FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1338: Geamannan Gàidhealach (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Geamannan Gàidhealach (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu sheann gheamannan a bhathar a’ cluich ann an Uibhist. Anns a’ Cheltic Review rinn an t-ùghdar, Alasdair Moireasdan, tuairisgeul de dh’fhichead geama.

Tha Falach Fead co-ionann ri hide and seek. Bidh aon chluicheadair a’ còmhdachadh a shùilean fhad ’s a thèid càch am falach. Le fead, bidh an sealgair a’ fosgladh a shùilean, agus a’ lorg gach duine. Nuair a tha a h-uile duine aige, bidh a’ chiad duine a lorg e a’ dol na àite.

Tha Sgipiteach coltach ri tig ann am Beurla. Bidh sealgair a’ ruith chàich gus am buin e ri cuideigin. An uair sin, bidh an neach sin na shealgair.

Tha Mireag nan Cruach a’ cur Falach Fead agus Sgipiteach còmhla. Bha e air a chluich aig àm na buana nuair a bha cruachan arbhair ann. Tha an sealgair a’ ruith chàich, mar a tha ann am Falach Fead – agus na daoine eile am falach am measg nan cruach – ach chan eil e math gu leòr na daoine fhaicinn. Feumaidh e buntainn riutha mar a dh’fheumas ann an Sgipiteach.

Bha geama ann coltach ri Blind Man’s Buff. ’S e Bodachan an Doille Bhodaich a bh’ air. Bha neapaiginn air a ceangal timcheall ceann cuideigin, ga dhèanamh ‘dall’. Bha aige ri feadhainn eile a ghlacadh.

Bha an geama sin air an cluich a-muigh no am broinn taighe, ach bha Bualadh nam Boisean air a chluich a-mhàin fo chabair. Tha cuideigin a’ cur aodann air glùn duine eile. Tha e a’ cur a làmhan a-mach air a chùlaibh, agus na basan – no boisean – suas. Tha neach eile a’ bualadh basan a’ chiad duine. Feumaidh an duine ‘dall’ a ràdh cò th’ ann.

’S e geama eile a bh’ air a chluich a-staigh Falach a’ Phàipeir. Tha a h-uile duine ach aonan a’ fàgail seòmar. Tha an neach am broinn an t-seòmair a’ cur pìos pàipeir am falach. Thig càch a-steach agus nì iad rùrachadh airson a’ phàipeir. Nuair a tha cuideigin faisg air, bidh am falachair ag èigheachd, ‘Teth, teth!’ Nuair a tha iad a’ gluasad air falbh bhon phàipear, bidh e ag èigheachd, ‘Fuar, fuar!’ Nuair a lorgas cuideigin am pàipear, cha chan e guth, ach bidh e a’ suidh sìos. Tha a’ geama a’ leantainn gus an lorg a h-uile duine am pàipear.

Tha an cunntas a’ cur nar cuimhne mar a bhiodh daoine ri spòrs is dibhearsain nuair nach robh telebhisean no an t-eadar-lìon aca. Cuiridh mi crìoch air mo chunntas fhèin le tuairisgeul dhen gheama MacCruslaig ’s na Mucan.

’S e aon chluicheadair a’ Mhuc Mhòr. Air a cùlaibh, tha clann bheaga ann an sreath singilte. Is iad na ‘h-uirceanan’. Tha a h-uile ‘uircean’ a’ gabhail grèim air aodach an neach a th’ air thoiseach orra.

Tha ‘MacCruslaig’ a’ tighinn a-steach. Tha e ag ràdh ris a’ Mhuic Mhòir, ‘Chuir MacLeòid a dh’iarraidh muic mi. Am faigh mi i seo ...? Tha e a’ buntainn ri uircean.

Tha a’ Mhuc Mhòr a’ freagairt, ‘Chan fhaigh!’ Tha MacCruslaig an uair sin a’ dèanamh an aon rud leis a h-uile uircean. Leis an fhear mu dheireadh, bidh a’ Mhuc Mhòr a’ leum air beulaibh MhicCruslaig. Bidh an fheadhainn bheaga a’ feuchainn ri teicheadh agus bidh MacCruslaig a’ feuchainn ri greim a ghabhail air fear dhiubh. Spòrs gu leòr, gun teagamh!

Faclan na Litreach: fead: whistle; sealgair: the person chasing others in games like hide and seek; neapaiginn: handkerchief; uircean: piglet; an t-eadar-lìon: the internet.

Abairtean na Litreach: mu sheann gheamannan a bhathar a’ cluich ann an Uibhist: about old games that were being played in Uist; rinn an t-ùghdar, Alasdair Moireasdan, tuairisgeul de dh’fhichead geama: the author, Alexander Morrison, described twenty games; bidh aon chluicheadair a’ còmhdachadh a shùilean fhad ’s a thèid càch am falach: one player covers his eyes while the others hide; bidh a’ chiad duine a lorg e a’ dol na àite: the first person he found will go in his place; a’ ruith chàich: chasing the others; gus am buin e ri cuideigin: until he touches somebody; aig àm na buana nuair a bha cruachan arbhair ann: at the time of the harvest when there are cornstacks; ga dhèanamh ‘dall’: making him ‘blind’; bha aige ri feadhainn eile a ghlacadh: he had to catch others; am broinn taighe: inside a house; tha cuideigin a’ cur aodann air glùn duine eile: somebody puts his face on the knee of another person; tha neach eile a’ bualadh basan a’ chiad duine: another person hits the palms of the first person; feumaidh an duine ‘dall’ a ràdh cò th’ ann: the ‘blind’ person must say who it is; thig càch a-steach: the others come in; nì iad rùrachadh airson a’ phàipeir: they search for the paper; bidh am falachair ag èigheachd: the hider shouts; cha chan e guth: he doesn’t say anything; a’ cur nar cuimhne mar a bhiodh daoine ri spòrs is dibhearsain: reminding us how people would have fun and entertainment.

Puing-chànain na Litreach: Tha e a’ cur a làmhan a-mach air a chùlaibh, agus na basan – no boisean – suas: he puts his hands out behind him, with the palms upwards. Bas is the original word for the palm, with the nominative plural form basan. However, it is a feminine noun so traditionally slenderises in the dative singular case, giving us the dative form bois (air a’ bhois, fon bhois). Compare it with cas and cois. The dative singular form was used so much that it became, in several dialects, the nominative singular form of the word. Thus the nominative plural is often boisean, rather than basan.

Gnàthas-cainnt na Litreach: bha X air a chluich a-mhàin fo chabair: X was only played indoors [lit. ‘under roofing timbers’].

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 1034

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean