ràdh
    nach eil Beurla aig a’ chù agam ann. ’S e cù Gàidhealach a th’ ann agus ’s e abairtean Gàidhlig an aon fheadhainn air a bheil e eòlach. Mholainn sin do
    dhuine sam bith agaibh a tha a’ beachdachadh air cuilean fhaighinn. Cùm Gàidhlig ris. Cha leig thu leas ach beagan abairtean ionnsachadh, agus tha e
    uabhasach math airson a bhith a’ toirt air clann, aig nach eil ach Beurla, beagan Gàidhlig fheuchainn.
    Agus an cù agamsa? Dè dh’èigheas mi ris a bheir e air ais thugam nuair a tha e a’ ruith sa phàirc? Dè th’ ann ach “Briosgaid!”